AN TÀILLEAR AGUS TAIBHSE CHILL AN IUBHAIR

 

 

O chionn fhada bha mòran a’ creidsinn gun robh cuid de na seann chladhan le làraichean sheann eaglaisean annta air an tathaich le taibhsean agus le bòcain gun àireamh. An dèidh tuiteam na h-oidhche, bu tearc iad le’m b’àill dol seachad air aon dhiubh, gu sònraichte ma bha e fad air falbh o ionaid-chòmhnaidh nam beò, agus bu teirce na sin iad aig an robh de an-dànachd gun rachadh iad a-staigh don àite mhì-chneasta rè uair shàmhach a’ mheadhain-oidhche.

 

  • Cladh – àite-adhlaic, àite far an tèid daoine marbha a thìodhlacadh – sa Ghàidhealtachd: far a bheil eaglais ann gu cumanta
  • Làraichean sheann eaglaisean – tobhtaichean de sheann eaglaisean
  • Air an tathaich le – taibhse no bòcain a’ fuireach ann
  • Taibhse – ghost’s e duine marbh a th’ anns an taibhse san sgeul seo
  • Bòcan – bogle
  • Lem b’àill dol seachad air – lem bu thoil/mhiannach dol seachad air

An-dànachd – foolhardiness; faodar dànachd a chleachdadh ann an seagh math no dona, ach chan e rud a tha ri moladh a th’ ann an an-dànachd idir.

  • Mì-chneasta – uncanny, perilous, ominous

 

EACARSAICH A

Cuir ceart na seantansan a tha ceàrr agus comharraich na seantansan nach eil ceàrr.

 

  1. Bha a h-uile seann chladh le làrach seann eaglaise air a thathaich le taibhsean agus bòcain.
  2. Cha robh miann aig mòran (daoine) dol seachad air cladh air an oidhche.
  3. Cha robh mòran (daoine) cho gòrach ’s gun rachadh iad a-staigh do chladh aig beul na h-oidhche.
  4. Cha robh mòran (daoine) cho gòrach ’s gun rachadh iad a-staigh do chladh ann am marbhadh na h-oidhche.

 

Gidheadh thairgeadh corra fhear neo-sgàthach an dearbhadh seo a thoirt seachad air a mhisnich. A dhèanamh an dearbhaidh cinnteach, bha claigeann duine air fhàgail ann am fròigean taobh a-staigh do làraich na seann eaglaise, agus cho luath ’s a bhuaileadh dà uair dheug a dh’ oidhche, rachadh e staigh don làraich ’na aonar, agus bheireadh e air ais leis an claigeann do dh’ àite far an robh a chompanaich a’ feitheamh r’a theachd.

 

  • Gidheadh –nevertheless
  • corra fhear – fear air choireigin
  • neo-sgàthach – gun eagal, dàna;
  • thairgeadh – …would offer to…
  • dearbhadh air a mhisnich – proof of his courage;
  • fròigean – lagan dorcha, crevices
  • a’ feitheamh r’ a theachd – a’ feitheamh ri a thighinn

 

EACARSAICH B

Freagair na ceistean a leanas anns a’ Ghàidhlig

 

  1. Dè bhiodh corra fhear a’ cur roimhe a dhèanamh?
  2. An robh an t-eagal air?
  3. Dè an t-ullachadh a dhèanadh iad ro làimhe?
  4. Carson?

 

Bha, uaireigin, tàillear ’na chòmhnaidh air baile Fhionnchuirn làimh ri taobh deas Loch Obha; agus air dha àicheadh gun robh taibhsean idir ann, thug

a choimhearsnaich dùbhlan dha a dhearbhadh dhaibh gun robh e an da-rìreadh le dol mu mharbh mheadhan oidhche do chladh Chill-an-Iubhair, agus an claigeann a bha an uinneag na seann eaglais’ a tha ‘tabhairt ‘ainm e don àite, a thoirt air ais leis.

 

  • Àicheadh – diùltadh creidsinn, deny,
  • mu mharbh mheadhan oidhche – in the dead of night
  • Cill an Iubhair – Kilnure (Church of the Yew (tree))
  • Fionnchuirn – Fincharn
  • Loch Ogha – Loch Awe

 

EACARSAICH C

Fìrinn no feall – Comharraich a bheil na seantansan a leanas fìor no fallsa. Sgrìobh seantansan fìor an àite nan seantansan nach eil fìor.

