Blàr a’ Chumhaing (Pàirt 4/7) – le mìneachadh Gaeilge air cuid de na faclan

Le IAIN A. MACDHÒMHNAILL

Bha deagh fhios sa Bhràighe dè thachradh do na fir a bha sa phrìosan am Port Rìgh agus ’s e a’ bhruidhinn a bha ann a-nise gum bu chòir dèanamh air Port Rìgh agus ionnsaigh a thoirt air a’ phrìosan agus an càirdean a shaoradh. Rinneadh deiseil gu sin a dhèanamh agus bha gealltanas air cuideachadh o bhailtean eile cuideachd. Co-dhiù, ghabh am maighstir sgoile, fear MacCalmain, air fhèin an comhairleachadh gus tilleadh dhachaidh agus gun ghnothach a ghabhail ris a’ phrìosan. Ghabh a’ mhòr chuid a chomhairle ach bha eagal air cuid am Port Rìgh nach gabhadh. Ràinig feadhainn de mhuinntir a’ Bhràighe Port Rìgh ach cha robh coltas cuideachaidh ann. Gus an t-eagal a chur orra nach ann a ghairmeadh a-mach am mailisi agus bha iadsan air ais agus air adhart eadar an drochaid agus am prìosan. Cha robh air a-nise ach tilleadh dhachaidh gus am faicte dè thachradh an dèidh seo.

Ceistean

 

  1. Dè thachradh do na fir a bha sa phrìosan am Port Rìgh nad bheachd-sa?
  1. Dè bha dùil aig muinntir a’ Bhràighe a dhèanamh?
  1. Dè a’ chomhairle a thug am maighstir sgoile, MacCalmain, do mhuinntir a’ Bhràighe?
  1. Cò a ghabh comhairle MhicCalmain?
  1. An deach mòran de mhuinntir a’ Bhràighe gu Port Rìgh?
  1. Dè rinneadh gus an t-eagal a chur orra?
  1. Dè rinn muinntir a’ Bhràighe an uair sin?

Bha an còignear an grèim agus cha robh air a-nis ach falbh leotha gu ruige Inbhir Nis far an seasadh iad cùirt an lagha. B’ iad na fir a bha an grèim, Alasdair MacFhionnlaigh agus a mhac Calum, Pàdraig Domhnallach, Dòmhnall MacNeacail agus a mhac-cèile Seumas MacNeacail.

Sgaoil an naidheachd a bha ann air feadh na dùthcha, mu thuath agus mu dheas. Ann an Glaschu chuireadh comhairle air chois air an dara latha fichead den mhìos gus airgead a thional agus fear lagha fhastadh a sheasadh na fir a bha sa phrìosan. B’ e am fear lagha a thaghadh Coinneach Domhnallach. Bha pàipear-naidheachd Ghlaschu agus pàipear-naidheachd Dhùn Dè a’ toirt cunntais fhiosrachail mu shuidheachadh a’ Bhràighe agus àitean eile. Chuir an da phàipear sin luchd-sgrìobhaidh don Bhràighe agus bha iadsan an làthair ri linn a’ bhlàir.

Ceistean

  1. Carson a chaidh an còignear phrìosanach a thoirt gu Inbhir Nis?
  1. Cò bh’ anns a’ chòignear?
  1. An robh a’ chùis aca aithnichte?
  1. Dè rinneadh ann an Glaschu gus na prìosanaich a chuideachadh?
  1. Cò chaidh a thaghadh mar fhear-lagha dhaibh?
  1. Dè rinn an dà phàipear-naidheachd à Glaschu agus Dùn Dè?

Faclan feumail le Gaeilge agus Beurla orra

  • Bha deagh fhios sa Bhràighe gun robh – Ba mhaith a bhí a fhios ag muintir a Bhràighe go raibh… / The people of the Braes knew full well that…
  • bha gealltanas air cuideachadh o bhailtean eile Bhí cabhair ó bhailte eile geallta… / Help had been promised from other towns
  • ghabh … air fhèin – … Thug … air féin / … took it upon himself to
  • gun ghnothach a ghabhail ris a’ phrìosan – gan cur isteach ar an bpríosún / not to interfere with the prison
  • cha robh coltas cuideachaidh ann – ní raibh aon chuma ar an scéal go raibh cabhair le teacht / help did not appear to be on its way.
  • am mailisi – the militia.

Anns a’ Bhràighe fhèin cha robh air ach a dhol ri obair an earraich mar a b’ àbhaist. Bha am blàr seachad agus cò aige bha fios a-nise dè dh’fhaodadh èirigh dhaibh, no idir do an càirdean a bha sa phrìosan an Inbhir Nis. Bha an sluagh thall is a-bhos air an taobh, agus bha sin aithnichte leis na bha de shluagh am Port Rìgh an uair a thugadh na prìosanaich air falbh. Chan fhaodadh neach cas a chur air a’ chèadha an latha ud ach le cead nam polasman, ach bha bruthach a’ chèadha dubh le daoine a bha a’ nochdadh deagh ghean agus deagh rùn do na prìosanaich.

