Thilg e Bhuaithe na Bataichean – sanas-reic ’son cungaidh-leighis

  • Feuch agus leugh an cunntas seo air mar a bha cas duine air a leigheas le cungaidh sònraichte. ’S e sanas-reic (advertisement) a bh’ ann ann am pàipear-naidheachd Gàidhlig.
  • Ceistean
  1. Cuin a thàinig lot air a chois?
  2. Dè cho fad ’s a bha e air a chumail san leapa?
  3. Cia mheud lot a bh’ air a chois ann an 1883?
  4. Dè cho tinn ’s a bha an duine?
  5. Carson nach robh e airson a dhol don ospadal?
  6. Dè thug air Burdock Blood Bitters fheuchainn?
  7. Dè rinn e leotha?
  8. Dè thachair dha an dèidh aon/trì/sia botail òl?
  9. Carson a mholadh e gu toilichte BBB (Burdock Blood Bitters) do dhuine sam bith a tha a’ fulang?
  10. A rèir a’ chungaidhear leigheis, Mr F.C Sanderson, dè na rudan a tha BBB math airson leigheas?
  11. Carson an e “Thilg e bhuaithe na bataichean” an tiotal air an t-sanas-reic seo?

Thilg e Bhuaithe na Bataichean

Fad ochd bliadhna, bha lot air mo chois a thàinig oirre an dèidh dhomh a bristeadh. Chùm na dotairean mi san leapa còig mìosan a’ feuchainn ri a leigheas ach cha do rinn sin feum sam bith. Dh’fheuch mi gach seòrsa cungaidh-leighis ach cha b’ fheàirrde mi sin dad.

Ann an 1883 dh’fhàs i cho dona ’s gum b’ fheudar dhomh suidhe air aon chathair ’s mo chas air cathair eile fad cheithir mìosan. Cha b’ urrainn dhomh mo chas a chur fodham no spùtadh an fhuil às an lot ’s dh’atadh mo chas suas gu bhith a dhà uiread ’s a bu chòir dhi bhith. Bha aon lot deug oirre aig an àm seo agus cha robh ann dhìom ach na cnàmhan (chaill mi 70 punnd ann an ceithir mìosan.

Chomhairlich càirdean dhomh dhol don Ospadal, ach cha rachainn ann oir bha fios agam gun gearradh iad a chas dhìom. Bha an dotair an sin airson a fosgladh gus an cnàimh a ghlanadh ach bha mi ro lag airson sin fhulang. Cha chuala mi mu Burdock Blood Bitters riamh roimhe sin, ach leugh mi mu mhinistear, an t-Urr. Mr . Stout, a bha air a leigheas de dhroch at air a mhuineal le B. B. B. an dèidh do gach leigheas eile fairtleachadh air, agus smaoinich mi gum feuchainn fhèin e. Nigh mi mo chas leis na Bitters agus ghabh mi e mar a bha air iarraidh.

An dèidh dhomh aon bhotal òl choisichinn air bataichean, an dèidh trì òl , thilg mi bhuam na bataichean ’s chaidh mi a-mach a spealadh feòir. An dèidh sia botail a ghabhail bha mo chas air leigheas suas; bha na cnamhan fuasgailte air tighinn aiste, ’s thàinig na fèithean air ais do an àitean fhèin. Tha naoi bliadhna bhuaithe sin ’s cha do dh’fhosgail i riamh bhuaithe sin, ’s an-diugh coisichidh mi còig mile cho luath ri neach sam bith, ’s faodaidh mo thaing sin a thoirt do B. B. B. a rinn mo chas a chaomhnadh dhomh, mura do rinn mo bheatha. Molaidh mi e gu toilichte do neach sam bith a tha fulang. Cuir deuchainn air B. B. B, ’s leighsidh e thu mar a leighis e mise.

UILLEAM MACNEE St. Ives P. O. Ont.

 

Tha Mr . F. C. Sanderson, fear-reic

chungaidh-leighis aig St. Mary’s Ontario, a’

toirt dearbhadh gu bheil na tha Mr . Mac

Nee ag ràdh fior ged is iongantach e agus ag

ràdh gun do rinneadh leigheasan iongantach

eile anns an àite sin le B. B. B, ’s nach

eil leithid ann airson droch fhuil, droch

stamag, ceangal-cuim, agus gach seòrsa

euslaint a tha buailteach don stamaig,

don ghrùthan agus don fhuil.

  • Ma tha ùine agad, sgrìobh sanas-reic coltach ri seo mu dheidhinn cungaidh cumanta a th’ air a reic le cungaidhearan.

 

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s