 

  1. Bha Tàillear ann a’ fuireach ri taobh Loch Obha.
  2. Bha e a’ creidsinn gun robh taibhsean ann an cladh Chill-an-Iubhair.
  3. Thug nàbaidh an Tàilleir rabhadh dha gun a dhol do chladh Chill-an-Iubhair mu mharbh mheadhan-oidhche.
  4. Tha an cladh air ainmeachadh air eaglais.
  5. Dh’iarr coimhearsnach an Tàilleir e a dhol don chladh mu mheadhan-oidhche gus na taibhsean fhaicinn.

 

Fhreagair an Tàillear gun tugadh e dhaibh dearbhadh a bu làidire eadhon na sin le paidhir thriubhais ‘fhuaigheal anns an eaglais eadar àm dhol a laighe agus gairm-choileach air an oidhche sin fhèin. Ghabh iad e air ‘fhacal; agus cho luath ’s a thàinig deich uairean a dh’ oidhche, chaidh e staigh don eaglais, shuidh e air lic-lighe a bha ’na laighe air ceithir puist, agus an dèidh dha coinneal laiste a chur làimh ris, thòisich e air ‘obair chianail, fhadalaich.

Chaidh a’ chiad uair seachad sàmhach gu leòr, am feadh bha e ‘fuaigheal, agus a’ cumail suas a mhisnich a’ seinn agus a’ feadalaich nam port a bu shunndaiche a b’ urrainn e a chuimhneachadh. Chaidh an dà uair

dheug mar an ceudna seachad, gidheadh chan fhaca ’s cha chual’ e nì air bith a chuir an sgàth bu lugha air.

 

  • Leac-laighe – gravestone, air lic-lighe (tuiseal ginideach)
  • a’ teachd = a’ tighinn
  • Coinneal laiste – a lit candle
  • Obair chianail, fhadalaich – his dreary, tedious task
  • am feadh bha e… – fhad ’s a bha e…; while he was
  • a’ feadalaich – whistling

 

EACARSAICH D

Freagair na ceistean a leanas.

 

  1. An robh an Tàillear tuilleadh ’s deònach a dhol a-steach don chladh?
  2. Dè bhiodh e a’ fuaigheal fhad ’s a bhiodh e ann?
  3. Ciamar a chìtheadh an tàillear an rud a bha e a’ fuaigheal sa chladh ann an dorchadas na h-oidhche?
  4. An robh an Tàillear a’ dèanamh sìon eile seach fuaigheal fhad ’s a bha e ann? Dè?

 

Ach uaireigin an dèidh sin chuala e fuaim a’ teachd o lic-lighe a bha eadar e ’s an doras; agus air dha fiar-shùil a thoirt ’na rathad bha leis gum fac’ e an talamh foipe ag èirigh ’s a’ tuiteam. Chuir an sealladh air tùs iongnadh air, ach an ùine ghoirid smuaintich e gum b’ e an nì a b’ adhbhar dha seo solas

neo-shocrach na coinnle ’s an dorchadas. Le sin, an dèidh dha crathadh a thoirt air a ghuailnean, thionndaidh e a-rithist r’a obair, agus chùm e air

fuaigheal agus air seinn cho sunndach ’s a bha e riamh.

 

  • Fiar-shùil – a side glance/look
  • Bha leis – shaoil leis; he thought
  • Air tùs – an toiseach
  • Solas neo-shocrach – unsteady light

 

EACARSAICH D (a’ leantainn)

 

  1. Cuin a thug an Tàillear an aire gun robh rudeigin a’ tachairt?
  2. Dè a shaoil leis a bha e a’ faicinn?
  3. Dè a bha e a’ smaointinn a thug air sin faicinn?
  4. An do chùm e air ag obair, no an do sguir e dheth buileach?

 

Goirid an dèidh sin thubhairt guth fròmhaidh, a thàinig a-mach on chloich cheudna: ” Siud a’ chròg mhòr liath, ’s i gun bhiadh, a Thàilleir.” Ach

fhreagair an Tàillear: “Chì mi sin, agus fuaighidh mi seo”; agus thòisich e air seinn agus air fuaigheal, mar bha e roimhe.

 

  • Guth fròmhaidh – a hollow voice
  • A’ chròg mhòr liath – the great, mouldy hand

 

An ceann tacain eile thubhairt an guth fròmhaidh ceudna le fuaim na b’àirde. “Siud an ceann mor, liath, is e gun bhiadh, a Thàilleir.” Ach fhreagair

an Tàillear a-rithist: “Chì mi sin, agus fuaighidh mi seo”; agus dh’ fhuaigh e na bu luaithe, agus sheinn e na b’ àirde na rinn e riamh.

