Cunntas air Blàr a’ Chumhaing (Pàirt 3)

IAIN A. MACDHÒMHNAILL

Bha madainn ann a bha doirbh le uisge is gaoth an ear-dheas ach chùm a’ bhuidheann orra a dh’aindeoin an t-sìde. Bha iad uile bog fliuch mun d’ràinig iad an t-Olach ach bha iad a-nis an làn dùil gun nochdadh sluagh a’ Bhràighe shuas gus bacadh a chur orra.

Bha an Siorram Ivory is a chuideachd a’ coiseachd còmhla ri each. Sgeul cha robh air gin de mhuinntir a’ Bhràighe. Fhuair iad seachad air a’ Chumhang ’s gun dad ri a fhaicinn no eadhon ri a chluinntinn ach corra fhead air cnoc thall is a-bhos. Bha e soilleir gun robh luchd-faire a’ toirt rabhaidh. Co-dhiubh, seachad an Cumhang a-null thar Allt nan Gòbhlag a ghabh a’ chuideachd, agus cha robh duine air sgeul gus an d’ràinig iad am bearradh os cionn a’ Bhaile Mheadhonaich.

 

Ceistean

  • Dè bha doirbh a dhèanamh air sgàth na sìde?
  • Ciamar a bha an t-aodach aca mun do ràinig iad an t-Olach?
  • Dè bha iad an dùil ris?
  • An robh an Siorram Ivory is a chuideachd a’ faicinn muinntir a’ Bhràighe?
  • An cuala iad càil sam bith seachad air a’ Chumhang?
  • Dè bha follaiseach?
  • Càite an robh an sluagh?

 

 

Bha sluagh nam bailtean air cruinneachadh an sin, mu cheud dhiubh eadar beag is mòr. Bha Iàn dùil aig an t-sluagh gur h-ann gus an cur a-mach às an dachaighean a thàinig na polasmain. Cha do smaoinich iad idir nach robh a dhìth orra ach na ceannaircich, a bha iad a’ smaoineachadh a bha ’narn measg, a chur an grèim. Thòisich an othail is an èigheach is am maoidheadh. Bidh e coltach gun robh fear de na bha an làthair còmhla ri muinntir a’ Bhràighe greis ’na pholasman an Glaschu, agus dh’aithnich cuid de na polasmain esan. Chuireadh fàilte airsan agus am feadh is a bha beagan còmhraidh a’ dol eatorra chomharraich am Màrtainneach a-mach iadsan a bha esan a’ meas mar cheann-adhbhair air a’ cheannairc. Tha iad a’ fàgail air nach e a-mhàin gun do chomharraich e a-mach iad ach gun do mhaoidh e orra cuideachd. Ach ma mhaoidh am bad a chèile ghabh a’ chuideachd ach fhuair na polasmain tarraing às leis na prìosanaich gu math sgiobalta.

 

Ceistean

  • Cò bha air cruinneachadh air a’ bhearradh os cionn a’ Bhaile Mheadhonaich?
  • Dè an t-adhbhar gun tàinig na polasmain a rèir mar a bha an sluagh a’ smaoineachadh?
  • Carson a dh’aithnich cuid de na polasmain fear de mhuinntir a’ Bhraighe?
  • Dè rinn am Màrtainneach do na polasmain?
  • Dè eile a rinn am Màrtainneach a rèir casaidean an t-sluaigh?
  • Dè thachair an uair sin?
  • Dè fhuair na polasmain air a dhèanamh?

 

A-mach a thug iad leotha is rinn iad air Port Rìgh cho luath is a b’aithne dhaibh. A-mach muinntir a’ Bhràighe às an dèidh agus bha iad romhpa ris a’ Chumhang, fir is mnathan, bodaich is cailleachan agus cuid den òigridh cuideachd. Air an leathad chas os cionn ceum a’ Chumhaing far an d’rinneadh deisealachd airson a leithid seo, bha iad an sin a’ gabhail do na polasmain leis na clachan, agus cha b’ iad na dòirneagan ach ulbhagan mòra mòra a bha deiseil romhpa. Cha robh dòigh aig na polasmain air faighinn às a’ chùil chumhaing anns an robh iad gun a dhol an sàs anns a’ mhòr-shluagh. Fhuair iad an t-òrdan a dhol ris an leathad agus rinn iad sin. Bha buille thall is buille bhos a’ dol. Anns an tuaireap a bha ann eadar an leathad is an ceum coise dhochainneadh seachdnar bhoireannach agus aon tè gu dona, seann bhean a bha suas ris an trì fichead is a deich. Dhochainneadh dithis fhear agus thugadh droch ionnsaigh air dithis de na polasmain cuideachd. A dh’aindeoin na rinneadh fhuaras an còignear phrìosanach a thoirt a Phort Rìgh agus chuireadh sa phrìosan an sin iad tràth am feasgar sin fhèin.

Ceistean

  • Càit an robh na Polasmain a’ dol?
  • Càit an deach muinntir a’ Bhràighe?
  • Cò ràinig an Cumhang an toiseach – muinntir a’ Bhràighe no an luchd-poilis?
  • Cò bh’ ann am muinntir a’ Bhràighe?
  • Dè bha muinntir a’ Bhràighe air dèanamh air an leathad chas os cionn ceum a’ Chumhaing?
  • Dè bha muinntir a’ Bhràighe a’ dèanamh air an leathad chas nuair a thàinig na polasmain?
  • Càit an deach na polasmain?
  • An robh sabaid ann?
  • Càit an robh an t-sabaid a’ tachairt? (gu mionaideach: eadar…..agus….)
  • Cò mheud duine a chaidh a dhochann?
  • Cò mheud prìosanach a fhuair na polasmain?
  • Cuin a chaidh an cur anns a’ phrìosan ann am Port Rìgh?

 

FACLAN FEUMAIL

 

  1. Cuir Gàidhlig eile no an cànan agad fhèin orra seo. Innis do bheachd sa Ghàidhlig air na tha air tachairt san sgeulachd gu ruige seo (up till now).

 

  • Bog fliuch –
  • a chuideachd –
  • sgeul cha robh air… – cha robh sgeul air….
  • corra fhead –
  • thall is a-bhos –
  • soilleir –
  • seachad ..*àite….a ghabh X –
  • cha robh duine air sgeul –
  • sluagh…eadar beag is mòr –
  • bha làn dùil aig an t-sluagh –
  • am feadh is a bha –
  • chomharraich ….a-mach iad
  • mar cheann-adhbhair air a’ cheannairc
  • a’ fàgail air X –
  • am bad a chèile a ghabh a chuideachd –
  • gu sgiobalta – quickly and neatly
  • mach a thug iad leotha –
  • bha iad romhpa ris a’ CHumhang –
  • far an do rinneadh deisealachd –
  • a’ gabhail do X le –
  • dòirneagan –
  • ulbhagan –
  • a bha deiseil romhpa –
  • às a’ chùil chumhaing –
  • gun a dhol an sàs anns a’ mhòr-shluagh –
  • ris an leathad –
  • tuaireap –
  • dhochainneadh X –

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s