Blàr a’ Chumhaing agus Napier (7/7)

IAIN A. MACDHÒMHNAILL

1

Bha tro-chèile a’ Bhràighe a-nise air fhoillseachadh don t-saoghal mhòr. Bha pàipearan-naidheachd na dùthcha a-nis a’ toirt am beachd-san air cor nan croitear. Cha b’ ann san Bhràighe a-mhàin a chuir na croitearan an cèill am mì-ghean agus ri linn ’s na thuirt gach fear-sgrìobhaidh is gach fear-labhairt, bha suidheachadh nan croitear am beul an t-sluaigh air feadh na dùthcha. Bha cuid de na bha a’ sgrìobhadh agus a’ bruidhinn a’ nochdadh co-fhaireachadh nach bu bheag ris na croitearan, ach bha cuid eile dhiubh a’ cumail a-mach nach robh anns an ùpraid a bha ann ach iomall den mhì-dhòigh is den troimhe-cheile a bha a’ dol air adhart an Èirinn. Bha aon fhear sgrìobhaidh à Glaschu ag ràdh gun tug esan an aire gun robh an ùpraid na bu mhiosa agus na bu dìoghrasaiche anns na ceàrnaidhean sin anns an robh iasgairean a’ cleachdadh a bhith a’ dol chun an iasgaich mu chladaichean Èirinn. Chan eil cunntas againn gun robh aon iasgair as a’ Bhràighe ris an iasgach thall mu Èirinn aig an àm seo. ‘S e an cunntas a tha againn gun robh iad cho bochd is nach rachadh aca air bàtaichean a cheannach a bheireadh fada o an cladaichean fhèin iad. Bha cuid eile a’ cumail a-mach gun robh ‘Land Leaguers’ à Èirinn a’ tighinn a-nall am measg nan croitear agus gan cur thuige gus dùbhlan a thoirt don lagh is don chrùn. Chan eil cunntas againn gun robh aon dhiubh seo air àrainn a’ Bhràighe anns na bliadhnaichean ro Bhlàr a’ Chumhaing.

 

FACLAN FEUMAIL

 

  • air fhoillseachadh don t-saoghal mhòr – revealed to thè whole world
  • am mì-ghean – am mì-thoileachas – their unhappiness
  • ri linn ’s na thuirt – because of what …said
  • am beul an t-sluaigh – on the lips of thè people (co-fhaireachadh nach bu bheag ris na croitearan – a lot of sympathy with thè crofters
  • a’ cumail a-mach – claiming, maintaining
  • iomall – edge
  • gun tug esan an aire – that he had noticed
  • na bu dìoghrasaiche – more intensely
  • a’ cleachdadh a bhith a’ dol chun an iasgaich mu chladaichean Èirinn – used to go fishing around the shores of Ireland
  • gan cur thuige gus dùbhlan a thoirt don lagh is don chrùn – encouraging them to challenge thè law and the crown
  • air àrainn a’ Bhràighe – in the Braes area

 

 

  1. Carson a bha tro-chèile a’ Bhràighe a-nis air nochdadh don t-saoghal mhòr?
  2. Am b’ ann anns a’ Bhràighe a-mhàin a bha croitearan mì-thoilichte?
  3. Cò bha a’ bruidhinn mu dheidhinn suidheachadh nan croitearan a-nis?
  4. Dè bha cuid de luchd-sgrìobhaidh a’ cumail a-mach mu dheidhinn ùpraid nan croitearan Albannach?
  5. Dè bha aon sgrìobhadair à Glaschu ag ràdh?
  6. An robh sin fìor *a rèir a’ chunntais seo? *according to this account/report
  7. Ciamar nach b’ urrainn do na croitearan bàtaichean a cheannach?

