lASGACH AIR A’MHUIR, SEA-FISHING

An robh sibh ag iasgach a-raoir ? Bha.
Càit an robh sibh? Bha sinn aig a’ Charraig.
An robh gabhail mhath air an iasg ? Is ainmig a chunnaic mi nas fheàrr.
Cia mheud a ghlac sibh ? Seachd ceud.
Cha robh sibh ’nur tàmh. Bha sinn tacan ’gan toirt a-staigh

cho luath ’s a b’urrainn sinn.

Cia mheud agaibh a bha sa bhàta ? Ceathrar.
Bha triùir ag iasgach is aon a’

fannadh, nach robh?

Tha sibh ceart.
‘N e piocach no sgadan a bha sibh

a’ faotainn ?

Sgadan.
An robh iad a’ cluich air uachdar

an uisge ?

‘S iad a bha sin ; bha ’n fhairge mar

gu’m b’ann air ghoil le ’n cluich.

‘N e na slatan no’n on a bh’agaibh ? Na slatan; cha robh an lìon deas

againn.

Dè ’n seòrsa maghair a bh’ agaibh ? Bha maghar de dh’ite na faoilinn.
Cia mheud maghar as àbhaist a bhith

air gach slait?

Corr’ uair aon ‘us corr’ uair dithis.
An sibh fhèin a bhios a’ stalcadh

nan dubhan?

‘ S sinn.
Am faca sibh mucan-mara ? Bha tè mhòr ’nar cuideachd fad an

fheasgair.

Dè mheudachd a bh’ innte ? Tha mi cinnteach gun robh i dà

fhichead troigh air fad.

An robh i dlùth dhuibh? Bha i aon uair cho dlùth ’s gum

faodamaid leum air a druim.

‘S math nach robh còmhla

ribh.

Carson?
Mun abradh tu seachd bhiodh iad

a-mach a dhannsadh orra.

Tog ded sgeig, Fhionnlaigh gheur.
‘N e sgeig a thuirt thu? Bi

taingeil nach d’ èirich nas

miosa.

Ciamar sin?
‘N e nach eil thu taingeil nach do

smùid i san adhar thu, agus nach do shluig i thu ’n dèidh sin?

Chan eil math a bhith bruidhinn

riut-sa.

Chan eil. Cuin a dh’fhàg sibh thall ? Mu naoi uairean a-raoir.
Am b’fheudar dhuibh iomram

dhachaidh ?

Cha b’fheudar; dh’èirich a’ ghaoth

’s chuir sinn na siùil rithe.

Bha sgairt mhath ghaoith‘ againne

mu dheich uairean.

Cha b’ann na bu laige ‘bha i againne

‘mach.

An robh dad de dh’fhairge agaibh ?  

Bha i ’n a meallan mun d’ ràinig

sinn Cearara.

Cò bh’ air an stiùir ? Bha Iain Dheòrsa.
Chan amadan a stiùras bàta ri sìde

ghairbh.

 

 

Fàilt’ oirbh, a mhnathan uaisle. An robh sibhs’ ag iasgach?
Tha sinn dìreach air tilleadh

uaithe.

Tha mi ’n dòchas gun do shoirbhich

leibh.

Fhuair sinn fichead cudainn agus

deich bodaich-ruadha.

B’fhiach e ’n t-saothair dhuibh dol

a-mach.

An d’fheuch sibh riamh iasgach

bhàrr nan creag ?

Cha d’fheuch.
‘S iomadh Ian clèibhe a fhuair

mise air an dòigh sin.

Ciamar a theid sinn m’ a dheidhinn?
Chan eil agaibh ach àite coltach

fhaotainn agus an driamlach a

thilgeil.

‘S ann a dh’fheumas sinn ‘fheuchainn

feasgar eigin.

Tha mi ‘cluinntinn gu bheil sibh

teòm’ air iomram.

Theid againn air ràmh iomairt.
Am bheil e fìor gun do bhris sibh

putag an latha roimhe?

Tha, ’s chuir sinn cas umbrella ’na h-àite.
Mo bheannachd oirbh. Cuiribh na ràimh, an tobhta, agus

an taoman ann an àite tèarainte.

Slàn leibh air an àm.

 

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s