An t-each iarainn le Iain MacNeacail “An Sgiobair” nach maireann, bàrd baile à Siadar, an t-Eilean Sgitheanach

An t-each iarainn le Iain MacNeacail “An Sgiobair” nach maireann, bàrd baile à Siadar, an t-Eilean Sgitheanach

 

  1. Chuala sibh mun each iarainn

’s mìorbhail e san t-saoghal seo:

cha chuir e feum air deoch na biadh;

chan iarr e srian na taod chur ann.

Nì mi falbh leis nuair as miann leam,

’s luaith’ na fiadh an aonaich e.

Cha ghearain e air a dhroch dhìol

’s cha drùidh sian an aonaich air.

 

  1. Seo an t-each dha bheil an t-iongnadh

gur iomadh aon tha eòlach air:

gun fheòil, gun ghaoiseid air a chnàmh,

e lom gun àite-còmhnaidh aig’.

Chan ionnan e is eich an t-slèibh’,

’s ann dh’fheumas tu gach dòigh thoirt dhaibh;

gur tric a bhios tu air do phianadh

a’ cur dìon mun phòr aca.

 

  1. Ach seo am fear nach iarr aon nì

de shlìobadh mar an seòrsa sin.

Chan eil mì-thlachd air ri inns’;

’s gura grinn an òrdugh e.

Gu h-aotrom gluaisidh e a cheum;

cha toir e leum ron bhòcan às.

Chan fhaic thu e ri gearradh shìnteag;

cha tèid e aig speed mar ’s deòin a chur.

 

  1. Nuair a leumas mi na dhìollaid,

’s e nach iarr an t-sràc thoirt dha.

Nì e siubhal leam na dheann;

cha chrom e cheann san làr orm.

Cha tig braon air a dh’fhallas,

anail cha dèan fàilneachadh.

Chan eagal leis ro nì air thalamh,

dh’aindeoin ’s na bheir tàire dha.

 

FACLAN FEUMAIL

 

  • na = no = or
  • srian – reins
  • taod – leash, lead
  • chan iarr e = it doesn’ t need
  • sian – elements, weather
  • nuair as miann leam – when I want/desire
  • air a dhroch dhìol – on its bad treatment
  • cha drùidh – doesn’t penetrate
  • gaoiseid – animal hair
  • lom – bare
  • slìobadh – stroking (m.e. / eg. a’ slìobadh peata – stroking a pet)
  • cha toir e leum – it doesn’t start / jump
  • ron bhòcan – at ghosts / bogies
  • nach iarr aon nì – that doesn’t request/ask for anything
  • gearradh shìnteag – bounding, hopping
  • mar as deòin a chur – mar a thogras e dhèanamh
  • dìollaid – saddle
  • an stràc – the stroke, the lash
  • nì e siubhal leam na dheann – it will travel with me at full speed
  • cha chrom e cheann – it won’t bend his head
  • braon – a drop
  • a dh’fhallus = de dh’fhallas
  • fàilneachadh – failing, exhausting
  • a dh’aindeoin ’s na bheir tàire dha – whatever/in spite of what harrasses him

 

Ceistean

 

  1. Dè th’ anns an each iarrainn?
  2. Dè nach eil an t-each iarrainn feumach air, agus dè nach leig Ian leas a dhèanamh ris?
  3. Cuin as urrainn do dh’ Iain ga thoirt leis air falbh?
  4. Innis dhomh cuid de na rudan as fheàrr mun each iarrainn
  5. Dè nach eil cho math mun each fhèin?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s