AN GREUSAICHE AGUS NA DAOINE-SÌTH

(1) Bha ann roimhe seo greusaiche, agus bha e ’na dhuine

fìrinneach, ceart.

(2) Bha e a’ saoithreachadh gu goirt, ach an dèidh a h-uile

rud a bha ann, cha b’ urrainn dha a chosnadh na chumadh beò e.

(3) Mu dheireadh chaill e a chuid a’n t-saoghal, ach uiread

leathraich agus a dhèanadh aon phaidhir bhròg.

(4) Anns an fheasgar ghearr e a-mach an leathar, a’ cur

roimhe èirigh moch anns a’ mhadainn a dhèanamh nam bròg.

(5) Bha inntinn ghlan agus cridhe sunndach aige am measg

gach cruaidh-chàs a thàinig air; chaidh e a laighe ann an sìth,

dh’ fhàg e ‘uile chùram air Dia, agus thuit e ’na chadal.

(6) Anns a’ mhadainn bha e a’ dol a shuidhe sìos gu ‘obair ; ach dè a chunnaic e? a’ phaidhir bhròg, deas, glan, ’nan

laighe air a’ bhòrd-oibre!

(7) Is gann a b’ urrainn don duine bhochd a shùilean a

chreidsinn, agus cha robh fios aige dè a theireadh e.

(8) Thog e na brògan agus sheall e thairis orra gu mion,

geur, ach aon ghreim mearachdach cha robh annta.

(9) Thàinig ceannaiche an là sin, agus thaitinn na brògan

cho math ris ’s gun do phàigh e orra gu toileach barrachd agus

a b’ àbhaist dha.

(10) Le prìs nam bròg chaidh aig a’ ghreusaiche air uiread

leathraich a cheannach agus a dh’ fhòghnadh airson dà

phaidhir bhròg.

(11) Anns an fheasgar ghearr e a-mach an obair, agus

ghabh e mu thàmh, a’ cur roimhe a bhith air bonn moch air

madainn.

(12) Ach bha a shaothair air a caomhnadh dha; oir an uair

a dh’ èirich e anns a’ mhadainn bha crìoch air an obair.

(13) Cha b’fhada gus an d’ thàinig ceannaichean a phàigh

gu math airson a chuid bròg ; agus bha a-nis aige na

cheannaich leathar cheithir paidhrichean eile.

(14) Aon uair eile ghearr e a-mach an obair tràth-feasgair,

gus a-rithist fhuair e deas, glan, i anns a’ mhadainn.

(15) Mhair seo car greis a dh’ùine.

(16) Na bhiodh gearrte anns an fheasgar bhiodh e air a

dhèanamh ’na bhrògan aig beul an latha.

(17) Is e a bha ann nach b’fhada gus an d’fhàs an duine

còir soirbheachail, beartach.

AN GREASAICHE AGUS NA DAOINE SÌTHE. (Ga leantainn)

(1) Air feasgar àraidh mu àm na Nollaige, mar bha e fhèin

agus a bhean ’nan suidhe taobh an teine, a’ còmhradh r’ a

chèile, ars’ esan rithe,

” Bu ghlè mhath leam fuireach air mo chois a-nochd, feuch am faicinn cò tha a’ tighinn agus a’dèanamh na h-oibre air mo shon.”

(2) “Nì sinn dìreach sin fhèin, a dhuine mo ghaoil,” ars’ a’

bhean.

(3) Dh’fhàg iad an solas laiste agus dh’fhalaich iad iad

fhèin air cùl clàraidh, ann an oisinn den taigh, a dh’ fhaicinn dè a thachradh.

(4) Mu mheadhan oidhche thàinig dà thàcharan bheag a-staigh agus gun snàthain aodaich orra.

(5) Shuidh iad sìos air bòrd-oibre a’ ghreusaiche, thog iad

na bha de leathar air a ghearradh a-mach, agus thòisich iad

air le ’n corragan beaga, a’ fuaigheal, agus a’ cnapadh, agus a’ bualadh, air a leithid a dhòigh ’s gun robh an greusaiche air a lìonadh le ioghnadh, agus cha b’ urrainn dha a shùil a thogail dhiubh.

(6) Shìn iad air an obair an sin gus an robh crìoch oirre,

agus na brògan rèidh, glan, air a’ bhòrd.

(7) Bha seo fada ro èirigh na grèine, agus an sin thàr

iad às mar an dealanach.

(8) An ath latha thuirt a’ bhean ris a’ ghreusaiche,

” Tha na daoine-beaga an dèidh ar fàgail beartach; tha sinn gu mòr ’nan comain ; agus bu chòir dhuinne coibhneas air choireigin a dhèanamh riutha-san.

