PALLA NA MAIGHDINN

 

Tha, ann an Loch Claidh, air an taobh a tuath, mar a thèid sibh a-staigh gu uachdar an locha, lèanag ghorm fo bhonn creigeadh ris an canar Palla na Maighdinn. Is iongantach gu bheil fhios aig mòran dhaoine mar a fhuair an t-àite-sa an t-ainm; agus seo mar a chuala mise mar a fhuair an t-àite an t-ainm.

 

Mapa de na Hearadh, a’ sealltainn Loch Claidh (1) agus Loch Bhroluim (7)

Loch Claidh_na Hearadh

Loch Claidh, na Hearadh.

Bha uaireigin daoine a’ fuireach ann an uachdar Loch Bhrolaim, mun deachaidh na daoine a chur air falbh, a-null thairis, cuid aca – agus tha na feannagan a bh’ aca ri fhaicinn gus an latha an-diugh, ged a tha fraoch a’ còmhdach a’ chuid as motha dhen talamh.

Bha tuathanach àraid a’ fuireach anns an àite seo ann an uachdar Loch Bhrolaim, aig an robh ochdnar chloinneadh. Agus bha searbhant’ aige às na Hearadh, nighean òg a bh’ air seirbheis aige – cha robh e duilich searbhanta fhaighinn anns an latha ud. Cha robh iad a’ pàigheadh na h-uimhir dhaibh – Ach, co-dhiù, nuair a bhiodh an nighean airson a dhol dhachaigh a choimhead air a pàrantan, ’s ann le eathar a bhiodh an duine ga cur dhachaigh, agus bhiodh e ga cur air tìr ann an Caolas Sgalpaigh agus bhiodh i a’ coiseachd à sin gu a dachaigh. Nuair a thòisich e an toiseach ga cur dhachaigh leis an eathar, b’àbhaist dha bhith tilleadh an oidhche sin gu a dhachaigh ann an uachdar Loch Bhrolaim. Ach, an dèidh sin bhiodh e a’ toirt oidhche air falbh mun tilleadh e, agus ’s ann a theann a bhean a’ gabhail droch amharas nach robh cùisean mar bu chòir dhaibh eadar an t-searbhanta agus an duine.

Loch Bhroluim_naHearadh

Loch Bhroluim, na Hearadh

 

An latha a bha seo, thuirt an t-searbhanta gun robh aice-se ri dhol dhachaigh, agus dh’aontaich an duine gun cuireadh e dhachaigh i mar a chleachd e. Sheòl an t-eathar air falbh an làrna-mhàireach air uachdar Loch Bhrolaim. Bha latha brèagh’ ann agus bha a’ ghaoth fàbharach. Nuair a thàinig an oidhche, ’s a chuir bean an tuathanaich a’ chlann a chadal – bha mullach gealaich ann ’s bha an t-sìde socair – rinn i às tarsaing a’ mhonaidh, ’s nuair a nochd i os cionn Loch Claidh rinn i a-mach gun robh eathar air acair ann an uachdar an locha, agus mhothaich i do cheò às àirigh a bhiodh aig iasgairean ghiomach ann an taobh an locha.

Briog an seo airson fiosrachadh (Beurla) mu dheidhinn nan àirighean.

seannairigh

Seann ÀIRIGH, agus chithear an luidhear (similear) le ceò às

Chrom i sìos air a socair gu fiatach gus an d’ fhuair i gu bàrr a’ bhalla – balla na h-àirigh – agus nuair a sheall i a-staigh an tallan far am biodh a’ cheò a’ dol a-mach, mhothaich i gun robh an duin’ aice fhèin agus an t-searbhanta ann an sèid rainich air an làr. Agus bha teine aca air a chur air, agus bha prais air an teine. An ceann treiseag thuirt an t-searbhanta ris an duine gun robh an t-àm aige a’ phrais a thoirt far an teine, gun robh i a’ smaoineachadh gun robh na maragan a-nise bruich. Dh’èirich an duine agus thug e a’ phrais far an teine, agus chuir e a-mach i chun an dorais airson gu fuaraicheadh i.

An tallan = balla-tarsaing eadar a’ bhàthaich (For Cattle) agus an teallach ( an teine).

taighdubh

Chrom am boireannach far na tobhta gu fiata socair. Fhuair i greim air a’ phrais, ’s thill i air ais suas gus an luidhear far an robh i roimhe, agus bha an t-searbhanta dìreach foidhpe anns an t-sèid – bha an duine ag obair a’ pirteanachadh an teine. Cha do rinn i càil ach a’ phrais a dhòrtadh air an nighinn bhochd na sìneadh anns an t-sèid agus rinn i tarsaing a’ mhonaidh dhachaigh.

