Na h-Eileanan an Iar : tar-sgrìobhadh / transcription

Na h-Eileanan an Iar

 

Suidheachadh nan Eilean (00:06)

Tha na h-Eileanan an Iar suidhichte air taobh siar ceann a tuath na h-Alba. Tha iad air an dèanamh suas air diofar eileanan – na prìomh dhiubh sin: Leòdhas, Na Hearadh, Uibhist a Tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas agus Barraigh.

 

Sluagh (00:24)

Tha ochd fichead mìle neach a’ fuireach sna h-eileanan le trì-chairteal dhiubh sin ann an Leòdhas. Tha còrr math air còig mìle duine a’ fuireach ann an Steòrnabhagh fhèin – prìomh bhaile na h-Eileanan Siar.

 

Eachdraidh

Na Lochlannaich (00:36)

Bha buaidh làidir aig na Lochlannaich air na h-Eileanan, agus ged nach d’fhuair iad làmh-an-uachdar air ar cànan, chìthear a’ bhuaidh a bh’ aca air ainmean an àite.

 

Calanais (00:46)

Ach bha daoine a’ fuireach sna h-eileanan seo fada mus tàinig na Lochlannaich. Thathar den bheachd gu bheil tursachan Chalanais còig mìle bliadhn’ a dh’aois.

 

Gnìomhachas (00:55)

An t-iasgach

Bha gnìomhachas an iasgaich a’ cumail obair ri mòran dhaoine, agus aig deireadh an naoidheamh lìnn, b’ e iasgach sgadain a bha mòran ris. Bha cidhe Steòrnabhaigh a’ taomadh le bàtaichean iasgaich agus baraillean làn sgadain. Tha crìonadh air a thighinn air iasgach ge-tà agus ged a tha feadhainn fhathast a’ dèanamh bith-beò às, chan eil e faisg air cho làidir ’s a bha e .

 

A’ Mhòine (01:17)

Ann an Leòdhas, tha sinn air ar cuartachadh le mòinteach; fad lìnntean tha daoine air a bhith a’ dèanamh feum às a’ mhòine seo tro bhith ga bhuain airson blàths a chumail ris na dachaighean aca. Ged as e obair chruaidh a th’ ann ga bhuain, tha e an–asgaidh, agus le prìs a’ chonnaidh a’ sìor èirigh tha mòran dhaoine a’ dol air ais chun a’ mhòine.

 

Gnìomhachasan eile (01:38)

An-diugh, tha daoine a’ dèanamh am beò-shlaint à diofar ghnìomhachasan. O chionn ceudan de bhliadhnaichean, tha muinntir na h-eileanan air a bhith dèanamh clò dhaibh fhèin. Anns an naoidheamh linn deug, chaidh inbhe shònraichte a thoirt do chlò a chaidh a dhèanamh anns na h-Eileanan agus ’s e Clò Hearach a thug iad air an (t-)seòrsa clò(tha) seo. Aig aon àm, bha an gnìomhachas seo a’ cumail obair ri mòran, an dà chuid ann an dachaighean dhaoine far an robhar ag obair le beairtean agus ann am muileannan mòra. An dèidh don ghnìomhachas crìonadh anns na h-ochdadan agus na naochadan, tha Clò Hearach air fàs gu math fasanta aon uair eile, agus tha daoine a’ dèanamh iomadach rud annasach ’s inntinneach leis.

 

Marag Dhubh Steòrnabhaigh (02:20)

Tha baile Steòrnabhaigh cuideachd ainmeil airson biadh a th’ air a mheas air feadh na dùthcha – marag dhubh. Chaidh inbhe shònraichte a thoirt dha (dhi) o chionn ghoirid, agus tha seo a’ ciallachadh nach urrainn do dhuine sam bith eile a ràdh gur e marag Steòrnabhaigh a th’ air a’ mharag aca, mura deach a dhèanamh taobh a-staigh crìochan Urras Steòrnabhaigh. Tha còcairean ainmeil air a’ mharag a chleachdadh ann an dòighean blàsta, inntinneach, agus ma gheibh sibh an cothrom bu chòir dhuibh fheuchainn.

 

Feamainn (02:48)

Ann an dà mhìle ’s a sia, dh’fhosgail factaraidh ùr air iomall baile Steòrnabhaigh – companaidh feamainn Innse Gall. Tha iad a’ reic feamainn ann an iomadach cruth agus tha e air a c(h)leachdadh fad is farsaing air feadh na dùthcha. Tha daoine a’ geàrradh feamainn dhaibh agus tha iad cuideachd a’ gearradh feamainn le bàtaichean annasach a thàinig a-nall às na Stàitean Aonaichte.

 

Sgoil MhicNeacail (03:10)

Anns an Lùnastal 2012, dh’fhosgail sgoil ùr airson sgoilearan aig ìre àrd-sgoile ann an Leòdhas. Tha còrr air 1,000 sgoilear a’ frithealadh sgoil ’IcNeacail agus ’s e an sgoil as mutha anns an h-Eileanan.

 

Ceòl (03:24)

Tha ceòl traidiseanta fhathast làidir anns na h-Eileanan. Anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, tha seinneadairen agus luchd-ciùil às na h-eileanan air cliù mhòr a chosnadh dhaibh fhèin air àrd-ùrlaran air feadh an t-saoghail. Agus, tha iomadh cothrom aig òigridh na h-Eileanan diofar ionnsramaidean a chluich.

 

Bàrasglaich (03:41)

Le coimhearsnachdan làidir, tràighean àlainn faisg air làimh, taghadh de chur-seachadan a ghabhas dèanamh a-muigh ann an seallaidhean prìseil agus dòigh-bheatha sònraichte, ’s e àite air leth th’ anns na h-Eileanan Siar.

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s