(9) “Tha e a’ cur duilgheas orm a bhith ’gam faicinn ag

iorpais mar tha iad ; chan eil snàthain air an druim a chumas

a-mach am fuachd.

(10) “Innsidh mi dhuit de a nì mi; nì mi lèine bheag,

agus còta, agus briogais, do gach fear aca; agus dèan thusa

brògan dhaibh.”

(11) Thaitinn comhairle na mnà ris a’ ghreusaiche gu h-anabarrach agus air feasgar àraidh, nuair a bha gach nì

ullamh, dh’fhàg iad na deiseachan air a’ bhòrd, an àite na

h-oibre a b’ àbhaist dhaibh a ghearradh a-mach ; agus an sin

chaidh iad agus dh’ fhalaich iad iad fhèin a dh’fhaire

a dhèanadh na daoine-beaga.

(12) Mu mheadhan oidhche thàinig iad a-staigh, agus bha

iad a’ dol a shuidhe sìos an taice na h-oibre mar a b’ àbhaist

dhaibh ; ach an uair a chunnaic iad an t-aodach rinn iad glag

gàire agus bha othail mhòr orra.

(13) Chuir iad orra na deiseachan ann an tiota, agus

thòisich iad air dannsadh, agus air leum agus air gearradh

shìnteag an sin, gus mu dheireadh an do dhanns iad a-mach

air an doras agus a-nunn thar an àilein.

(14) Chan fhaca an greusaiche gu bràth tuilleadh iad ; ach

chaidh gach cùis gu math leis as a dhèidh sin, cho fada ’s a

bha e beò.

FACLAN

Ceangail gach facal ri facal gu h-ìosal aig a bheil ciall choltach.

a-null; a choimhead (a’ coimhead); balla-dealachaidh; bòcan; a’ sadadh; a’ strì; a’ cumail dùisgte/gun chadal; an cois na h-obrach; ròc gàire; gàirdeachas/subhachas; lèanag; a’ gearradh sùrdag/leum; gun stiall aodaich orra; thug iad na buinn às; (dh’fhalbh iad gu grad)

A’ fuireach air mo chois
Nì sinn dìreach sin fhèin
Clàraidh
Tàcharan
Gun snàthain aodaich orra
A’ cnapadh
Thàr iad às mar an dealanach
Ag iorpais
A dh’fhaire (a’ faire)
An taice na h-oibre
Glag gàire
Othail mhòr
Gearradh shìnteag
A-nunn
Àilean

 

CEISTEAN

  1. Dè chuir an greusaiche roimhe dèanamh?
  2. An robh a bhean ag aontachadh leis a’ bheachd aige?
  3. Ciamar a chìtheadh iad na daoine sìthe ann am meadhan na h-oidhche agus anns an dorchadas?
  4. Cia mheud duine sìth a chunnaic iad?
  5. An do rinn na daoine sìthe obair mhath?
  6. An dèidh dhaibh sin fhaicinn, dè chuir an greusaiche agus a bhean romhpa dèanamh an uair sin?
  7. Carson?
  8. An robh na daoine beaga toilichte leis na deiseachan a fhuair iad?
  9. Ciamar a tha fhios againn air?
  10. An do shoirbhich leis a’ ghreusaiche an dèidh do na sìthichean falbh?

NOTAICHEAN GRÀMAIR – freagair na ceistean

  1. Ann an earrann a ceithir, “thàinig dà thàcharan bheag a-staigh agus…”; carson a tha am buadhair “beag” air a shèimheachadh an seo?
  2. “Nì sinn dìreach sin fhèin e”

An seo, thafhèin air a chleachdadh gus cuideam a chur air “sin”.

Dè tha na h-abairtean a leanas a’ ciallachadh?

Ithidh tu duileasg mar sin fhèin i, no bruichidh tu beagan ro làimh i.

Sin thu fhèin, a dhuine chòir.

  1. “Thog iad na bha de leathar air a ghearradh a-mach.”

An do thog na daoine beaga a h-uile pìos leathar gearrte, no dìreach cuid dheth?

  1. Sìn air – “Shìn iad air an obair an sin”

Dè tha “sìn, sìneadh” a’ ciallachadh an seo?

  1. “Chan fhaca an greusaiche gu bràth tuilleadh iad.

Dè an diofar eadar na h-abairtean a leanas:

  1. Alba gu bràth

Alba gu bràth tuilleadh

2. Fhuair thu tuilleadh.

Fhuair thu tuilleadh ’s a chòir.

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s