Sùil air Fàire : Le Eòin Dòmhnallach san Iris-naidheachd “An Croitear”, Ògmhios 2009


Dìreach na mo shealladh bho uinneag a’ chidsin againn, far am bi mi a’ cur seachad a’ mhòr earann de gach latha, chì mi mum choinneamh dà bhaile bheag bhòidheach; fear dhiubh ris an canar Peighinn a’ Ghobhainn agus am fear eile, ris an can sinn Heiribusta.

 

Tha eachdraidh ag ràdh gur iad Clann MhicArtair a bha a’ fuireach air tùs anns a’ chiad bhaile a dh’ainmich mi, agus gum b’ e gobha a bha anns an fhear dhiubh, a chaidh airson a’ chiad uair gu taigh an uachdarain a phàigheadh a mhàl.

 

Chòrd an duine ri ceann-feadhna nan Dòmhnallach agus ’s e buil a bh’ ann gun d’fhuair MacArtair còir a’ bhaile airson aon sgillinn ruadh de mhàl gach Bliadhn’ a thuilleadh air port pìoba ur nodha a chluich anns a’ chaisteal ann an Duntuilm gach latha Bliadhn’ Ùire. Theinnich Clann Ic Artair gu math anns a’ bhaile bheag seo fo sgàil nan cnoc agus cha b’ fhada gus an robh iad nan luchd obrach aig a’ Mhorair agus fear dhiubh na Phìobaire oifigeil sa chaisteal.

 

An ceann beagan ùine, chuir fear an Duine, Teàrlach am Pìobaire, a-null do Dhùn Bheagain airson ionnsachadh ann an cèol mòr fhaotainn bho Phàdraig Mòr MacCruimein, a bha cliùiteach air feadh Alba. A-rèir eachdraidh, chaidh gu math do Theàrlach, agus air dha tilleadh dhachaigh, chuir e air chois sgoil phìobaireachd aig Cnoc Phàill ann am Peighinn a’ Ghobhainn.

 

Bha cliù is urram a-nis aig Teàrlach còir agus thathar ag ràdh gur tric a thug Fear an Duine leis am pìobaire aige gu Galltachd gu bhith a’ coinneachadh ri uaislean is luchd-ciùil. Bha e air aithris gun do choinnich Teàrlach gu tric ri Raibeart Burns agus gun tug e don bhàrd iomraiteach seo iomadh fonn Gàidhealach ris an do chuir Burns bàrdachd a bhithear ag aithris is a’ seinn “cho fad ’s a mhaireas gaol is cèol.” Tha Teàrlach air adhlacadh ann an cladh Chille Mhoire; dlùth don bhaile anns an robh e fhèin is a chuideachd a’ tàmh. Gu mì-fhortanach, chan eil duine den fhine seo an-diugh beò, anns an sgìre.

 

FACLAN FEUMAIL

 

  • a’ mhòr earrann = a’ mhòr-chuid
  • den fhine seo = den t-sloinneadh, den chinneadh seo
  • air adhlacadh = air a thiodhlacadh = air a thòrradh
  • “cho fad ’s a mhaireas ceòl is gaol” – às an t-seanfhacal: Thig an saoghal gu crìoch, ach mairidh ceòl is gaol. (Màiri Mhòr nan Òran)
  • an ceann beagan ùine = an dèidh beagan ùine
  • air tùs = bho thùs – originally
  • aon sgillinn ruadh = one single penny
  • ceann-feadhna nan Dòmhnallach = ceann-cinnidh nan Dòmhnallach *chieftain

Ceistean

 

  • Càit am bi an t-ùghdar a’ cur seachad a’ chuid as motha den latha?
  • Dè a chì an t-ùghdar bho uinneag a’ chidsinn aige?
  • Dè fhuair MacArtair airson aon sgillinn de mhàl gach bliadhna?
  • Carson a chuir Fear an Duine Teàrlach am Pìobaire a-null do Dhun Bheagain?
  • Dè rinn Teàrlach am Pìobaire an dèidh dha tilleadh dhachaigh bho Dhun Bheagain?
  • Cò ris an do choinnich Teàrlach gu tric anns a’ Ghalltachd?
  • Dè thug e dha?
  • Càit a bheil Teàrlach air adhlacadh?

 

 

 

 

 

 

 

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s