 

2

Tha cunntas, ge-tà, air dithis choigreach a thighinn don Bhràighe an dèidh Blàr a’ Chumhaing. B’ e fear dhiubh seo Eanraig George a thàinig à San Francisco. B’ e ‘Fàidh San Francisco’ a theirte ris agus an uair a chualas gun robh e a’ tighinn don Bhràighe thàinig àireamh mhath sluaigh a dh’èisteachd ris anns an sgoil. Bha fear cathrach aca à Glaschu, fear aig an robh Gàidhlig, agus bha cuid a’ smaoineachadh gum buineadh esan don ‘Land League’. Bha esan a’ cur fa chomhair na cuideachd gur e dh’fheumadh na croitearan tuilleadh fearainn agus nach b’ e fearann a-mhàin ach cuideachadh math airgid gus sprèidh a cheannach. An sin chuir Eanraig George an cèill mar a bha esan air a chur thuige an uair a chuala e mun droch dhìol a bha air croitearan air feadh na Gàidhealtachd agus gu h-àraidh mu Bhlàr a’ Chumhaing. Dh’innis e don chuideachd mun bhochdainn a dh’fhuiling e fhèin is mun droch chàradh anns am faca e sluagh nam bailtean. Bha esan a nis a’ creidsinn gum feumte roinn as ùr a dhèanamh air ionmhas an t-saoghail. Bha aon de èildearan na h-eaglais an làthair agus air cho lapach ’s gun robh a chuid Beurla thuirt e nach robh e idir ag aontachadh ris na meadhanan a bha George a’ moladh gus suidheachadh nan croitear a leasachadh. Cha robh esan a’ creidsinn gun robh e a rèir na fìrinn a chuid a thoirt bho aon neach gus neach eile a chuideachadh. A bharrachd air sin chuir an t-èildear an cèill do chàch nach robh am fear labhairt a thàinig à Ameireaga a’ cumail ris an fhìrinn bheannaichte agus mar sin gun robh esan a’ moladh don chuideachd a dhol dhachaigh agus gun chuid no gnothach a bhith aca ris. Rinn esan air an doras agus a’ chuideachd uile air a shàil. Cha tug briathran an Ameireaganaich buaidh sam bith air muinntir a’ Bhràighe. Bha buaidh na h-eaglais na bu treasa eadhon aig an àm sin.

 

  • Cò a thàinig don Bhràighe an dèidh a’ Bhlàir?
  • Dè bha e a’ bruidhinn mu dheidhinn?
  • Carson nach robh aon de èildearan na h-eaglais ag aontachadh ris an fhear seo?
  • Carson an do mhol e don luchd-èisteachd a dhol dhachaigh agus gun a bhith ag èisteachd ris an fhear seo?
  • Carson a lean a’ chuideachd (an luchd-èisteachd) e a-mach às an doras?

 

FACLAN FEUMAIL

 

 

  • thàinig àireamh mhath sluaigh a dh’èisteachd ris – a good number of people came to listen to him
  • fear cathrach – chairman
  • a’ cur fa chomhair na cuideachd gur e dh’fheumadh na croitearan – presenting to the company of people that the crofters would need to…
  • sprèidh – livestock
  • mun droch dhìol a bha air croitearan – about thè bad treatment of thè crofters
  • mun droch chàradh – about thè bad situation/state
  • roinn as ùr a dhèanamh – a new division
  • ionmhas an t-saoghail – thè world’s wealth
  • air cho lapach ’s gun robh a chuid Beurla – because of how poor his English was
  • meadhanan – methods
  • a rèir na fìrinn – according to gospel
  • a chuid a thoirt bho aon neach – to take one person’s belongings from him
  • a’ cumail ris an fhìrinn bheannaichte – following thè holy gospel
  • gun chuid no gnothach a bhith aca ris – not to have anything to do with him
  • a’ chuideachd uile air a shàil -his congregation all on following him (on his heels)
  • na bu treasa – stronger

 

