Fèilltean nan uan sàmhach – Foillsichte 14/09/2013 00:00 (Pàipear-naidheachd “An t-Albannach”)

MUS bi uain air an reic tha obair ri dheanamh. Feumar an cruinneachadh ’s an cur air leth oir tillear na h-othaisgean a tha ri’n cumail, còmhla ri am màthraichean, air ais don mhonadh. Bidh an fheadhainn a tha a’ dol chun na fèille air an sgioblachadh ’s air an glanadh. Chan eil rud ann a mhilleas ìomhaigh chàich na beathach air a bheil an spùt. Canaidh iad, “Millidh aon othaisg chlaimheach an treud.”

Se latha sònraichte a bh’ ann riamh nuair a bha fèill nan uan ann am baile. Bhiodh Port Rìgh, Inbhir Pheofharain, an Luirg agus bailtean eile air feadh na Gaidhealtachd a’ cur thairis, chan ann a-mhàin le uain, ach le daoine. Bhiodh na marsantan ’s na h-òstairean air an dòigh, oir bhiodh acras agus tart orrasan a bha ag iomain nan uan. Choinnicheadh feadhainn nach fhaiceadh a-chèile ach corra uair fad na bliadhna agus sann ann a bhiodh a’ bhleadraich.

Tha cùisean air atharrachadh, oir tha àireamh nan uan nas lugha agus chan eil na fèilltean cho trang. Tha sin an dèidh fìor dheagh shamhradh far an tug measgachadh de theas na grèine agus na dh’fhòghnas de dh’uisge am bàrr air adhart gu pailteas.

Bha droch gheamhradh ann an-uiridh le fuachd, citheachan sneachda le caoraich fodhpa, tuiltean, tractaran a’ steigeadh san eabar. Chailleadh mòran de chaoraich a bha a’ giùlan uain ’s an àite feadhainn eile cheannach aig toiseach an fhoghair am-bliadhna air son an àite ghabhail, bha mòran de chroitearan air an sgreamhachadh leis an droch shìde ’s cha do cheannaich iad mar a bha dùil.

Tormod E Dòmhnallach

FACLAN FEUMAIL

Fèilltean                       fares, markets (for livestock)   市場

cuir air leth                   dealaich, separate                    分離する

othaisg                         caora a tha mu bhliadhna a dh’aois

an spùt                         scours, diarrhoea                     下痢

othaisg chlaimheach     scabby 1-year old ewe (an claimh = sheep scab; 傷跡)

a’ cur thairis                 loma làn, trang

a’ bhleadraich               a’ chabadaich;Beurla Ghallta: blethering

am bàrr            am feur 農作物

citheachan sneachda   snow drifts;                  雪の吹き寄せで埋まった

 

  • Millidh aon othaisg chlaimheach an treud.

傷跡のある羊が一頭でもいれば、群全体の値段が下がってしまう。◆ことわざ

 

CEISTEAN

  1. Carson a b’e latha sònraichte a bh’ ann nuair a bha fèill nan uan ann am baile?
  2. Nad fhaclan fhèin, mìnich carson a bha na marsantan agus na h-òstairean “air an dòigh”.
  3. Carson a bha feadhainn de na caoraich air an sgioblachadh ’s air an glanadh?
  4. A bheil na fèilltean cho trang san latha an-diugh ’s a bha iad?
  5. Bha samhradh air leth math ann am-bliadhna airson ionaltradh, ach fhathast, chan eil na fèilltean trang….carson?   (ionaltradh: grazing; 放牧)
  6. Innis nad fhaclan fhèin dè na duilgheadasan a bh’ aig croitearan sa gheamhradh an-uiridh.
  7. Carson nach do cheannaich mòran de chroitearan uiread de chaoraich ’s as àbhaist dhaibh?

 

 

 

 

 

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s