Cinnidhean ann an Eachdraidh na Gàidhealtachd

Le Iain Tormod MacLeòid, Òraidiche Eachdraidh na Gàidhealtachd, Sabhal Mòr Ostaig.

Ged as urrainn gach cinneadh a dhol air ais gu aon sinnsear (sì-seanair – eponym), le fìrinn, ’s e cruinneachadh gu math farsaing le ceanglaichean eadar-dhealaichte a bha ann an cinneadh.

Ged a bha dàimh is càirdeas is breith cudromach, bha mòran dhaoine ann an cinneadh tro uchd-mhacachd cuideachd.

Bha an cinneadh a’ toirt a-steach luchd-dèilig/luchd-eisimeil agus bha, mar gum b’ eadh, an teaghlach mòr seo a’ sìor fhàs.

Buidhnean ann an cinneadh

  1. An dlùth-chinneadh – na daoine a b’ fhaisge a thaobh fuil;
  2. Fìneachan – freumhan den chinneadh;
  3. Luchd-eisimeil – ’s dòcha an sluagh a bha anns an dùthaich roimhe seo;
  4. “daoine briste” – fògarraich bho chinnidhean eile, mar eisimpleir;
  5. Na teaghlaichean dùthchasach de phìobairean agus luchd-dreuchd.

Mar sin, chan e cinneadas a-mhàin a bha gan tàthadh ri chèile ach ùmhlachd.

Na Buannachdan a bha ann a bhith nad “bhall” de chinneadh.

Bha an ceann-feadhna air gabhail ris agus a’ gabhail air fhèin cuideachd mar athair a’ chinnidh. Bha a luchd-eisimeil air fad a’ toirt an urraim seo dha. ’S e an ath-dhuine as cudromaiche anns a’ chinneadh an dèidh an ceann-feadhna – an tànaiste. Bha esan air a chomharrachadh mar an ath-cheann-feadhna agus gu math tric, bha e na chommandair aig àm chogaidhean. Bha an t-urram as motha an uair sin a’ dol gu na daoine uasal, no na fir-taca, mar a chanar riutha san t-ochdamh linn deug.

Ged a tha cinnidhean a’ dol air ais ùine mhòr nar n-eachdraidh, bha a’ mhòr-chuid de chinnidhean Gàidhealach air an stèidheachadh eadar 1150-1350 agus grunnan linntean an dèidh seo. Air sgàth mì-chinnt san dùthaich air fad gu h-àraidh le Cogaidhean nan Saorsa an aghaidh Sasainn agus ùpraid bho àm riaghlaidh nan Lochlannach, bha cothrom air tighearnan agus teaghlaichean cumhachdach ionadail smachd fhaighinn air sgìrean fa leth na dùthcha. Air a’ Ghàidhealtachd, bha còraichean air talamh air an daingneachadh tro an dà chuid cinneadas agus fiudalachd le cead air talamh ga thoirt seachad bhon Rìgh fhèin. Air a’ Ghàidhealtachd cuideachd, bha buaidh na Gàidhlig gu bhith gu h-àraidh cudromach air dòighean obrachaidh cinnidhean agus cinneadas.

Na daoine as cudromaiche ann an cinneadh

Cuir ann an òrdagh iad sa chlàr seo.

luchd-eisimeil, tànaiste, Ceann-feadhna, na fir-taca,

  1. (as cudromaiche)
2.
3.
4.

Ceistean

  1. Cò a bh’ anns na fir-taca?
  2. Cuin a chaidh a’ mhòr-chuid de na cinnidhean a stèidheachadh?
  3. Ciamar a fhuair tighearnan agus teaghlaichean mòra ionadail smachd air sgìrean fa leth na h-Alba?
  4. Ciamar a chaidh còraichean air an talamh air a dhaingneachadh?
  5. Cò a bha a’ toirt an talamh seachad? (ga riarachadh, mar gum b’ eadh)
  6. Dè bh’ ann an Cogaidhean nan Saorsa?
  7. Dè a bha a’ tàthadh na cinnidhean ri chèile?
  8. Am feumadh a h-uile ball de chinneadh a bhith càirdeach ri chèile airson a bhith san aon chinneadh?
  9. Ciamar a bha daoine eile gan gabhail anns a’ chinneadh?
  10. Dè seòrsa dhaoine a bh’ annta?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s