3

Goirid an dèidh seo thàinig tè ris an abrar a’ bhean uasal Gòrdan Granndach an rathad. Bha ise cuideachd a’ nochdadh co-fhaireachadh mòr ris na croitearan a bha a’ fulang àmhghair agus dòrainn anns na làithean a bha ann. Thug ise cuairt air àrainn a’ Chumhaing agus am feasgar sin fhèin bha i a’ bruidhinn anns an sgoil. A-rithist bha àireamh mhath an làthair agus ged a b’ ann sa Bheurla a bha i a’ bruidhinn fhuair i èisteachd. Chuir ise meal an naidheachd orrasan a sheas an còraichean cho duineil. Ars ise, ‘bithidh cuimhne oirbh mar a tha cheana air na suinn a bhuannaich aig Allt a’ Bhonnaich. Bha ise làn chinnteach gum biodh carragh air a thogail air àird a’ Chumhaing gus an cuid euchdan a chumail air chuimhne agus gum biodh seo mar a thuirt i ‘mar chuimhneachan soilleir orrasan a sheas cho dìleas ’s nach biodh guth tuilleadh air fàsachadh no air bairligeadh’. Fhuair ise èisteachd agus gabhail roimhpe mar nach d’fhuair am fear eile. Ma bha coigrich eile an rathad chan eil cuimhne orra an diugh. Bha gnothaichean mòra eile fa chomhair an t-sluaigh. Thug gach sgrìobhadh agus gach bruidhinn a bha dol suidheachadh nan croitear fa chomhair na pàrlamaid agus an luchd riaghlaidh. Bha e air a ràdh gur ann ri linn na sgrìobhadh anns na pàipearan mu Bhlàr a’ Chumhaing a thuig am prìomhaire Gladstone mar a bha cùisean air a’ Ghàidhealtachd. Gus a seo cha robh mòran suime den Ghàidhealtachd no de cheàrnaidh sam bith den rìoghachd ach a-mhàin de shuidheachadh na h-Èireann. Bhuaithe seo a-mach, ge-tà, bha e soilleir gum feumte cùisean a rèiteachadh aig an taigh cuideachd.

 

 

  • Cò eile a thàinig an rathad a’ Bhràighe?
  • An robh ise a’ moladh muinntir a’ Bhràighe?
  • Carson?
  • An robh an sluagh toilichte èisteachd rithe?
  • Ciamar a fhuair a’ Phàrlamaid a-mach mu dheidhinn suidheachadh truagh an t-sluaigh?
  • Ciamar a thuig am Prìomhaire Gladstone mar a bha cùisean air a’ Ghàidhealtachd?
  • Gus an sin, dè an suidheachadh a bu mhotha a bha a’ tarraing aire na Pàrlamaid?
  • An robh suidheachadh na h-Alba coltach ris an t-suidheachadh sin?

 

4

B’ e a’ bhuil a bha ann gun do chuireadh air chois comhairle a bha ri rannsachadh a dhèanamh air suidheachadh nan croitear air a’ Ghàidhealtachd. Bha a’ chomhairle seo fo stiùireadh a’ Mhorair Napier agus ann am beagan is bliadhna an dèidh Blàr a’ Chumhaing bha am Morair Napier a’ gabhail fianais o mhuinntir a’ Bhràighe mu an cor is an crannchur. Air Comhairle Napier bha An Ridire Coinneach MacCoinnich, C. Friseal Mac an Toisich, fear pàrlamaid, An Siorram Alasdair MacNeacail, Camshronach Loch Iall, fear pàrlamaid, agus an t-Ard Ollamh Dòmhnall MacFhionghain.

 

  • Dè thachair anns a’ Phàrlamaid?
  • Cuin a thòisich am Morair Napier air fianais a ghabhail bho mhuinntir a’ Bhràighe?
  • Cò bha an sàs ann?

 

5

Bha mòran de luchd-labhairt is de luchd-sgrìobhaidh a’ meòrachadh air crannchur nan croitear. Bhathas a’ beachdachadh air a’ chùis an Taigh nan Cumantan agus a-nise bha cuid de àrd luchd dreuchd a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd agus a’ cur am beachdan an cèill.

 

  • Càit an robhas a’ beachdachadh air cùis nan croitearan?
  • Dè seòrsa dhaoine a bha a-nis a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd agus carson a bha iad a’ tadhal oirre?

 

6

Air an ochdamh latha deug den t-Sultain 1885 bha am fear riaghlaidh ainmeil ud Ioseph Chamberlain a’ bruidhinn an Inbhir Nis agus thuirt esan mar seo:

‘Tha fàsachadh na Gàidhealtachd air fior dhroch shnuadh a chur air oighreachdan na Gàidhealtachd agus orrasan aig a bheil còir thairis orra agus nan robh aicheamhail air iarraidh dh’fheumte cumhachd an lagha a theannachadh orra gu ìre air nach do smaoinich eadhon an fheadhainn sin a bha a’ sìor iarraidh na cùisean atharrachadh agus a leasachadh.’