 

An làrna-mhàireach thàinig an duin’ aice dhachaigh ach cha do leig i càil oirre, agus thuirt e rithe nach robh an t-searbhanta dol a thilleadh, ’s thuirt ise gun robh sin ceart gu leòr. Ach nuair a bha pàrantan na h-ighneadh a’ gabhail iongnadh nach robh an nighean a’ tighinn dhachaigh thàinig iad air an tòir na h-ighneadh, agus thàinig air an duine an uair sin innse mar a thachair. Agus thuirt e gun do bhàsaich an nighean a’ mhadainn sin – agus gun do thiodhlaic e i anns an lèanag a tha fon chreig ann an taobh a-staigh Loch Claidh. Agus sin mar a fhuair an t-àite Palla na Maighdinn, agus bhithinn-sa a’ cluinntinn nuair a bha mi òg gum biodh na daoine a bha ag iasgach ghiomach a’ cluinnteil tathaich a-staigh mun a’ phalla a bha sin – co-dhiù bha sin fìrinneach gus nach robh, chan eil fhios agamsa. Sin agaibh an stòiridh mar a chuala mis’ i.

 

FACLAN FEUMAIL

 

  • Lèanag – small green meadow on hillside
  • Palla – ledge
  • Creigeadh (dualchainnt airson creige)
  • Is iongantach gu bheil fios aig mòran dhaoine.. – I don’t think many people know…
  • Mun deachaidh – mun deach
  • Feannagan – lazy-beds; cultivated ridges of land
  • A’ còmhdach – a’ còmhdachadh
  • Àraid – àraidh
  • Chloinneadh – cloinne
  • Cha robh iad a’ pàigheadh na h-uimhir dhaibh – they didn’t pay them very much
  • Eathar – seòrsa bàta beag
  • Teann ri – tòisich air/ri
  • A’ gabhail droch amharas – getting really suspicious
  • Mar a chleachd e – as he used to
  • Air acair – at anchor
  • Àirigh – shieling
  • A bhiodh aig iasgairean ghiomach – that lobster fishermen would use
  • Chrom i sìos – she descended
  • Gu fiatach – stealthily
  • An tallan – am balla-dealachaidh/tarsaing – partition wall
  • Sèid rainich – a bed of bracken
  • Sèid = a bed made by spreading things out on the floor, eg. Bracken, straw
  • Prais – pot
  • Treiseag – greiseag
  • Far an teine – off the fire
  • Bruich – cooked, ready
  • Airson gu fuaraicheadh i – so that it would cool down
  • An tobhta – walls of the shieling, tops made of turf
  • Fhuair i greim air – she got hold of
  • Luidhear – similear beag
  • A’ pirteanachadh – a’ brotadh – poking
  • Rinn i tarsaing a’ mhonaidh – she made off across the moor
  • Cha do leig i càil oirre – she didn’t give anything away /She didn’t let on
  • A’ gabhail iongnadh – wondering
  • Thàinig air an duine – the husband had to
  • Tathaich – ghost, haunted

 

CEISTEAN

 

  1. Dè tha ag innse gun robh daoine uaireigin a’ fuireach an uachdar Loch Bhroluim?
  2. Cia mheud cloinne a bh’ aig an tuathanach ann an uachdar Loch Bhroluim?
  3. An robh searbhantan a’ faighinn mòran airgid sna làithean ud?
  4. Ciamar a bhiodh an duine a’ cur na h-ighinn dhachaigh nuair a bha i airson a dhol ann gus coimhead air a pàrantan?
  5. Càit am biodh e ga cur air tìr?
  6. Ciamar a bhiodh i a’ dol dhachaigh bhon àite sin?
  7. Cuin a bhiodh an duine a’ tilleadh dhachaigh an toiseach?
  8. Carson a ghabh a bhean droch amharas agus dè an t-amharas a bh’ aice?
  9. Airson an t-amharas a dhearbhadh, dè rinn a’ bhean?
  10. Dè chunnaic i bho os cionn Loch Claidh?
  11. Càit an deach i an dèidh sin?
  12. Cò chunnaic i nuair a ràinig i an t-àite sin agus càit an robh iadsan?
  13. Dè bha iad a’ bruich?
  14. Dè rinn bean an tuathanaich?
  15. Ciamar a fhuair pàrantan na h-ighne a-mach dè thachair?
  16. Càit an deach an nighean a tiodhlacadh?

 

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s