Ceistean

  1. Dè bha aig muinntir a’ Bhràighe ri dhèanamh mar a b’ àbhaist as t-earrach?
  1. An robh mòran daoine ann am Port Rìgh nuair a thugadh na prìosanaich air falbh?
  1. An robh cead aig na daoine dhol air cèadha a’ chalaidh?
  1. An robh mòran ann co-dhiù?
  1. Carson a bha iad ann?

Faclan feumail le Gaeilge is Beurla orra

  • Cha robh air ach… – Ní raibh le déanamh anois ach… / there was nothing for it but to…
  • Mar a b’ àbhaist – mar ba ghnách / as was usual
  • Dè dh’fhaodadh èirigh dhaibh – cad a tharlódh dóibh / what their fate was/ what could happen to them
  • Thall is a-bhos air an taobh – Thall agus abhus ina bhfabhar / here and there on their side
  • aithnichte – soiléir / obvious – known/well-known
  • leis na bha de shluagh – lena raibh de shlua / with the crowd that had gathered
  • air a’ chèadha – ar an gcé / on the quay
  • dubh le daoine – dubh le daoine / packed
  • a’ nochdadh deagh ghean agus deagh rùn do na prìosanaich – ag cur a gcuid bá agus tacaíochta leis na príosúnaigh / expressing their good will and good wish(es) for the prisoners

Bha cuid dhiubh às a’ Bhràighe ach bha mòran à Port Rìgh fhèin. A-rithist, an uair a ràinig iad Inbhir Nis, bha sluagh gun àireamh gan coinneachadh agus iad uile a’ bagairt ionnsaigh a thoirt air na polasmain. B’ fheudar do fhear de luchd a’ bhaile, fear MacCoinnich, an comhairleachadh a bhith sìtheil agus bithidh e coltach gur ann an Gàidhlig a rinn e sin. Ghabhadh a chomhairle agus thugadh na prìosanaich don chaisteal air feasgar an aonamh latha fichead den Ghiblean. Bha iad an grèim an sin gus an seachdamh latha fichead an uair a leigeadh ma sgaoil iad air airgead urrais fichead not am fear; airgead mòr ach bha gu leòr a bha deònach a phàigheadh.

Ceistean

  1. Cò às a bha an sluagh a bha ann airson taic a chumail ris na prìosanaich?
  1. Cò thug comhairle dhaibh?
  1. Carson a thug e comhairle dhaibh?
  1. Cò an cànan anns an do bhruidhinn e riutha?
  1. Ciamar a fhuair na prìosanaich ma sgaoil?

Faclan Feumail le Gaeilge is Beurla orra

  • Sluagh gun àireamh – slua gan chuntas / a massive crowd
  • A’ bagairt ionnsaigh a thoirt air na polasmain – Ag bagairt ionsaí a dhéanamh ar na póilíní / threatening to attack the police
  • Ghabhadh a chomhairle – Glacadh lena chomhairle / Their advice was taken
  • nuair a leigeadh ma sgaoil iad – Nuair a scaoileadh leo / when they were released.
  • airgead urrais – banna / bail

Dh’innseadh an sin gun rachadh casaid a thogail nan aghaidh aig cùirt an t-siorraim an Inbhir Nis ann am beagan ùine. Rinn na fir air an Eilean Sgitheanach agus gu dearbh bha fàilte romhpa air cèadha Phort Rìgh an uair a thill iad. Cha robh air a-nis ach feitheamh ri latha na cùirte. Cha robh cùisean idir buileach cho dona is a bhathas a’ smaoineachadh an toiseach. Cha robh eagal bàirligidh orra cò dhiubh agus bha e na adhbhar misnich dhaibh mar a sheas an sluagh thall is a-bhos air an taobh.

Faclan Feumail le Gaeilge is Beurla orra

gun rachadh casaid a thogail nan aghaidh – go gcúiseofar iad / that a case would be take against them

bha fàilte romhpa – bhí fáilte rompu / they were welcomed

feitheamh ri latha na cùirte – fanacht le lá na cúirte / wait for the court(-hearing) day

cha robh eagal bàirligidh orra – ní raibh eagla orthu go ndéanfaí díshealbhú orthu / they weren’t afraid of being evicted.

bha e na adhbhar misnich dhaibh – bhí sé mar chúis mhisnigh dóibh / it was a cause of hope for them.

mar a sheas an sluagh thall is a-bhos air an taobh – mar a sheas an slua thall agus abhus leo / the way in which the crowd here and there stood by them.

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s