Mac na Bracha – seann dòigh air uisge-beatha a dhèanamh (le briuthas/staile)

Le Urras nan Geàrrannan, Na Geàrrannan, Leòdhas

Rannsachadh le Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Màiri NicRisnidh agus Iain MacArtair

 

Mar a bhite a’ dèanamh uisge-beatha

Bhite a’ bualadh a’ ghràin bhon eòrna, ga chur ann am poca agus ga bhogadh ann an allt no loch airson latha no dhà. Bha an gràn an uair sin air a sgaoileadh air làr glan ann an rùm blàth no ann an àth gus an tigeadh toiseach-fàis air an t-sìol. Dh’fheumte am “brachadh” seo a dhèanamh gu faiceallach. Bha an gràn a’ gabhail teas, agus dh’fheumte cumail ga thionndadh agus a sgaoileadh a-mach gus nach gabhadh e cus teas agus gum biodh e aig an aon ìre-fàis. Bhite an uair sin a’ togail an t-sìl agus ga shuathadh gus am falbhadh na maothain bheaga dheth, agus ga theasachadh air surrag na h-àtha gus am biodh e tioram agus brisg. B’e mòine a bhite a’ cleachdadh mar chonnadh, agus tha fios gun robh sin a’ cur cùbhraidheachd na ceò dhan uisge-bheatha.

 

Faclan Feumail

  • a’ bualadh a’ ghràin bhon eòrnathreshing the grain from the barley (stalks)
  • ga bhogadh ann an allt – steeping/soaking it in a stream
  • air a sgaoileadh – spread out
  • ann an àth – in a grain-drying kiln
  • toiseach-fàis – germination
  • brachadh – malting
  • a’ gabhail teas – producing heat
  • a’ togail an t-sìl – taking away the seed
  • ga shuathadh – rubbing it
  • gus am falbhadh na maothain bheaga dheth – until the small growing shoots fell off/were removed
  • surrag na h-àtha – the vent of the kiln
  • brisg – crisp
  • mòine – peat
  • connadh – fuel
  • cùbhraidheachd – aroma

Ceistean

  • Dè th’ ann am ‘brachadh’?
  • Carson a dh’fheumte a bhith faiceallach nuair a bhite a’ brachadh a’ ghràin?
  • Carson a bhite a’ suathadh an t-sìl? (=Carson a bhiodh iad….)
  • Dè bhiodh iad a’ cleachdadh airson an sìol a theasachadh?
  • Dè bha an connadh sin a’ dèanamh dhan uisge-beatha?

Dheigheadh an gràn tioram a thoirt don mhuilinn far an deigheadh a bhruthadh, gun a bhleith mìn idir. An uair sin, chuirte do bharaille e anns an robh tùc de shràbh thioram. Dheigheadh bùrn meadh-bhlàth a dhòrtadh air, agus fhàgail am bogadh gus an tigeadh sùgh an eòrna tron shràbh do shoitheach eile. Dhèante seo dà uair eile le bùrn na bu teotha gach turas, airson a bhith cinnteach gun robh stalc an eòrna gu lèir air a dhol don lionn shiùcarach (“brailis”) a bha san t-soitheach. Chuirte a’ bhrailis an uair sin do bharaille far an deigheadh a chumail blàth, agus chuirte beirm ann gus an tòirnicheadh e. Às an sin, gheibhte lionn (“caochan”) a bha coltach ri leann goirt ann am fàileadh agus ann am blas.

 

Faclan FeumailDheigheadh = reaghadh = rachadh

Muileann – mill; don mhuilinn – to the mill

Bruth – crush

Bleith – grind

Mìn-fine

Baraille – barrel

Tùc -a bung

Bùrn = uisge

meadh-bhlàth-lukewarm

soitheach – container

dà uair eile – two more times

stalc – starch

rach ann an – turn into

lionn – liquid

brailis – wort

beirm – yeast

tòirnich– ferment

caochan – wash

leann goirt – sour beer

fàileadh – aroma, smell

 

 

Ceistean

  • Càit an deigheadh an gràn tioram a ghiùlan?
  • Dè bhite a’ dèanamh dhan ghràn anns a’ mhuileann?
  • Dè bhiodh anns a’ bharaille?
  • Cia mheud uair a bhite a’ dòrtadh uisge meadh-bhlàth air a’ ghràn, agus ga fhàgail am bogadh?
  • Carson?
  • Dè chanadh iad ris an lionn shiùcarach a bha san t-soitheach?
  • Ciamar a dheigheadh seo a thòirneachadh?
  • Dè gheibhte às a’ bharaille nuair a bha an lionn shiùcarach seo air a tòirneachadh?
  • Dè chante ri seo?
  • Cò ris a bha e coltach?

