Blar a’ Chumhaing agus Cor nan Croitearan 1882-1883 (Pàirt 1)

IAIN A. MACDHOMHNAILL (foillsichte anns na 1980an)

‘S e Blàr a’ Bhràighe’ a their luchd na Beurla ris ach ’s e ‘Blàr a’ Chumhaing’ a their muinntir an àite ris, agus sin a chionn ’s gur h-ann aig a’ Chumhang a thugadh na buillean a bha ann. An-diugh tha rathad mòr a’ lùbadh mu iomall a’ Chumhaing ach air an latha ud, an naodhamh latha deug den Ghiblean anns a’ bhliadhna ochd ceud deug ceithir fichead agus a dhà, cha robh ann ach ceum glè mhì-shocair fo bhonn bruthaich àird agus os cionn bearraidh a bha a’ sìneadh gu cas astar math throighean sìos gu clachan garbha a’ chladaich.

Dìreach mar a tha fìor a thaobh bhlàr agus chogaidhean eile bha adhbhar, no is dòcha adhbhairean, sònraichte air muinntir nam bailtean seo a chur thuige gus dùbhlan a thoirt don oighreachd agus eadhon don lagh. Cha do ghabhadh mòran suime de an cuid adhbhairean no idir de gach casaid a rinn iad. Rè nam bliadhnaichean roimhe seo bhathas a’ sìor chur ri àireamh nan croitear anns na trì bailtean ris a bheil ar gnothach : Peighinn a’ Chorrain, Am Baile Meadhonach agus Gead an t-Saillear. Cha robh am fearann ach mu làimh co-dhiù, agus is olc a fhuaras roinnean na bu lugha a dhèanamh air. An uair a thug Aonghas Stiùbhart à Peighinn a’ Chorrain fianais mu choinneimh a’ Mhorair Napier thuirt e nach robh am Peighinn a’ Chorrain ri linn a sheanar ach còignear chroitearan ach a nise gun robh còrr is fichead croitear ann. Aig an aon chùirt thuirt Somhairle MacNeacail às a’ Bhaile Mheadhonach gun tugadh mu fhichead teaghlach a steach do ’n Bhràighe anns na bliadhnaichean eadar 1840 agus 1883. Mar sin bha na croitean aig an àm seo ro bheag, am màl ro àrd agus an talamh glè bhochd.

‘Se a dh’adhbhraich an gluasad sluaigh seo gun robhas anns na bliadhnaichean ud a’ fàsachadh bhailtean eadar am Mol agus Torra Mìcheig deas air Loch Shligeachan gus leasachadh a dhèanamh air frith fhiadh a’ mhorair.

Ged a bha an imrich sluaigh seo trom air na bailtean a dh’ainmich mi cha robh cùisean buileach cho dona gus an tugadh bho mhuinntir a’ Bhràighe cead feuraich air Beinn Lì anns a’ bhliadhna 1865. Cha b’ann air a’ Mhorair Dhòmhnallach a chuireadh a’ choire air an trobha seo ach  air Fear a’ Choire. Thugadh feurach na beinne air mhàl do fhear a bha ri tuathanas faisg air laimh. Bha sluagh nam bailtean glè mhì-riaraichte leis a seo ach, co-dhiù, chaidh an cuid sprèidhe iomain gu an dorsan agus cha robh air a-nise ach feurach agus foghar a thoirt às na croitean bochda a bha aca. Cha do rinneadh fiù lùghdachadh air an cuid màil ri linn Beinn Lì a chall.

Bliadhna an dèidh bliadhna fad shia bliadhna deug rinneadh casaid is gearain mu n t-suidheachadh anns an robh iad. Cha mhòr èisteachd a fhuair iad bho Fhear a’ Choire no bho Dhòmhnallach an Torra Mhòir, a bha ’na bhàilidh an dèidh bàs Fear a’ Choire. Thugadh feurach na beinne a-rithist air mhàl do dh’Iain MacAoidh aig an robh tuathanas Phort Rìgh. Bha muinntir a’ Bhràighe a’ cumail a-mach gun do gheall Fear an Torra Mhòir gum faigheadh iad feurach na beinne air ais cho luath ’s a bhiodh an aonta aig MacAoidh air ruith — anns a’ bhliadhna 1881. Bha bailtean eile anns a’ Bhràighe aig an robh ùidh anns a’ bheinn seo agus bithidh e coltach gun do leag muinntir an Olaich agus Achadh na h-Anaid taigh cìobair a bhathas a’ togail air a’ bheinn, ach chaidh an tro-cheile seo a rèiteach gun mhòran dragha. Thogadh an taigh; bha an aonta aig MacAoidh air ruith, ach cha robh guth air feurach na beinne a thoirt dhaibhsan a bha a’ meas gun robh còir aca air sin.

