IAIN A. MACDHÒMHNAILL
Bha a’ chùirt ri seasamh air an dara latha deug den Chèitean agus b’ fheudar do na fir dèanamh air Inbhir Nis a-rithist. Bha sluagh mòr cruinn am Port Rìgh gus gach beannachd fhàgail aca ach ’s ann a ghabh fir a’ Bhràighe an t-aiseag a Ratharsaigh, agus, an sin, am bàta, an Glencoe, don t-Stròm. Bha am bàillidh agus oifigeach an t-siorraim air an aon bhàta agus bha mu sheachdnar eile às a’ Bhràighe air an turas a dh’Inbhir Nis a thoirt fianais air taobh an coimhearsnach. Sheas iad a’ chùirt air Dihaoine an dara latha deug den Chèitean. Cha do thogadh ach an aon chasaid nan aghaidh, ’s e sin gun tug iad ionnsaigh air a’ Mhàrtainneach, is e air ceann gnothaich nam measg.
Ceistean
- Càit am b’ fheudar do fireannaich a’ Bhràighe a dhol a-rithist?
- Carson?
- Ciamar a fhuair iad air falbh dhan àite sin?
- Carson a bha seachdnar eile às a’ Bhràighe air a’ bhàta?
- Cia mheud casaid a chaidh a thogail nan aghaidh?
- Dè an casaid a bha sin?
FACLAN FEUMAIL
- Bha sluagh mòr cruinn am Port Rìgh – there was a large crowd gathered in Portree
- Gus gach beannachd fhàgail aca – in order to wish them well
- Air taobh an coimhearsnach – on their neighbour’s side (on behalf of)
- Case (legal); accusation
Cha robh guth a-nis air na bagraidhean mòra aig an t-siorram Ivory. Fhuaradh ciontach iad agus thugadh binn a mach nan aghaidh mar seo : chaidh dà phunnd ’s a deich a chàin air Dòmhnall MacNeacail agus air Alasdair MacFhionnlaigh, no mìos de phrìosan; chaidh not a chàin air Calum MacFhionnlaigh, air Seumas MacNeacail, agus air Pàdraig Dòmhnallach, no ceithir latha deug de phrìosan. Cha ghann nach robh càirdean an làthair a bha deònach gach chàin a phàigheadh. Bha na fir a-nise ma sgaoil, agus a-rithist bha fàilte romhpa a h-uile ceum gus an d’ràinig iad an dachaighean fhèin anns a’ Bhràighe. Bha cuid de bhailtean eile a-nise a’ nochdadh gun seasadh iadsan cuideachd an còraichean dlìgheach, agus cha deachaidh aig an t-Siorram Ivory air maoir-sithe a thoirt à Glaschu no àite eile gus a chuideachadh. Bha seo na adhbhar gàirdeachais do mhòran.
Ceistean
- Dè an taghadh a bh’ aig na fireannaich mar bhinn (sentence)?
- Ciamar a fhuair iad ma sgaoil?
- An robh bailtean eile a’ strì an aghaidh nan uachdaran?
- Carson a bha mòran toilichte?
FACLAN FEUMAIL
- Cha robh guth a-nis air – there was no mention of…
- a chàin – de chàin – of a fine (money)
- cha ghann nach robh – there were plenty of (,,,,were not few)
- na adhbhar gàirdeachais – a cause/reason for joy
A-nise ’s ann a bha e coltach gun robh an latha leis na croitearan. Ro dheireadh na bliadhna 1882 fhuair muinntir a’ Bhràighe air ais feurach Bheinn Lì. Bha trì fichead is a ceithir deug punnd Sasannach sa bhliadhna aca ri phàigheadh air a shon ach bithidh e coltach gun robh an tuathanach MacAoidh a’ pàigheadh còrr is sia fichead not sa bhliadhna. Ged a ghabh muinntir a’ Bhràighe ri seo, bha truimead a’ mhàil na adhbhar gearain aca an dèidh seo. Cha robh duine a thug fianais mu choinneimh a’ Mhorair Napier nach robh a’ gearan air truimead a’ mhàil.
Ceistean
- Ciamar a bha cùisean do chroitearan a’ Bhràighe a-nis?
- An robh iad a’ pàigheadh barrachd na tuathanach MacAoidh?
- An robh adhbhar gearain aca fhathast?
- Carson?
FACLAN FEUMAIL
- gun robh an latha leis na croitearan – that the crofters had won the day
- feurach Bheinn Lì – Ben Lì grazings
- bithidh e coltach gun robh – it appears that ~ らしい、
- bha truimead a’ mhàil na adhbhar gearain aca – the hardship of the rent was a cause for complaint for them