 

An treas uair labhair an guth agus thubhairt e le fuaim a b’ àirde agus a bu neo-shaoghalta na rinn e fhathast: ” Siud an slinnean mor, liath, ’s e gun

bhiadh, a Thàilleir.” Ach fhreagair an Tàillear mar bu ghnàth leis: “Chì mi sin, agus fuaighidh mi seo,” agus chluich e an t-snàthad na bu luaithe, agus

tharraing e na greimeannan na b’ fhaide.

 

  • An ceann tacain eile – an dèidh greiseag eile
  • Neo-shaoghalta – unearthly
  • Slinnean – shoulder-blade
  • Tharraing e na greimeannan na b’ fhaide – he lengthened the stitches

 

Chaidh an obair seo air a h-aghaidh fad ùine, an duine marbh a’ leigeadh ris an ath uair a shlèiste, agus, mu dheireadh, a choise. An sin thubhairt e le

guth uamhasach : “Siud a’ chas mhòr, liath, ’s i gun bhiadh, a Thàilleir.” Aon uair eile fhreagair an Tàillear gu misneachail: “Chì mi sin, agus fuaighidh

mi seo.” Ach bha fios aige gun tàinig an t-àm dha teicheadh. Le sin chrìochnaich e ‘obair le dà no trì de ghreimeannan fada, agus snaim chruaidh air an ceann, shèid e às a’ choinneal, agus leum e mach an doras, an duine marbh ga leantainn agus a’ bualadh buille, a thàirneadh air-san, air peirceall an dorais far an d’ fhàgadh fad iomadh latha àil a làimh agus a mheòir.

 

  • A’ leigeadh ris – showing (Gàidhlig coitcheann: a’ leigeil ris)
  • A shlèiste – his haunch
  • A choise – his foot 
  • àil a làimh agus a mheòir – the impression of his hand and his fingers

 

EACARSAICH E

Lìon an clàr seo gu dòigheil

 

  Chunnaic an Tàillear.. Chuala e… Dè rinn e?
An toiseach an talamh fon lic-lighe ag èirigh ’s a’ tuiteam Fuaim o lic-lighe eadar e ’s an doras Chrath e a ghuailnean, agus chùm e air…etc.
Air a’ chiad uair làmh (cròg) mhòr, liath ? ?
Air an dàrna uair ? ? ?
Air an treas uair ? ? ?
Air a’ cheathramh uair ? ? ?
Air a’ chòigeamh uair ? ? ?

 

Gu fortanach thòisich a-nis coilich Fhionnchuirn air glaodhaich, agus an sin thuit am marbh air ais d’a uaigh, agus phill an Tàillear dhachaidh gu caithreamach.

 

  • Gu caithreamach – triumphantly, victoriously

 

EACARSAICH F

Lìon na beàrnan leis a’ Ghàidhlig cheart. Cleachd na faclan a leanas:

 

goirsinn, a’ leantainn, sguir, fhèin, moiteil, thill, de, le, moiteil, am fortan, buadhmhor

 

Mar a bha ___________ an dàn dha, thòisich coilich Fhionnchuirn air _______, agus ___ sin _______ an taibhse ___ bhith _________ an Tàilleir, agus _____ an Tàillear dhachaigh gu ______ agus ______ às _____.

 

EACARSAICH G

Cuir na h-abairtean coltach a leanas ri chèile. (Chan eil iad uile co-ionnan, ach tha iad coltach no co-cheangailte ann an ciall).

 

toirt, làmh, a-rithist, pròiseil, rèilig, gu fortanach, goirsinn, beul, àite-fuirich, caraid, uaigh, misneachd, fianais, meòir, mar a rinn e roimhe, làrach, dàna, goirid an dèidh sin, adhart, tannasg

 

Mar a bha am fortan an dàn
A’ glaodhach
Cladh
tuiteam na h-oidhche _____ na h-oidhche
Moiteil
Taibhse
ionad-còmhnaidh
dànachd
companach
tabhairt
cròg
dearbhadh
leac-lighe
neo-sgàthach
An ceann tacain
Mar bu ghnàth leis
Air a h-aghaidh air a h-_______
Aon uair eile
A chorragan a ________
Àil

 

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s