Cunntas air Donnchadh Mòr Làidir

 

Le Donnchadh MacMhathain, Cinn Tàile, 25 Màrt 1988 (TGSI)

 

Sgeul a h-Aon

(Donnchadh MacMhathain)

Dha sgeulaiche a rugadh ’s a thogadh an Cinn t-Sàile ’s aig a bheil càirdeas mòr do Chlann Mhic Rath, cha bhiodh e iongantach ged a bhiodh a’ mhòr-chuid de a chuid sgeulan mu dheidhinn daoine den fhine sin a tha glè aosta agus ainmeil anns an dùthaich a tha seo.

 

‘Se fear a bha glè ainmeil na latha agus a thàinig a-nuas ann an eachdraidh gus an-diugh fhèin, ’s e Donnchadh Mòr Mac Rath, an dara mac aig Alasdair Mac Rath, a rugadh anns a’ bhliadhna sia ceud agus trì fichead ’s a còig, ann an Achadh nan Giùran, ann an Gleann Seile. ‘S e duine air leth làidir a bha ann agus lean an t-ainm Donnchadh Mòr Làidir fad a bheatha e.

‘S e duine meadhanach beairteach a bha ’na athair agus bha meall chrodh aige ann an Gleann Seile, agus a bharrachd air a-sin bha Gleanna Cuaich aige air màl bho uachdaran Gleanna Garadh. Leis gu robh aca ri bhith dèanamh mòran siubhal le crodh anns gach àite agus airson astaran fada, sheasadh Donnchadh Mòr agus a bhràthair mòran cruadal, agus bha iad cuideachd air leth math air sealg.

A’ chiad iomradh a tha againn air tapachd Dhonnchaidh Mhòir, ’s e timcheall air turas a rinn e le a mhàthair gu ruige Inbhir Lòchaidh le ìm agus càise a bha iad a’ dol a chreic às taigh-bainne Ghlinne Cuaich. Bha iad a’ giùlan a’ bheairteis a bh’ann a-seo air muin eich agus nuair a chreic iad an cuid air prìs mhath dh’iarr Donnchadh Mòr prìs currachd, a bha e airson a cheannach, air a mhàthair. Dhiùlt i seo a thoirt dha agus cha do chòrd seo cus ri Donnchadh Mòr. Nuair a bha iad a’tilleadh dhachaigh bha e a’ fuireach criomag air dheireadh ’s gun e bruidhinn ri mhàthair idir.

 

Co-dhiù, nuair a bha iad a-nuas taobh dorch, aonaranach Loch Arcaig, leum dòrlach mhèirlich a-mach orra agus shlaod iad màthair Dhonnchaidh dhe mullach an eich, agus thug iad bhuaithe a h-uile sgillinn a choisinn iad air an turas. A bharrachd air a-sin spìon fear dhiubh bràiste bòidheach a bha aice ’na broilleach a’ cumail a breacan teann rithe. Ged a bha i duilich a’ call an airgid, ’s ann a bha i air leth duilich a’ call a’ bhràiste airgid a bha ’na sinnsearachd airson iomadach bliadhna. Cho fad ’s a bha seo a’ dol air adhart, cha tug Donnchadh Mòr seachad cuideachadh ’sam bith leis cho mì-thoilichte ’s a bha e le mhàthair a dhol a dhiùltadh airgead na currachd dha.

Smuainich i air dòigh air Donnchadh a chur an greim agus thuirt i ri fear dhe na mèirlich gun robh aon phìos eile airgid aice air falach agus gun toireadh i seo dha nan tigeadh e null agus stiall mhath a thoirt dhan a’ ghille mhòr gun fheum nach tàinig gu cobhair a mhàthair. Dh’aontaich am mèirleach ris a-seo agus nuair a fhuair e am pìos airgid chaidh e null agus tharraing e stiall sa pheirceall air Donnchadh, ach ma tharraing, fhuair e tè air ais a chuir air a dhroma-dìreach e. Chan e a-mhàin sin ach gun do rinn e sin air a h-uile duine dhiubh aon uair ’s gun do ghabh e fearg cheart. Thug e an uairsin air ais bhuatha a h-uile sgillinn a ghoid iad agus bràiste a mhàthar agus chùm iad orra an uairsin dhachaigh gu Achadh nan Giùran, ’s dh’fhàg iad na mèirlich ’nan laighe far an robh iad. Cha robh Donnchadh ach fhathast glè òg nuair a thachair seo.

 

FACLAN FEUMAIL

 

  • Cinn Tàile – Kintail
  • Gleann Seile – Glenshiel
  • Achadh nan Giùran (Fennel (foeniculum vulgare) – Auchewrane
  • Gleanna Cuaich – Gleann Cuaich
  • Gleanna Garadh – Glengarry
  • Inbhir Lòchaidh – Inverlochy
  • Loch Arcaig – Loch Arkaig
  • Sheasadh …. mòran cruadal – dh’fhuilingeadh ….. mòran cruadail
  • Tapachd – neart
  • Creic – reic
  • currachd – currac – seòrsa de dh’ad
  • A’ fuireach criomag air dheireadh – waiting a bit behind (lagging behind)
  • Dòrlach mhèirlich – a handful of robbers
  • Dòigh air Donnachadh a chur an greim – a way to get Duncan involved
  • Thoir stiall math do – give …. a good thump/hit
  • Cobhair a mhàthar – his mother’s aid
  • Tharraing e stiall sa pheirceall air Donnchadh – he struck Duncan

(hard) in the jaw

  • A chur air a dhroma-dìreach e – that put him flat on his back
  • Aon uair ’s gun do ghabh e fearg cheart – once he was really angry
  • Bhuatha – bhuapa

 

 

CEISTEAN

 

  1. Carson a tha a’ mhòr-chuid de sgeulan an sgeulaiche Donnchadh Mac Mhathain mu dheidhinn Clann Mhic Rath?
  2. Cò bh’ ann an Donnchadh Mòr Mac Rath agus cuin agus càit a rugadh e?
  3. Dè am beairteas a bh’ aig an teaghlach Mhic Rath seo?
  4. Dè b’ urrainn do Dhonnchadh Mòr agus a bhràthair dèanamh?
  5. Carson a bha Donnchadh Mòr agus a mhàthair air turas gu ruige Inbhir Lòchaidh?
  6. Dè rinn iad nuair a ràinig iad Inbhir Lòchaidh?
  7. Nuair a bha iad a’ tilleadh dhachaigh, carson a bha Donnchadh Mòr a’ fuireach criomag air dheireadh air a mhàthair?
  8. Càit an do leum na mèirlich a-mach?
  9. Dè rinn iad do mhàthair Dhonnchaidh?
  10. Carson a bha màthair Dhonnchaidh ag iarraidh air na mèirlich buille a thoirt do Dhonnchadh ann an dà-rìribh?

 

  1. Dè an t-adhbhar a thug i do na mèirlich airson sin a dhèanamh ge-tà?

 

  1. Nuair a ghabh Donnchadh Mòr fearg cheart dè rinn e?

 

 

FIOSRACHADH A BHARRACHD

 

Gleanna Garadh (Siorrachd Inbhir Nis) – canar “Garranach” ri neach às an sgìre seo

 

Cinn Tàile (Cinn t-Sàile) – canar Cinn Tàile MhicCoinnich no Cinn Tàile MhicRath ris an sgìre seo. Canar Sàileach no Tàileach ri neach a bhuineas do Chinn Tàile.

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s