 

 

 

ハイランドの過疎はハイランドの存続と自らの権利に縁遠く、報復が期待されていた人々に真に悪辣な様相をもたらし、継続的に状況を変え、改善することを望む人々でさえ考えの及ばないほど、法の力引き下げられなければならなかった。

Thuirt e cuideachd:

Ma bhreithnich mise gu ceart na leugh agus na chuala mun chuspair seo tha an latha nise air a thighinn anns am feum sinn sgrùdadh mionaideach a dhèanamh air a leithid seo de shuidheachadh anns a bheil cumhachd cho mòr acasan aig a bheil sealbh air fearann, cumhachd a thathas a’ buileachadh chan ann a chum maith na tuath ach a chum am mì-mhath agus mì-fheum.’

 

この目的について読み書きしたことを正しく考えるなら、土地を所有する者たちがとても大きな力を持ち、その力が人々の是を維持するのではなく、非や不用の物ことを続ける状況がどのようかわれわれが詳細な調査を行なわなければならないこの日がやってきたのだ。

 

  • Dè a’ phrìomh phuing a bh’ aig Ioseph Chamberlain?

 

7

Bha luchd-sgrùdaidh thall is a bhos a’ beachdachadh air cho cruaidh is a bha am fàsachadh is eile air sluagh gun chuideachadh, gun chùl-taic. Chan e a-mhàin gun robh luchd-sgrìobhaidh agus luchd pàrlamaid anns an dùthaich seo fhèin a’ beachdachadh air a’ chùis ach bha fir eòlach à dùthchannan eile cuideachd a’ toirt cunntais air gach dol a-mach a bha ann rè na linne a bha seo.

 

Thuirt fear sgrìobhaidh às an Fhraing mar seo:

‘Bha e soirbh gu leòr do luchd-seilbh an fhearainn a bhith cuidhteas an tuath; cha robh aca ach an dachaighean a chur as a chèile agus an sluagh a chur air fògradh. Bha a leithid seo cumanta gu leòr an Èirinn agus cuideachd air Gàidhealtachd na h-Alba.’

 

  • A rèir an fhear sgrìobhaidh às an Fhraing, ciamar a bha e furasta do uachdarain is bàillidhean an sluagh a chur air falbh?

Bha eagal an fhògraidh agus na h-imrich air croitearan a’ Bhràighe ro Bhlàr a’ Chumhaing ach bha sin fìor cuideachd an dèidh a’ bhlàir, eadhon ri linn a’ Mhorair Napier a thighinn don Bhràighe a thogail fianais. Chaidh iarraidh air gach baile fearainn fear-labhairt a chur a thoirt fianais mu choinneimh na comhairle. Tha e air a ràdh gun robh feadhainn anns a’ Bhràighe nach robh deònach sin a dhèanamh air eagal a’ bhàillidh. Bha fhios gum biodh am bàillidh an làthair aig na coinneamhan a bha ri bhith ann.

  • An robh muinntir a’ Bhràighe fo chunnart fhathast a bhith air an cur a-mach às na dachaighean aca?
  • Carson nach robh feadhainn anns a’ Bhràighe deònach fianais a thoirt mu choinneimh na comhairle?

Co-dhiù, bha am Morair Napier agus a chuideachd a’ togail fianais anns a’ Bhràighe air DiMàirt an t-ochdamh latha deug den Chèitean anns a’ bhliadhna 1883, dìreach beagan is bliadhna an dèidh Blàr a’ Chumhaing. B’ e seo, mar gum b’ eadh, an car mu dheireadh anns an tuaireap a thòisich an latha a thugadh an ionnsaigh ud air a’ Mhàrtainneach agus a luchd-cuideachaidh. Bha am màl a-nise pàighte agus bha feurach na beinne aig muinntir nam bailtean; ach cha robh an crannchur ach bochd, agus bha fhathast eagal bàirligidh na adhbhar iomagain do mhòran.