Bha bàillidh ùr a-nise am Port Rìgh, fear Alasdair Dòmhnallach, agus chuir muinntir a’ Bhràighe an gearain f’a chomhair-san, ach cha bu mhòr a b’fheàirrde iad sin. Chuir iad litir thuige agus ainmean nan croitear rithe ach cha robh esan ach mar a bha e roimhe, a’ maoidheadh bàirligeadh nam biodh a chridhe aca gnothach a ghabhail ri feurach na beinne.

Bha sia bliadhna deug a-nise bho thugadh bhuapa feurach na beinne. Rinn iad na b’urrainn dhaibh gus an crannchur a chur mu choinneimh a’ Mhorair agus a chuid bhàillidhean, agus ’s e an èiginn theann a thug air a’ mhòr-chuid dhiubh diùltadh an còrr màil a phàigheadh bho Bhealtainn na bliadhna sin.

Ma bha dàil a’ dol anns na bliadhnaichean roimhe seo cha robh air an turas seo. An taobh a-staigh de bhliadhna bha cumhachd an lagha air dùsgadh agus air an t-seachdamh latha den Ghiblinn 1882 bha Aonghas Màrtainn, oifigeach an t-siorraim, Eòghan Robasdan a bha ’na fhear-cuideachaidh aige, agus Tormod Peatan, oifigeach fearainn a’ Mhorair, air an turas don Bhràighe agus pasgan shumanaidhean aca gus am bàir­ligeadh a mhaoidheadh orrasan nach do phàigh am màl aig a’ Bhealtainn roimhe sin. Cha robh an ionnsaigh sin gun fhios do mhuinntir a’ Bhràighe agus anns na làithean a bha ann bha luchd-faire aca air àird a’ Chumhaing air eagal duine thighinn an rathad gun fhiost’ am feadh is a bha muinntir nam bailtean ri obair na feamad.

 

 

OBAIR

Cuir an cànan agad fhèin air na h-abairtean a leanas

Blàr a’ Chumhaing –

Ceum glè mhì-shocair

Airson muinntir nam bailtean seo a chur thuige gus dùbhlan a thoirt don oighreachd agus eadhon don lagh –

Cha robh am fearann ach mu làimh

A’ fàsachadh bhailtean –

Frith fhiadh a’ mhorair –

Bha an imrich sluaigh seo trom air na bailtean a dh’ainmich mi –

Cead feuraich –

Ri tuathanas faisg air làimh –

Glè mhì-riaraichte –

Cha robh air a-nise ach…. –

ri linn Beinn Lì a chall –

cha robh guth air –

cha bu mhòr a b’ àirde iad sin –

nam biodh a chridhe aca –

cha robh an ionnsaigh sin gun fhios do mhuinntir a’ Bhràighe –

am feadh ’s a bha –

OBAIR EILE

Ri linn – tha an abairt seo air a cleachdadh an diofar dhòighean, mar eisimpleir:

Thuirt e nach robh am Peighinn a’ Chorrain ri linn a sheanar ach….

Cha do rinn fiù lùghdachadh air an cuid màil ri linn Beinn Lì a chall

CEISTEAN

  1. Carson a their muinntir an àite Blàr a’ Chumhaing ris a’ Bhlàr seach Blàr a’ Bhràighe mar a th’ aig luchd-Beurla air?
  2. Dè tha diofraichte mun àite bhon àm sin?
  3. Dè na prìomh adhbharan airson muinntir nam bailtean a chur thuige cho mòr ‘s gun robh iad deònach dùbhlan a thoirt don lagh?
  4. Carson a dh’fhàs an droch shuidheachadh aca na bu mhiosa buileach?
  5. Dè cho fada ’s a bha an droch shuidheachadh seo a’ dol?
  6. Dè rinn muinntir a’ Bhràighe mu dheireadh thall?
  7. Dè thachair an dèidh sin?
  8. Cuin a bha muinntir a’ Bhràighe a’ cumail faire, ciamar agus carson?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s