SGEULACHDAN À SIORRAMACHD INBHIR NIS

HUISDEAN BARAN – Air an 22mh là den Ghiblean, 1988 (TGSI)

Stòiridh a bhuineas do Ghàdhaig, Bàideanach

Sna seann làithean bha mòran a’ creidsinn gu robh sìthichean agus bana-bhuidseachean ann an Gàdhaig, frìth-fhiadh ainmeil am Bàideanach, agus bha stòraidhean gun àireamh air an aithris umpa.Chualas cuideachd am measg nan seann daoine gu robh leannan-sìth aig cuid de na sealgairean o shean.

Cò am Bàideanach nach do dh’ èist ris an stòraidh san robh Muireach MacIain a’ strì ri Bean an Lagain * a’ bhana-bhuidseach mu dheireadh a bha san dùthaich sin. Bha e ’na fhìor nàmhaid do na dòighean ’s don chreideamh aice, agus ’s ann am frith Ghàdhaig a bha an gleachd eatarra. Là eile thug e sgrìob rathad Ghàig gu math tràth ’sa mhadainn agus an ceann treiseag mhothaich e eilid astar beag air thoiseach air. Bha àireamh de bhoireannaich ann is còtaichean uaine orra faisg air an eilid is dè bha iad a’ dèanamh ach a’ bleoghainn nam fiadh. Anns a’ bhad bha làn fhios aig Muireach gur e sìthichean a bh’ annta.

Bha tè dhiubh aig an robh pìos de chlòimh’ uaine thairis air a gualainn agus ’s an àm a bha i a’ bleoghainn rug an eilid air a’ chlòimh’ is shluig i   i . Bha an sìthiche cho crosta ’s gun do bhuail i an eilid leis a’ bhuarach is thuirt

i “Gum biodh peilear o làmh Mhuireach ’gad   bhualadh a-nochd”. Bha fios aig na sìthichean gu robh Muireach làmhach leis a’ ghunna. Maduinn an ath là, mharbh e eilid agus ’na broinn fhuair e an t-aon phìos de chlòimh uaine.

*Chan ann an Sgìre Lagain a bha i a’ fuireach ach an Lagan , mìle taobh an ear Cinn a’ Ghiùthsaich.

Faclan feumail airson an ath-dhuilleig gu h-ìosal

  • Crìoch na frìthe – iomall na frìthe – the border of the deer-forest
  • Chaidh an gunna a thogail – he lifted the gun
  • Rinn e cuimse oirre – dh’amais e oirre – he aimed at her
  • Leag e an gunna a-bhàn – chuir e an gunna sìoshe lowered the gun
  • Roimhe – mu a choinneimh – air a bheulaibh – in front of him
  • A’ toirt a’ char asam – gam mhealladh – deceiving me
  • an riochd eilid – ann an riochd eilid – in the form of a hind
  • phàisg e e fhèin sa bhreacan – he wrapped himself in the plaid
  • na shuain chadail – na dheagh chadal – sound asleep
  • gun mhionaid dàlach – (dàlach – tuiseal ginideach : dàil) – gun dàil idir

Bàideanach – àite bàite – drowned place (i.e. flooded)

Prìomh bhaile – Ceann a’ Ghiùthsaich (Kingussie)

Lagan – Lagan – còsan, frògag – a hollow

Gàig / Gàdhaig – Sgolt, sgor – cleft, fissure

* Thàinig an t-ainm Gàdhaig bhon fhacal gàg a tha a’ ciallachadh sgoltadh anns an tìr.

Comharradh-clèithe: NN 759847

Sgìre Bhàideanach

mapa_Baideanach

Faclan Feumail

 

  • Frìth-fhiadh – deer forest *Chan e frìth le craobhan a tha seo, ach raon mòr air a shònrachadh airson sealg nam fiadh
  • Stòraidhean gun àireamh – mòran / tòrr / pailteas stòraidhean
  • Air an aithris umpa – air an aithris mun deidhinn/timcheall orra
  • Leannan-sìth – fairy lover
  • Frìth Ghàig/Ghàdhaig – Gaick Deer-forest (oighreachd/estate)
  • Thug e sgrìob rathad Ghàig – chaidh e air turas goirid a dh’ionnsaigh Ghàig
  • Treiseag = greiseag = greis bheag
  • Eilid – fiadh boireann
  • Astar beag air thoiseach air = astar goirid mu choinneamh – a short distance ahead of him
  • Bha àireamh de bhoireannaich … – bha grunn bhoireannach …
  • Crosta – feargach – angry san t-seagh gun robh i air a leamhachadh
  • Làmhach leis a’ ghunna – math/sgileil air cleachdadh gunna
  • An t-aon phìos de … – an dearbh phìos de – an ceart phìos de – the same piece of
  • buarach –fetter, shackle (seòrsa taod airson crodh a cheangal)

