An Taigh

Cuir ainmean ri pàirtean an taighe seo.

an seilear; an gàrradh; an doras-aghaidh; an fhor-uinneag; an uinneag; an làr; an làr àrd; an làr ìosal; an druim; am mullach; am balla; a’ gharaids; a’ ghlas; an iuchair

taigh

FLAT ÙR-NOSACH

Nota: Anns an taigh, theirear “air an làr” ach taobh a-muigh an taighe, theirear “air an talamh”. Mar eisimpleir, “Thuit a’ ghlainne dhen bhòrd air an làr”, agus, “Thuit an duine bochd air an talamh.”

 

Cuideachd, theirteadh “lobhta” ri làr fiodha ann an cuid de dhualchainntean, leithid Gàidhlig Ros an Iar agus Gàidhlig Dùthaich MhicAoidh. Le sin, lobhta-làir = an làr ìosal; lobhta àrd = an làr àrd*

*Theirteadh “uthard (urrad)” ri “àrd” ann an Gàidhlig tirmòr, leithid ann an Dùthaich MhicAoidh agus cuid de bhailtean Ros an iar.

 

Dè na h-ainmean a chuireadh tu air na seòmraichean seo?

What names would you give to the rooms in this apartment?

flat_ùr-nodha_le ainmean

 

EACARSAICHEAN

 

  1. Freagair na ceistean

 

  1. Càit am bithear a’ cadal?
  2. Càit an cuirear an càr?
  3. Ciamar a dh’fhosglar an doras?
  4. Càit am bithear ag ithe?
  5. Càit am bithear a’ coimhead an telebhisein?

 

  1. Lìon na beàrnan leis na faclan seo:

Uinneag ; garaids ; seilear ; cidsin ; for-uinneag ; seòmar-cadail

 

  1. Chuir Catrìona na fliùraichean aice air an ____________.
  2. Tha _________ mòr fon taigh seo.
  3. Tha a’ chlann a’ riagail anns an ___________ aca.
  4. Tha mi a’ deasachadh a’ bhìdh anns an _______________.
  5. Abair gu bheil e blàth a-staigh! Fosglamaid an ____________.
  6. Tha an càr anns ____ _______________.

 

  1. Thoir às am facal seachranach.

 

  1. seòmar-ionnlaid / trannsa / taigh-beag
  2. seòmar-bìdh / seòmar-suidhe / seòmar-cadail
  3. druim-taighe / seilear / fon taigh
  4. balla / cidsin / mullach
  5. gàrradh / doras-beòil / trannsa
  6. uinneag / cidsin / doras
  7. talamh / iuchair / glas

 

  1. Dè an taigh a b’ fheàrr leat? Mìnich do na sgoilearan eile e.

 

Abairtean airson do chuideachadh

 

  • ’S e an taigh a b’ fheàrr leam…. taigh anns am biodh …..
  • Anns an t-seilear, bhiodh ….
  • Bu toil leam / bu mhath / bu mhiann leam (ceithir seòmraichean-cadail…)
  • Agus dh’fheumadh, gun teagamh, dà ………… bhrèagha a bhith ann.
  • A, dhìochuimhnich mi …..bhithinn ag iarraidh e a bhith …….(meadhanach mòr)…

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s