IASGACH AIR A’ MHUIR (no air loch mara)

 

FACLAN CUIDEACHAIDH

 

Piocach = saoidhean a tha 2-3 bliadhna a dh’aois

piocach

 

pollachius virens

Saoidhean

1d bhliadhna: cudaig, cudainn (cuddy)

2na bliadhna: smalag, piocach (small saithe)

3s bliadhna: saoidhean (sillock / saithe)

4mh bliadhna: saoidhean mòr (large saithe)

An dèidh a’ 4mh bliadhna: ucas (coalfish)

Sgadan

 sgadan

clupea harengus

Trosg

 trosg

Bodach-ruadh *trosg beag

 

Gadus morhua

Maghar de dh’ite na faoilinn = itean faoileig

 maghar

*faoileann = faoileag

a’ stalcadh an dubhain

stalcadh

Canar a’ biathadh an dubhain cuideachd

Iomair, ag iomradh, ag iomram, ag iomairt

 

ag iomradh

Iasgach bhàrr nan creag

iasgach bharr nan creag

A’ fannadh

 fannadh

= ag iomradh a’ bhàta gu socair fhad ’s a tha cuideigin eile sa bhàta ag iasgach

Ag iomairt ràmh

iomairt ràmh

Putag(an)

 putagan

1 oar-pin, rowlock, thole

Na ràimh   An tobhta     An taoman

raimh  an tobhta  taoman

 

Cuir an còmhradh seo anns an òrdagh dhòigheil. Lìon na beàrnan leis an fhreagairt no leis a’ cheist cheart.

 

FIONNLAGH                                                                                 DUIN’ EILE

Dèan taghadh bho na leanas:

 

  • ’N e piocach no sgadan a bha sibh a’ faotainn?
  • An robh gabhail mhath air an iasg?
  • Cia mheud agaibh a bha sa bhàta?
  • Cia mheud a ghlac sibh?
Dèan taghadh bho na leanas:

 

 

例:(1)Bha.

Bha sinn aig a’ Charraig.

Tha sibh ceart.

 

Fionnlagh                                                             An duine eile

  1. An robh sibh ag iasgach a-raoir ?
例:Bha.
  1. Càit an robh sibh?
Is ainmig a chunnaic mi nas fheàrr.
Seachd ceud.
  1. Cha robh sibh ’nur tàmh.
Bha sinn tacan ’gan toirt a-staigh cho luath ’s a b’ urrainn sinn.
Ceathrar.
  1. Bha triùir ag iasgach is aon a’ fannadh, nach robh?
Sgadan.

 

FACLAN FEUMAIL

Ainmig = ainneamh (seldom, めったに~); tacan = greis; cha robh sibh ’nur tàmh = 忙しかったね

Earrann 2

            FIONNLAGH                                                                     DUIN’ EILE

Dèan taghadh bho na ceistean a leanas:

  • Am b’fheudar dhuibh iomram dhachaidh ?
  • ‘N e na slatan no’n on a bh’agaibh ?
  • Dè mheudachd a bh’ innte ?
  • Cia mheud maghar as àbhaist a bhith air gach slait?
  • Chan Cuin a dh’fhàg sibh thall ?
Dèan taghadh bho na freagairtean a leanas:

  • ‘ S sinn.
  • ‘S iad a bha sin ; bha ’n fhairge mar gum b’ann air ghoil le ’n cluich.
  • Bha Iain Dheòrsa.
  • Bha maghar de dh’ite na faoilinn.
  • Ciamar sin?
  • Bha i aon uair cho dlùth ’s gum
  • faodamaid leum air a druim.

 

  1. An robh iad a’ cluich air uachdar

an uisge ?

Na slatan; cha robh an lìon deas

againn.

  1. Dè ’n seòrsa maghair a bh’ agaibh ?
Corr’ uair aon agus corr’ uair dithis.
  1. An sibh fhèin a bhios a’ stalcadh

nan dubhan?

  1. Am faca sibh mucan-mara ?
Bha tè mhòr ’nar cuideachd fad an

fheasgair.

Tha mi cinnteach gun robh i dà

fhichead troigh air fad.

  1. An robh i dlùth dhuibh?
  1. ‘S math nach robh còmhla

ribh.

Carson?
  1. Mun abradh tu seachd bhiodh iad

a-mach a dhannsadh orra.

Tog ded sgeig, Fhionnlaigh gheur.
  1. ‘N e sgeig a thuirt thu? Bi

taingeil nach d’ èirich nas

miosa.