2 Là eile bha e a-rithist ann an Gàdhaig agus fhuair e glè fhaisg air eilid a bha ’na seasamh air an Dùn, far a bheil crìoch na frìthe air an taobh dheas. Chaidh an gunna a thogail is rinn e cuimse oirre ach chunnaic e gur h-e boireannach òg a bh’ innte. Leag e an gunna a-bhàn is dè bha roimhe ach eilid. “Gu cinnteach”, thuirt e ris fhèin, “tha mo shùilean a’ toirt a’ char asam“. Cha b’ urrainn dha bhith gun iongantas mun rud a thachair. Co-dhiubh loisg e oirre is thuit i an riochd eilid. Beagan an dèidh sin bha cadal a’ tighinn air is phàisg e e fhèin ’sa bhreacan agus laigh e far an robh e na shuain chadail. Ach an ceann beagan ùine chual’ e guth a’ cantainn “A Mhuirich, chuir thu às do mhaighdinn an Dùin“. Dh’èirich Muireach is fhreagair e. “Ma chuir, faodaidh tu bhith ’ga h-ithidh” agus gun mhionaid dàlach dh’ fhàg e an fhrìth cho luath ’s a thàinig.

‘S ann do Clann Mhuirich Bhàideanach a bhuineadh Muireach – ’s e Muireach Mac a’ Phearsain an t-ainm a bh’ air agus bha e pòsta aig tè à Fotharais (Foyness). A rèir na sgeòil bha mac aige a chaidh a dh’Èirinn far an robh e ’na phearsa-eaglais. Bha am pìos de chlòimh’ uaine air a chumail san teaghlach fad iomadh bliadhna.

Gleann Ghàdhaig

gleann_ghadhaig

Èistidh tu ri sgeulachdan eile à Gàdhaig air làrach a’ BhBC an seo.

San t-seann aimsir, bha iad am beachd gur e àite dubh, fuar, fad às a bh’ ann an Gàdhaig. Bha e iomallach, dona le sneachd is dìle agus cunnartach le madaidhean-allaidh ann.

Bha iad cuideachd a’ smaoineachadh gur e àite de dhroch ghuidhe a bh’ ann an Gleann Ghàdhaig. (droch ghuidhe – àite mallaichte – a cursed place)

Cadha Ghàdhaig (Gaick Pass) agus Loch an Dùin

 cadha ghadhaig_Lochanduin 

Lagan

Lagan

‘S e Lagan Choinnich ainm slàn a’ bhaile seo. Tha lagan a’ ciallachadh glac no sloc bheag agus tha an lagan seo air ainmeachadh mar an lagan aig Naomh Caineach.

Tha Lagan deich mìle deas air Ceann a’ Ghiuthsaich. Tha am baile air a chuairteachadh le beanntan a’ Mhonaidh Liath agus a’ Mhonaidh Ruaidh. (Cairngorms)

inbhir_nis_baideanach

Àireamh 6 = Gàdhaig

Àireamh 8 = Lagan (Choinnich)

CLANN MHUIRICH

CLANN MHUIRICH A’ BHROCHAIN

 

(The MacPhersons of Badenoch)

CEISTEAN

  1. Dè bha mòran daoine a’ creidsinn san t-seann aimsir?
  2. An robh mòran stòraidhean air an aithris mun deidhinn?
  3. Dè bha Muireach MacIain agus a’ bhana-bhuidseach, Bean an Lagain, a’ dèanamh ann am Frìth Ghàdhaig?
  4. Cò bh’ ann am Bean an Lagain?
  5. Dè bha na boireannaich a’ dèanamh?
  6. An robh e àbhaisteach a bhith a’ bleoghainn nam fiadh?
  7. Carson a dh’fhàs an sìthiche crosta?
  8. Dè bha an sìthiche crosta ag iarraidh tachairt don eilid?
  9. Dè an sgil a bh’ aig Muireach?
  10. Dè rinn Muireach madainn an ath latha?

CEISTEAN 2

 

  1. Càit an robh an eilid na seasamh?
  2. Càit an robh an t-àite sin?
  3. Carson a leag Muireach a ghunna a-bhàn (sìos) an toiseach?
  4. Dè am faireachdainn a bh’ aige mu dheidhinn seo?
  5. Dè rinn e co-dhiù?
  6. Càit an do laigh Muireach?
  7. Ciamar a chùm e e fhèin blàth?
  8. An robh e a’ cadal gu domhainn?
  9. Dè dhùisg Muireach?
  10. Dè rinn e an uairsin?
  11. Dè tha air a chumail anns an teaghlach aige?

OBAIR EILE

Ceangail na h-abairtean seo a leanas ris an abairt fhreagarrach sa chiad earrann den sgeulachd. Mar eisimpleir:

 

  1. Anns an t-seann aimsir

Freagairt: Sna seann làithean

  1. Am measg nan daoine aosta
  • O chionn fhada
  1. A’ sabaid ri
  2. Gu moch
  3. An dèidh greiseig
  • Beagan roimhe
  • Urchair
  1. Math air

OBAIR AIRSON EARRAINN 2

Ceangail na h-abairtean seo a leanas ris an abairt fhreagarrach san dàrna earrann den sgeulachd.

  1. Fìor dhlùth do
  2. Tè òg
  3. Agh-fèidh
  4. Gu deimhinn
  5. Neònachas (strangeness, surprise)
  6. Gun mhaille

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s