Ìle: “An t-Eilean Crom” le Mairead NicAsgaill (1959)

Chuir iomadh gaisgeach treun lorg a choise anns an eilean thorrach ghorm seo. Tharraing e thuige fèin gaisgich mar Ghoraidh Chròbhain, Lachlainn Dhubhairt is na Dòmhnallaich mhòra. Bhuilich e air an t-saoghal Iain Òg na Fèinne, Donnchadh MacIain agus Uilleam MacDhunlèibhe.

 

Tha an t-eilean air a roinn na sgìreachan: Cill mh’ Eithne, Cill mhael Rubha, Cill Dhaltain agus Obha agus Cill Chomain. Tha talamh air leth math anns an eilean agus tha sin a’ fàgail mòran thacannan air fheadh gu lèir – cuid ag àrach chaorach, cuid crodh-bainne, agus eile mart.

 

Ceist: Cia mheud sgìre (no paraiste) a tha ann an Ìle?

 

’S e uisge-beatha (no “drama” mar a their iad an seo) prìomh obair eile an eilein. Tha na taighean-staile ann am Bogha Mòr; Port Eilein; Lagphròaig; Lag a’ Mhuilinn; An t-Àrd Beag; Port Sgiobaidh; Caol Ìle agus Bun na h-Abhainne.

’S ann a bhios dà sheòrsa dhaoine a’ tighinn a dh’ Ìle a dh’fhuireach ann. Tha feadhainn ann a tha ag aideachadh gu bheil iad a’ tighinn am measg dhaoine aig a bheil dòigh-beatha agus cànan eadar-dhealaichte riutha fhèin; agus iadsan a tha den bheachd gur iadsan clann taghta Israeil, a’ tighinn a-steach a thàmh am measg fhine aineolach buirb. Seo an seòrsa a bhios a’ cumail bhaile air ghoil, a’ gearan nach fhiach tidsear na sgoile, nach eil fhios aige dè a tha e a’ dèanamh, gu bheil cus Gàidhlig air a teagasg san sgoil sin, gu bheil ise a’ dol a thoirt a cloinne gu sgoil a’ bhaile eile, nach eil i dol gam fàgail an-siud. Sin am fear a bhitheas aig inghinn-sa ris a’ Ghàidhlig a ghabhail san sgoil mhòir, gun sgrìobh esan a ràdh nach gabh!

 

Ceist: Dè seòrsa dhaoine a bhios a’ tighinn gu Ìle?

 

Ach, ged a tha iad sin searbh, tha iomadh duine a’ tighinn na choigreach a tha a’ cur cuid de luchd-labhairt na Gàidhlig gu ruadh gruaidhe, leis cho eudmhor ’s a tha iad air a’ Ghàidhlig a sheinn ’s a ionnsachadh ’s a bhrosnachadh.

 

Ceist: Dè no cò chuireas luchd-labhairt na Gàidhlig gu ruadh gruaidhe?

 

’S e an t-imrich sin a dh’adhbhraicheas gum bi clann gun Ghàidhlig a’ dol don sgoil còmhla ri cloinn le Gàidhlig, agus a chionn gu bheil e nis luaidhte ann am fuil an eileanaich, gur e an rud a tha bho thìr-mòr as fheàrr, ’s i a’ Ghàidhlig a ghèilleas, ’s a’ Bheurla a bhuannaicheas.

 

Ceist: Dè as adhbhar gu bheil a’ Beurla a’ faighinn làmh an uachdar air a’ Ghàidhlig anns an sgoil?

 

Chan eil, mar gun canadh tu, prìomh bhaile ann an Ìle idir. B’ e obair an fhearainn am prìomh bith-beò gus an tàinig obair na drama. Far an do dh’ èirich na taighean-staile, dh’ èirich nan cois taighean a tha air an togail nan sreathan, ann an dòigh a’ bhaile, is trannsa no clobhsa eadar na taighean. Air an dòigh sin dh’èirich Bogha Mòr, Port Eilein, Lagphròaig, Lag a’ Mhuilinn, An t-Àrd Beag, Port Sgiobaidh agus Bruaich a’ Chladaich, ach gu h-àraidh a’ chiad dhà, nam beag bhailtean air an càradh air fuidheall thuathanasan. Mur nach eil prìomh bhaile ann, tha an t-urram air a roinn eadar na dithis.

 

Ceist: Dè bha ann mus tàinig na taighean-staile?

 

Tha na h-Ìlich air daoine cho gasta ’s a luthaigeadh tu coinneachadh; coibhneil, gasta agus clis gu gàire. Tha seanfhacal ann a tha ag ràdh: “Bheat am Muileach an t-Ìleach, ach bheat an t-Ìleach an Deamhain.” ’S e an deamhain a tha mise ag ùrnaigh gum bèat iad a-rithist An Coigreach aineolach uaibhreach ’s a’ Bheurla bhuadhach!

Ceist: Nur faclan fhèin, dè tha an t-ùghdar, Mairead NicAsgaill, ag iarraidh do na h-Ìlich?

 

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s