Fighe Clò Hearaich air Beart Hattersley – Video le tar-sgrìobhadh

  1. Hattersley and Sons Ltd

Founded           1789

Defunct 1983

Geo. Hattersley was a textile machinery manufacturer from Keighley, West Yorkshire in England, founded in 1789 and responsible for the Hattersley Standard Loom and other types of loom.

Tha breabadair ag ullachadh airson clò ùr a chur dhan bheart. Tha e a’ toirt snàth an t-seann chlòtha tro shùilean nan iomallan a rèir pàtran a’ chlòtha ùir

 

Ag atharrachadh a’ phàtrain gu 8×8 herringbone (00:25)

pàtran /paːhdran/ fir. gin. ┐ iol. -ain pattern 2 patron

herringbone 矢はず[杉あや]模様(の織り方,縫い目), ヘリンボン.

A’ cur a’ chlòtha ma chrann(00:36)

crann /krauN/ fir. gin. ┐ iol. crainn mast 2 plough 3 beam

Feumaidh e nis an clò ur a chur ma chrann gus an tèid a chur dhan bheart. Tha e a’ toirt dlùth a’ chlòtha ùir às a’ phoca agus ga chur tarsaing air dà chrann eile. ’S e an dlùth an t-ainm a th’ air an t-snàth a tha a’ ruith fad a’ chlòtha.

dlùth  nm. g.v. dlùith, warp of a web たて糸

An dlùth (00:48)

Tha e a’ cur an dlùtha thairis air uidheam air a bheil rathail agus ga ullachadh airson a chur air a’ ghormainn.

An rathail (01:02)

rathail reed櫛の目が並んだような形態の筬(おさ)

An gormainn (01:04)

gormainn clothbeam 布巻き

Tha teann an dlùtha air a rèiteach ann an dòigh sònraichte agus feumaidh an breabadair slat a chur tro alt an dlùtha gus a chumail rèidh.

Slat tro alt an dlùtha

slat     nf. g. slaite; d. slait; pl.+an, rod, twig, switch, wand, yard, yardstick

alt      nm. g.v. uilt; pl. uilt, joint, joining, condition, order

Tha snath an dlùtha a-nis ga rèiteach air an rathail. Tha an dlùth deiseil gus a chur air a’ ghormainn.

A’ cur a’ chlòtha ma chrann (01:34)

Feumar a-nis an gormainn a thogail dhan bheart

A’ cur chothroman air a’ ghormainn (02:20)

cothrom /kɔRəm/ fir. gin. -uim, iol. -an chance, opportunity 2 balance, equilibrium 3 balance, scale (device) 4 impartiality, justice 5 power 6 advantage (in sports)

Feumar cothroman a chur air a’ ghormainn airson an dlùth a chumail teann nuair a thathas a’ figh’.

Tha am breabadair a-nis ag ullachadh airson dlùth a’chlòtha ùir a shnaidhm ris a’ cheann a chaidh fhàgail sa bheart den t-seann chlò.

Feumaidh e slatan a chleachdadh a-rithist airson alt an dlùtha a ghleidheil.

Tha an dlùth air a sgaoileadh a-mach gu rèidh gus am bi e deiseil airson a shnaidhm.

Feumaidh sùilean matha agus foighidinn a bhith agad airson faisg air seachd ceud snàthlainn a shnaidhm.

A’ gleidheil alt an dlùtha

A’ snaidhm (03:41)

snaidhm /sNaim/ gn. ag. -eadh knot, tie a knot!

snaidhm /sNaim/ fir. iol. -ean knot

Faodar a-nis na slatan a bha gleidheil an uilt a tharraing às an dlùth.

Tha am breabadair a-nis ag ullachadh airson dlùth a’ chlòtha ùire a tharraing tron bheart.

Na h-iomallan (04:22)

Tha e a’ suidheachadh leud a’ chlòtha agus a’ suidheachadh nan iomallan mar a tha iomchaidh.

A’ suidheachadh leud a’ chlòtha

A’ suidheachadh nan iomallan (04:58)

Mu dheireadh tha e deiseil airson aodach a thoirt oirre. ‘S e sin an clò ùr a thoirt tron bheart.

A’ toirt aodach oirre (05:08)

Tha am breabadair a-nis a’ lìonadh nan iteachan leis an t-snàth a dh’fhigheas cuir a’ chlòtha.

A’ lìonadh nan iteachan (05:21)

’S e an “cuir” an snàth a bhios a’ dol tarsaing bho thaobh gu taobh dhen chlò. Tha an snath a’ tighinn bhon mhuileann ann am bobanan mòra, agus feumar iteachain bheaga a lìonadh leis gus an tèid iad dhan spàl.

Bobanan (05:35)

Iteachain (05:42)

Ag atharrachadh an t-sèine a rèir a’ phàtrain (05:56)

Tha uidheam air a bheil sèine na beairt ri atharrachadh a rèir pàtrain a’ chlòtha ùir’.

A’ toirt tuilleadh aodaich oirre (06:13)

Tha am breabadair a’ toirt tuilleadh aodaich oirre an uair sin.

Ag atharrachadh spàl (06:43)

A’ cur iteachan dhan spàl (06:49)

Tha inneal air a bheil spàl ga chleachdadh airson snàth a’ chuire fhighe a-steach dhan chlò.

*snàth-cuir
sm Weft.

A’ gearradh an t-seann chlòtha aiste (07:13)

Tha fuigheagan an t-seann chlòtha a-nis rin gearradh aiste agus feumar an clò ùr a chur air gormainn eile – an gormainn aodaich.

A’ cur a’ chlòtha ùir’ air a’ ghormainn aodaich (07:28)

A-rithist tha cothroman air a’ ghormainn seo airson an clò a chumail teann.

Tha an fhighe cheart a’ tòiseachadh.

Tha an fhighe a’ tòiseachadh (07:44)

An ceann a dhà no trì làithean, tha an clò a’ tighinn faisg air a bhith deiseil.

 Tha an clò a’ tighinn gu ceann! (8:10)

 A’ gearradh a’ chlòtha às a’ bheart (08:27)

Thathas a’ gearradh a’ chlòtha às a’ bheairt agus a’ leagail a’ ghormainn aodaich.

Tha an dà chrann eile a-nis air an cleachdadh gus cuideachadh le pasgadh a’ chlòtha.

A’ pasgadh a’ chlòtha (09:05)

CRÌOCH

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s