  1. ‘N e nach eil thu taingeil nach do

smùid i san adhar thu, agus nach do shluig i thu ’n dèidh sin?

Chan eil math a bhith bruidhinn

riut-sa.

Mu naoi uairean a-raoir.
Cha b’fheudar; dh’èirich a’ ghaoth

’s chuir sinn na siùil rithe.

  1. Bha sgairt mhath ghaoith‘ againne

mu dheich uairean.

Cha b’ann na bu laige ‘bha i againne

‘mach.

  1. An robh dad de dh’fhairge agaibh ?
Bha i ’na meallan mun d’ ràinig sinn Cearara.
  1. Cò bh’ air an stiùir ?
  1. Chan amadan a stiùras bàta ri sìd

ghairbh.

 

FACLAN FEUMAIL

 

Deas = ullamh, deiseil  corr’ uair = uaireannan; tog de = sguir de;sgeig = fanaid, fochaid; nach d’èirich;smùid san adhar,(smùid na mara);fairge ’na meallan = mòr-fhairge

 

 

EACARSAICH – Fuaimneachadh

 

’S ann a tha pailteas ghiorrachaidhean ann an còmhradh na Gàidhlig far a bheil na faclan air am filleadh an lùib a chèile

 

Sgrìobh na giorrachaidhean sna seantansan seo bhon chòmhradh anns an iomlanachd.

 

Giorrachadh                                                                                  Iomlan

Mar eisimpleir:

’N e piocach no sgadan a bha sibh a’ faotainn?

 

 

An e piocach no sgadan a bha sibh a’ faotainn?

…a bha sa bhàta? a bha anns a’ bhàta?
’n seòrsa maghair a bh’ agaibh ?
Corr uair aon agus corr uair dithis.
An sibh fhèin a bhios a’ stalcadh

nan dubhan?

Tog ded sgeig, Fhionnlaigh gheur.
‘N e sgeig a thuirt thu? Bi taingeil nach d’ èirich nas miosa.
‘N e nach eil thu taingeil nach do smùid i san adhar thu, agus nach do shluig i thu ’n dèidh sin?
Bha sgairt mhath ghaoith‘ againne mu dheich uairean.
Cha b’ann na bu laige ‘bha i againne ‘mach.
Bha i ’na meallan mun d’ ràinig sinn Cearara.
Cò bh’ air an stiùir ?
Chan amadan a stiùras bàta ri sìd’ ghairbh.

 

 

 

 

Còmhradh a Dhà

Leugh an dàrna còmhradh seo, agus freagair na ceistean gu h-ìosal anns a’ Ghàidhlig.

Na Fir                                                                                                                                                 Na Mnathan

Fàilt’ oirbh, a mhnathan uaisle. An robh sibhs’ ag iasgach?
Tha sinn dìreach air tilleadh

uaithe.

Tha mi ’n dòchas gun do shoirbhich

leibh.

Fhuair sinn fichead cudainn agus

deich bodaich-ruadha.

B’fhiach e ’n t-saothair dhuibh dol

a-mach.

An d’fheuch sibh riamh iasgach

bhàrr nan creag ?

Cha d’fheuch.
‘S iomadh Ian clèibhe a fhuair

mise air an dòigh sin.

Ciamar a thèid sinn m’ a dheidhinn?
Chan eil agaibh ach àite coltach

fhaotainn agus an driamlach a

thilgeil.

‘S ann a dh’fheumas sinn ‘fheuchainn

feasgar eigin.

Tha mi ‘cluinntinn gu bheil sibh

teòm’ air iomram.

Theid againn air ràmh iomairt.
Am bheil e fìor gun do bhris sibh

putag an latha roimhe?

Tha, ’s chuir sinn cas umbrella ’na h-àite.
Mo bheannachd oirbh. Cuiribh na ràimh, an tobhta, agus

an taoman ann an àite tèarainte.

Slàn leibh air an àm.

 

CEISTEAN AIRSON CÒMHRAIDH A DHÀ

  1. Cia mheud iasg a ghlac na fireannaich?
  2. Dè seòrsa èisg a bh’ annta? Innis dhomh na h-ainmean eile orra.
  3. Ciamar a nithear iasgach bhàrr nan creag?
  4. An tèid aig na mnathan air bàta iomradh?
  5. Dè a dh’ iarr na mnathan air na fir a dhèanamh?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s