  • Cuin a bha am Morair Napier agus a’ chuideachd a’ togail fianais?
  • Dè bha ri rèiteachadh fhathast? * rèiteachadh = cur ceart

B’ e Aonghas Stiùbhart a bha a’ riochdachadh muinntir Pheighinn a’ Chorrain, agus anns a’ chiad dol a-mach chuir esan an cèill nach robh e deònach fianais a thoirt is am bàillidh an làthair air eagal gun togte casaid na aghaidh airson nì sam bith a theireadh e anns an fhianais. An dèidh beagan còmhraidh eatorra fhèin dh’aontaich am bàillidh agus a’ chuideachd gum faodadh e na ceistean a chuirte air a fhreagairt gun eagal no eile. A rèir na thuirt Aonghas Stiùbhart: ’s e cho beag is a bha na croitean, cho bochd is a bha am fearann agus cho àrd is a bha am màl a bu mhotha a bha cur air muinntir Pheighinn a’ Chorrain. Bha e ag ràdh gun robh mu dheich tacaichean fichead anns an eilean a dh’fhaoidte a bhristeadh agus a roinn air croitearan. Thuirt e gun rachadh e fhèin do cheàrnaidh sam bith den eilean far am faigheadh e fearann. Aig a’ cheart àm a bha seo thuirt e gun robh e a’ pàigheadh còig puinnd is a naoi de mhàl. Cha do ghabh Aonghas Stiùbhart ris gun do chuireadh blàr. Cha robh ann, thuirt e, ach tro-chèile bheag, ach ri linn sin bha e den bharail a-nise gum bu choir don Bhanrigh còir a ghabhail air an fhearann air fad.

 

  • A rèir na thuirt Aonghas Stiùbhart, dè bu choireach don tro-chèile bho thaobh muinntir Pheighinn a’ Chorrain?
  • An e Blàr mòr a bh’ ann am Blàr a’ Chumhaing a rèir na thuirt Aonghas Stiùbhart?

 

Thug Somhairle MacNeacail fianais as leth a’ Bhaile Mheadhonaich agus bha esan cuideachd a’ cur an cèill gun robh am màl ro àrd agus gun robh na croitean ro bheag. Thuirt e gun robh ceithir croitean fichead anns a’ bhaile agus bha e a’ cumail a-mach nach do lùghdaicheadh am màl idir ri linn roinnean a dhèanamh orra eadar 1840 agus 1883.

 

  • Dè an fhianais a thug Somhairle MacNeacail seachad?

 

Thuirt Niall Mac a’ Phearsain à Gead an t-Saillear nach robh aigesan ach leth chroit agus gun robh e a’ pàigheadh trì puinnd is a trì deug de mhàl sa bhliadhna. Thuirt e gun robh esan ris an iasgach cuideachd ach nach robh an t-iasgach ach bochd, agus sin a chionn ’s gun robh daoine cho bochd is nach rachadh aca air bataichean is acfhainn a cheannach. Bha an aon ghearain air màl is cion fearainn aig Dòmhnall Bochanan as an Olach agus aig Iain MacMhathain à Achadh na h-Anaid.

 

  • Carson a bha an t-iasgach cho bochd?

 

Cha robh teagamh ann a-nise nach robh muinntir a’ Bhràighe a’ faicinn nach toireadh iad beò-shlaint à suidheachadh cho mì-shealbhach. Bha teagamh aca nach tigeadh dad de bhuannachd an rathad fon lagh a b’ aithne dhaibh agus faodaidh sinn a chreidsinn gun d’ rinn iad gàirdeachas ris an lagh ùr a steidhicheadh anns a’ bhliadhna 1886. Fhuair iad còraichean ùra air an cuid fearainn agus air an dachaighean, agus sin fo chumhachd an lagha.

 

Chan eil teagamh air nach robh Blàr a’ Chumhaing air aon de na meadhanan a thug gu buil rannsachadh a’ Mhorair Napier agus na chois Achd nan Croitear, achd a rèitich an crannchur car tacan agus a thug do chroitearan na Gàidhealtachd fois is sìth fo ghleidheadh an lagha agus saorsa o mhì-rùn nam bàillidh is nan uachdaran.

 

  • Carson a bha Blàr a’ Chumhaing cho cudromach?
  • Dè thug Achd nan Croitear do na croitearan?

 

 

CRÌOCH

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s