 

 

Nuair a bha a’ bheirm air a h-obair a dhèanamh, bhite a’ toirt a’ chaochain don stail agus ga dòrtadh do “phoit-dhubh” meatailt. Dheigheadh teine mònach a lasadh fon phoit, agus dheigheadh an caochan a thoirt chun a’ ghoil. Chan fhaigheadh toit na goil a-mach ach tro phìob chòmhnard mheatailt a bha a’ falbh sìos bho cheann na poite gus an ruigeadh i baraille de bhùrn fuar. Aig mullach a’ bharaille, bha a’ phìob a’ dol do phìob copair (“cliath”) a bha a’ cuibhleadh sìos tron bhùrn fhuar agus a-mach ann am feadan tro tholl beag faisg air bonn a’ bharaille. Anns a’ chliath, bha toit a’ chaochain a’ tionndadh air ais na lionn. B’ e seo an t-uisge-beatha!

 

Faclan Feumail

Thoir chun a’ ghoil – bring to the boil

Còmhnard – straight

Ceann na poite – the head of the still

Cliath – worm

A’ cuibhleadh – coiling

Ceistean

  • Dè a dheigheadh a dhèanamh dhan chaochan?
  • Ciamar a fhuaireadh toit na goile a-mach às a’ phoit-dhubh?
  • Dè bh’ anns a’ chliath?
  • Dè gheibhte às a’ chliath?

 

Cha robh an gnothach buileach cho furasta ’s a shaoileas sibh. Dh’fheumadh teothachd an teine a bhith aig an aon ìre gus am biodh sruthadh an spioraid bhon chliath a’ dol gun stad agus aig an aon astar – coltach ri snàithlean caol fada. Bhite a’ cleachdadh badan fraoich thioram airson an teine a bheothachadh mar a bha feum. Dh’fhaodadh an spiorad a bha a’ tighinn às an fheadan a bhith puinnseanta. B’ e sin bu choireach gun robhas ga chruinneachadh agus ga “tharraing” tron stail a-rithist, co-dhiù aon uair ach gu tric a dhà – bha trì tarraingean a’ dèanamh an uisge-bheatha na bu shàbhailte ach na bu làidire. Anns gach tarraing, bha barrachd truaillidh anns a’ chiad shruthadh agus anns an t-sruthadh mu dheireadh dhen spiorad, agus bha sin air a thilgeil às no air ath-tharraing. Bha dòighean eadar-dhealaichte ann air dearbhadh an robh an spiorad a bha a’ sruthadh air làn ghlainead a ruighinn. B’ i aon dhiubh sin, làn spàine den spiorad a thilgeil air an teine. Nam biodh an lasair buidhe, bha truailleadh fhathast san spiorad; gorm agus bha an t-uisge-beatha sàbhailte.

Cha robhas a’ fàgail an spioraid airson “abachadh” idir. Tha uisge-beatha an latha an-diugh air fhàgail bliadhnachan ann an tocsaidean anns an robh searaidh no branndaidh, agus tha sin a’ toirt dath air, ach bha uisge-beatha na staile cho glan ris a’ bhùrn. Tha e coltach gun deach faighneachd do aon fhear dè cho fada ’s a bhiodh e a’ fàgail an uisge-bheatha mus òladh e e. Fhreagair e gun cuala e gum biodh feadhainn ga fhàgail gus am fuaraicheadh e, ach nach biodh esan ga fhàgail cho fada ri sin idir!

CEISTEAN

  1. Carson nach robh an gnothach cho furasta air a’ chiad shealladh?
  2. Dè an connadh a dheigheadh a chleachdadh airson an teine bheòthachadh mar a bha feum?
  3. Dè bha a’ dèanamh an uisge-bheatha na bu shàbhailte ’s na bu laidire?
  4. Dè na dòighean a bh’ ann airson dearbhadh gun robh an t-uisge-beatha sàbhailte?
  5. Dè cho luath ’s a dheigheadh an t-uisge-beatha òl an dèidh dha bhith deiseil?

 

FACLAN FEUMAIL

Abachadh – maturing

Tocasaid – cask

Searaidh – sherry

Lasair – flame

Badan fraoich – clumps of heather

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s