Cunntas air Blàr a’ Chumhaing (Pàirt 2)

Iain A. MacDhòmhnaill

Cuir Gàidhlig eile air na leanas:

 

  • Cha mhòr èisteachd a fhuair iad –
  • A’ toirt foghar às
  • An cuid sprèidhe –
  • A’ maoidheadh bàirligeadh air –

9

Air an t-seachdamh latha den Ghiblean chunnacas an triùir fhear a’ nochdadh aig Bealach Achadh na h-Anaid agus cha luaithe sin na thog an luchd-faire bratach ri crann; thòisich an uirle-thruis, rinn na bàtaichean air tìr, is rinn na fir is na mnathan air Sloc nan Leatman a choinneachadh nan coigreach. Thug am Màrtainneach na sumanaidhean as a phòcaid agus shìn e iad do aon de na fir. Dìreach an sin dh’iarradh air a’ bhalach a bha ri faire a dhol a dh’iarraidh aithinne. Cha bu ruith ach leum leis-san is cha robh e fada ris. Chuireadh an sin na sumanaidhean nam pasgan air an rathad agus thugadh air a’ Mhàrtainneach sèideadh math a thoirt air an aithinne agus leis a sin teine a chur ris na sumanaidhean. Cha robh air sin ach sin fhèin. Rinn esan sin agus thug e fhèin agus a dhithis chompanach na buinn dhith. Chan eil cunntas againn air dè an ionnsaigh a thugadh orra ach dìreach gun robh dithis dhiubh nam poll is nan eabar agus beagan fala air fear dhiubh an uair a ràinig iad taigh sgoile an Olaich Shuas. Chaidh gabhail romhpa gu math an sin, le uisge blàth gus an glanadh agus an deagh chupa tea gus an cridhe a chumail riutha.

Sin, tha mi cinnteach, a’ chiad earrainn de Bhlàr a’ Chumhaing, agus cò aige a bha fios an latha sin dè an ath cheum a ghabhte gus còraichean an lagha agus a’ Mhorair a sheasamh.

 

 

Cuir Gàidhlig eile air na faclan a leanas:

  1. Uirle-thruis –
  2. A dhol a dh’iarraidh aithinne –
  3. Thog an luchd-faire bratach ri crann
  4. Cha bu ruith ach leum leis-san –
  5. Cha robh air sin ach sin fhèin –
  6. Thug esan agus a dhithis chompanach na buinn dhith
  7. Bha dithis dhiubh nam poll is nan eabar –
  8. Chaidh gabhail romhpa gu math –
  9. Gus an cridhe a chumail riutha –
  10. Rinn na fir is na mnathan air Sloc nan Leatman –

CEISTEAN

  1. Ciamar a thug an luchd-faire rabhadh gun robh an triùir fhear a’ tighinn?
  2. Dè rinn muinntir a’ Bhràighe airson coinneachadh nan coigreach?
  3. Dè thug muinntir a’ Bhràighe air a’ Mhàrtainneach a dhèanamh ris na sumanaidhean a thug e dhaibh?
  4. An deach ionnsaigh a thoirt orra?
  5. Càit an do theich iad ann?
  6. Dè fhuair iad ann an Taigh-sgoile an Olaich Shuas?

Chaidh latha is latha seachad ach mun naodhamh latha deug den Ghiblean sin fhèin, bha deagh fhios aig muinntir na ceàrnaidh seo gun robh an Siorram Ivory, siorram na siorramachd, air cudrom na cùise a ghabhail air fhèin. A chum gun seasadh esan còraichean an lagha agus a’ chrùin dh’iarr e cuideachadh air an arm agus nuair a dhiùltadh sin dha dh’iarr e cuideachadh air ceannard nam maor-shìthe ann an Glaschu. Fhuair e sin. Bha an ceòl a nise air feadh na fìdhle ach cha b’ ann gun fhios do mhuinntir a’ Bhràighe. Cha robh a dhol às aca ach, co dhiubh, chuir iad romhpa gun seasadh iad an còraichean a dh’aindeoin siorraim no eagal bàirlinn.

Cuir an cànan agad fhèin orra seo:

  • Cudrom na cùise –
  • Gun seasadh esan còraichean an lagha agus a’ chrùin –
  • Ceannard nam maor-shìthe –
  • Bha an ceòl air feadh na fìdhle –
  • Cha robh a dhol às aca –
  • A dh’aindeoin siorraim no eagal bàirlinn –

Ceistean

  1. Cò bha a’ gabhail uallach airson cùis a’ Bhràighe a-nis?
  2. Dè dh’ fheuch e ri dèanamh?
  3. Dè bha am beachd muinntir a’ Bhràighe a dhèanamh?

Rinn mu dhà fhichead polasman à Glaschu, fon Chaiptean Dòmhnall, air an Eilean Sgitheanach, agus mun do ràinig iad aiseag an t-Stroim bha dusan polasman à Inbhir Nis còmhla riutha agus cuideachd an Siorram Ivory. Bha seo anmoch air feasgar an ochdamh latha deug agus mu dhà uair sa mhadainn air an naodhamh latha deug ràinig iad Port Rìgh air bàta an Clansman. Bha an Iàn cho ìosal is nach dèanadh am bàta an ceadha dheth agus b’ ann ann am bàtaichean beaga a b’ fheudar dol air tìr. An sin air a’ cheadha bha siorram an eilein, an Siorram Spiers, agus fear-tagraidh a’ chrùin, fear MacGillFhinnein, a’ feitheamh na cuideachd. Bha a’ mhadainn gruamach gu dearbh ach bu bheag sin ris an t-siorram Ivory ’s e fhèin gu bhith an sàs anns an obair mar a bha romhpa. Cha robh feitheamh tuiridh ri bhith ann, dh’fheumte dèanamh air a’ Bhràighe gun dàil. Tha e air innseadh nach robh am Martainneach ro dheònach falbh còmhla riutha gus na ceannaircich a chomharrachadh do na polasmain. Co dhiubh, bidh e coltach gun do chuir an Siorram Ivory ìmpidh no, is dòcha, eagal air, agus ’s e falbh a rinn e còmhla ris a’ chuideachd eile. A-mach an Drochaid Mhòr ghabh iad, agus oifigeach an t-siorraim, polasman agus fear eile air thoiseach, an sin na polasmain agus an siorram agus an luchd dreuchd eile. Cha robh e a-nise ach beagan is còig uairean anns a’ mhadainn.

Faclan

Fear-tagraidh a’ Chrùin – the Crown Advocate (the Lord Advocate)

Aiseag an t-Sroim – Stromferry

feitheamh tuiridh – waiting for dry weather

gus na ceannaircich a chomharrachadh – to identify the troublemakers

Ceistean

  1. Uile gu lèir, cò mheud poileas a bha a’ dèanamh air an Eilean Sgitheanach?
  2. Cuin a bha seo?
  3. Carson a b’ fheudar dhaibh dol air tìr ann am bàtaichean beaga?
  4. Cò bha a’ feitheamh orra?
  5. An robh an droch aimsir anns a’ mhadainn a’ cur dragh air an t-Siorram Ivory?
  6. An robh iad a’ feitheamh gus an sguireadh den uisge a bhith a’ sileadh?
  7. Ciamar a thug an Siorram air a’ Mhàrtainneach falbh còmhla riutha?
  8. Dè an uair a bha e nuair a dh’fhalbh iad uile a dh’ ionnsaigh a’ Bhràighe?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s