Gnàthsan-cainnt “le”, “air”, “aig” agus “ri” / Seanfhaclan mu dheidhinn “Tost, sàmhchair”

Gnàthsan-cainnt

 

Lìon na beàrnan le “LE”, “AIR”, “AIG”, agus “RI”.

 

LE       AIR     AIG     RI

 

  1. Tha a fhreagairt glè fhaisg __________ Murchadh.
  2. Dh’fhalbh an t-arbhar ________ a’ ghaoith.
  3. Tha e a cheart cho fialaidh _______ na faoileagan.
  4. Na bi trom ____: chan eil _____ ach an òige.
  5. Bha na caileagan a’ cluich a-muigh ________ a’ ghealaich.
  6. Dè an obair ____ an robh thu ann an Glaschu?
  7. Cha d’ fhuair mis’ e: cha robh iarraidh _____ air.
  8. Cha robh mòran sgairte _____ a’ mhinistear an-diugh ann.
  9. Tha uisge mòr ann; gabh _____ fhèin gu math.
  10. Thiormaich sinn an t-iasg _____ a’ ghrèin.

 

Dè as ciall dha na gnàthsan-cainnt seo shuas? Dèan ceangal riutha.

 

  1. a’ cur air todhar
  2. dè bha thu a’ dèanamh (dreuchd)
  3. ri solas na h-oidhche
  4. a bhith cruaidh air
  5. cuir aodach blàth, dìonach ort
  6. thug a’ ghaoth air falbh e
  7. tha e an-còmhnaidh ullamh (deiseil) gu a bharail a thoirt seachad
  1. cha robh e beothail a’ bruidhinn.
  1. cha robh mi ga mhiannachadh
  1. tha e còir/gasta

 

 

 

SEANFHACLAN –

  • TOST, SÀMHCHAIR

 

A bheil gin de na seanfhaclan seo coltach ri feadhainn sa chànan agad fhèin?

 

  • Is math am modh a bhith sàmhach.

 

Am modh = giùlan, beus

 

  • Mas math leat sìth, càirdeas, agus cluain – èist, faic agus fuirich sàmhach.

 

Cluain(eas) = sàmhchair, fois (gu h-àraidh co-cheangailte ri seann aois an-diugh)

 

  • Thig math à mulad agus thig sonas à suaimhneas.

 

Suaimhneas = sìth, sàmhchair

 

  • Is seasgair sàmhach a’ chearc air a h-iris fhèin.

 

Seasgair = blàth, cofhurtail; *Beurla, snug Iapanais, 暖かい、くつろげる

 

  • Cha tèid fiach air beul dùinte, ’s cha tog balbhan fianais.

 

Balbhan – duine gun chomas bruidhne

 

  • Is ionnan tost agus aideachadh.

 

Tost = sàmhchair, clos

 

  • Saoilidh íad gu bheil e glic, ma bhios e tric na thost. (Measar amadan na dhuine glic ma dh’fhanas e sàmhach.)

 

  • B’ fheàrr a bhith sàmhach na droch dhàn a ghabhail.

 

  • Bi nad thost ’s nad chuimhne.

 

  • Nad chuimhne – cuimhneachail air, mindful

 

  • Bi nad thost ’s bi nad chomaidh.

 

Comaidh – ag ithe còmhla, gu h-àraidh às an aon soitheach, no truinnsear.

 

Gabh comaidh – take out of the same dish with him

 

Èirigh tonn air uisge balbh

 

Uisge balbh = uisge ciùin

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s