Mu dheidhinn croitearachd

 

‘S e siostam de ghabhaltas fearainn a tha àraid do Ghàidhealtachd is Eileanan na h-Alba a th’ ann an croitearachd.

Tha mòran daoine den bheachd gur e taigh a th’ ann an croit, ach ‘s e th’ ann ach gabhaltas fearainn croite an ìre mhath beag, a tha sa bhitheantas air a chumail mar ghabhaltas agus dh’fhaodadh gu bheil no nach eil togalaichean no taigh ceangailte ris. Tha croitean a’ gabhail a-steach raon mheudan bho nas lugha na 1/2 heactair (ha) gu còrr is 50ha ach tha croit chuibheasach nas fhaisge air 5ha.

 

Ceistean

 

  • Dè th’ ann an croit?
  • Am feum togalaichean a bhith air an fhearann mus theirear “croit” ris?
  • Dè cho mòr ’s a tha croit san fharsaingeachd?

 

Tha 17,923 croitean ann is mu 10,000-12,000 teaghlach croitearachd a’ fuireach orra, le sluagh iomlan de mu 33,000.  ‘S e an croitear neach-gabhail na croite. Mar as trice, bidh an croitear a’ cumail na croite air na “cumhachan reachdail”, a tha a’ buntainn ris gach gabhaltas croite, agus cha bhi cùmhnant-màil sgrìobhte aige. Tha cuid de dh’fhearann croite a-nis air a shealbhachadh seach gu bheil an fheadhainn a b’ àbhaist a bhith nan luchd-gabhail, air am fearann a cheannach. Chan eil smachd sam bith ann a thaobh atharrachaidhean ann an sealbh fearann croite ach bidh an Coimisean a’ riaghladh gach atharrachadh ann an gabhaltas agus tha feum air cead sgrìobhte bhuaidhe airson gach sònrachadh a thathar a’ moladh.

 

Ceistean

  • Cò th’ anns a’ chroitear?
  • Dè tha sònraichte mun chùmhnant-màil aig croitearan?
  • A bheil na croitean uile ann an Alba air an gabhail air màl?
  • A bheil an Coimisean (Coimisean nan Croitearan) cudromach?
  • Carson?

 

Thathar a’ cleachdadh a’ bhriathair ‘sònrachadh’ ann an croitearachd gus mìneachadh a dhèanamh air gluasad maireannach gabhaltais bho aon neach gu neach eile. Ann am bliadhna àbhaisteach tha 400 gu 500 gabhaltas croite air an sònrachadh. Ann an còrr is leth dhiubh seo tha an croitear làithreach a’ toirt seachad na croite do bhall den teaghlach aca fhèin agus tha a’ mhòr-chuid de na gabhaltasan eile air an toirt seachad do dhaoine a dh’aithnicheas an croitear mar-thà. Tha fios againn gu bheil iarrtas mòr ann airson croitean, agus mar sin tha sinn a’ tuigsinn gum faod dìth fearainn daoine a dhì-mhisneachadh.

 

Ceistean

  • Cò dha a bhios còrr is leth-chuid de chroitean ùra air an toirt seachad?
  • A bheil mòran daoine ag iarraidh chroitean?

 

Ach, tha e fìor gu bheil grunn chroitean a’ dol air a’ mhargaid fhosgailte gach bliadhna. Mar as trice bidh iad seo air an sanasachd sa phàipear-naidheachd ionadail agus faodaidh neach sam bith le ùidh fios a chur chun an neach-gabhail no an neach-seilbh a tha a’ fàgail. Dh’fhaodadh gum bi croitearan eile, nach eil a’ cleachdadh an fhearainn croite aca ach a tha airson an taigh croite a chumail, deònach am fearann croite aca a shaoradh do dhaoine a tha airson tighinn a-steach do chroitearachd.

 

Ceistean

  • Ma thèid croitean air a’ mhargaidh fhosgailte, ciamar a thathas gan sanasachadh?
  • Dè dh’fhaodadh croitearan a bhith deònach a dhèanamh nuair a bhios iad airson an taigh croite aca a chumail gun a bhith ag obair air an fhearann tuilleadh?

 

Chan eil an seo ach toiseach a’ phròiseis. Tha a bhith a’ faighinn gabhaltas croite co-dhiù cho doirbh ri bhith a’ ceannach taigh àraid ann am margaid luchd-reic. Tha riatanasan laghail àraid ann cuideachd. Chan eil sealbh sam bith aig a’ Choimisean air croitean agus chan urrainn dha a dhol an gnìomh mar àidseant do neach sam bith a tha a’ sireadh croite.

 

Ceistean

  • An e pròiseas goirid no fada a th’ ann a bhith a’ faighinn croit?
  • Carson?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s