EACHDRAIDH MU BHLIADHNA THEÀRLAICH

Leughaibh mu dheidhinn a’ Phrionnsa Theàrlaich nuair a ràinig e tirmòr Alba. An dèidh dhuibh a bhith ga leughadh air fad, leughaibh a-rithist e agus feuchaibh ri na ceistean agus eacarsaichean a dhèanamh.

 “Thainig am Prionnsa Teàrlach air tìr ann am Mùideart.”mapa

EARRANN A:

 AM PRIONNSA A’ FÀGAIL NA FRAINGE

 

‘S ann air an 20mh là de mhìos meadhan an t-samhraidh,

anns a’ bhliadhna 1745, a dh’ fhàg Prionnsa Teàrlach

an Fhraing, ann an soitheach-cogaidh, agus a rinn e

air Gàidhealtachd na h-Alba, a chum oidhirp a thoirt

air rìoghachd athar, ’s a shean-athar, agus an teaghlach

rìoghail a ghairmeadh a-staigh nan àite, fhògradh air an

ais do Hanobher on d’thàinig iad. Cha d’ thug e leis ach

dà mhìle gunna, agus còig no sia ceud claidheamh Frangach.

Cha robh saighdear ainmeil na chuideachd; agus cha robh

aige ach trì, no ceithir mìle Punnd Sasannach de dh’ airgead.

Bha uile earbsa às na càirdean a bh’ air thoiseach

air, agus chuir e roimhe e fhèin a thilgeil nan uchd.

 

FACLAN FEUMAIL

 a chum = airson

thoir oidhirp air = feuch ri

rìoghachd athar

a shean-athar = a sheanair

fògair, a’ fògradh = fuadaich na chuideachd = còmhla ris

uile earbsa às… = bha e a’ creidsinn gu tur ann an….

air thoiseach air = mu a choinneimh (san àite far an robh e a’ dol)

a’ tilgeil e fhèin nan uchd = a’ cur e fhèin nam measg agus an urra ris an tròcair agus an ìoc/’s am mèinn fhèin –

CEISTEAN

 

  • Cuin a dh’fhàg am Prionnsa Teàrlach an Fhraing?
  • Dè seòrsa bàta san do dh’fhàg Prionnsa Teàrlach an Fhraing?
  • Càit an robh e a’ dol?
  • Carson?
  • Dè thug e leis?
  • Cò a bu mhotha a bha e a’ cur earbsa às:- airgead, airm no a chàirdean?

 

EARRAINN B:

AM PRIONNSA A’ RUIGSINN ALBA

Ràinig e an t-Eilean Fada, agus thilg e acair anns a’

chaolas eadar Uibhist agus Eirisgeigh. Chuir e an oidhche

seachad air tìr, chuir e fios air Fear Bhòisdeil, bràthair

do Mhac ‘Ic Ailein; ach dhiùlt an duine seo èiridh leis;

agus rinn e na dh’ fhaodadh e a chum a thoirt air Teàrlach

dol air ais mar a thàinig e; ag aslachadh gun chogadh a

dhùsgadh san àm, nì nach faodadh gun mhilleadh a

tharraing air fhèin agus air na dh’èireadh leis. Nuair a

mhothaich am Prionnsa nach drùidheadh e air, thug e

Arasaig air; agus air an aon-là-deug de air mhìos deireannach

an t-samhraidh, thàinig e gu acair ann an Loch-nan-gall).

FACLAN FEUMAIL

 

An t-Eilean Fada = Na h-Eileanan Siar

Cuir fios air = iarr air cuideigin tighinn

Èirich leis = dèan ar-a-mach còmhla ris

Aslaich, aslachadh = faochnaich; guidhe

Gun chogadh a dhùsgadh san àm – gun a bhith a’ tòiseachadh cogadh an-dràsta

Nì = rud=

Nach faodadh gun mhilleadh = cha bhiodh ann ach sgrios dha fhèin

Druidh air = thoir air a bheachd atharrachadh

Thug e Arasaig air = chaidh e gu Arasaig

CEISTEAN

 

  • Càit an do stad am Prionnsa an toiseach?
  • Cò bh’ ann am Fear Bhòisdeil?
  • Carson a chuir e fios air Fear Bhòisdeil?
  • Dè rinn an duine sin?
  • Carson a dh’fheuch Fear Bhòisdeil ris a’ Phrionnsa a chur às a bheachd?
  • Carson a chaidh am Prionnsa Teàrlach gu Arasaig?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s