Seanchas Ìle – Pìos leughaidh beag à seanchas Dhonnchaidh MhicIain (1930an, Am measg nam Bodach)

Ann an Ìle, bha seann duine (bodach) a’ fuireach ann air an robh Thin. Bha e seachd deug agus ceithir fichead bliadhna a dh’ aois nuair a rinneadh posta dheth. Choilion Thin gach dleastanas a bha an crochadh ris an dreuchd sin, gu math agus gu ro mhath fad ceithir bliadhna. Thug e suas a’ Phostaireachd nuair a bha e ceud agus a h-aon, agus bha e glè bheothail iomadh bliadhna na dhèidh sin. Thathar ag ràdh gun do dh’fhàg Thin a’ phostaireachd le gonadh a chionn ’s nach d’ fhuair e each-iarainn mar a bha aig gillean eile. Dà bhliadhna an dèidh dha sgur den Phostaireachd, rinn e cathair dà-làimhe do m’ athair, le calltainn às a’ choille, agus tha i agam fhathast. Ma thig sibh agus suidhe innte, bidh e agaibh ri a ràdh gun do shuidh sibh ann an cathair a rinn duine a bha os cionn ceud bliadhna a dh’aois, agus fear a bhruidhinn ri cuid de na fir a bha le Prionnsa Teàrlach aig Cùil Lodair.

 

  • Dè seòrsa obair a fhuair Thin agus dè an aois a bha e nuair a fhuair e an obair?
  • An robh e math air an obair?
  • Dè cho fada ’s a bha e ris an obair sin?
  • Carson a dh’fhàg Thin an obair aige?
  • Dè rinn e do athair Dhonnchaidh MhicIain?
  • Dè an aois a bha e nuair a rinn e sin?

 

Eacarsaich

 

  1. Cuir an cànan agad fhèin air iad seo gu h-ìosal:

 

Posta –

A’ Phostaireachd –

Cathair dà-làimhe –

 

  1. Lorg na faclan anns a’ phìos leughaidh aig a bheil ciall coltach ris na leanas:

 

Mar eisimpleir:

 

  1. bodach ———– seann duine

 

  1. … ris an canadh…
  2. ..nuair a fhuair e obair mar phosta
  3. Leig e dheth a’ Phostaireachd nuair a bha e…
  4. le oilbheum
  5. baidhsagal
  6. an dèidh dha a’ Phostaireachd fhàgail
  7. faodaidh sibh cantainn
  8. còrr is
  9. fireannach
  10. fireannaich
  11. còmhla ri
  12. Cùil Lodain

 

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s