Blàr a’ Chumhaing (Pàirt 6/7)

Co-dhiù air feadh an t-saoghail mhòir rinneadh gàirdeachas ris mar a chaidh le muinntir a’ Bhràighe. Sheas iad an còraichean agus mheal iad an còraichean. Am measg nan òran a rinneadh gus cuimhne a chumail air an gaisge agus air an treibhdhireachd tha aon aig Màiri Mhòr nan Òran far a bheil i ag ràdh mar seo :

Thugaibh taing dhan a’ mhuinntir

Tha fo riaghladh na Banrigh

Rinn an lagh dhuinn cho diongmhalt’

‘S nach caill sinn Beinn Lì.

 

‘S na diùlnaich a b’uaisle

‘S nach robh riamh ann an tuasaid

Chaidh na ruighich a shuaineadh

gu cruaidh air an dùirn.

Chaidh an giùlan leis na h-aingle

‘S an glasadh an gainntir

‘S a dh’aindeoin cumhachd an nàimhdean

‘S leoth’ am fonn is Beinn Lì.

‘S na mnathan bu shuairce

‘S bu mhodhala gluasad

Chaidh an claiginn a spuaiceadh

Ann am bruachan Beinn Lì.

‘S ged a tha an Cuilthionn is Glàmaig

Measg nam beanntan as àille

Cha bhi ’n eachdraidh air a fàgail

Ach aig sàiltean Beinn Lì.

 

FACLAN FEUMAIL

 

Rinneadh gàirdeachas ris mar a chaidh le – There was rejoicing at how (things) had gone for (the Braes people)

Treibhdhireachd – integrity, sincerity

dha na mhuinntir – dhan mhuinntir

rinn an lagh dhuinn cho diongmhalta – who made the law so strong/effective for us

na diùlnaich – the champions, heroes

ann an tuasaid – in a quarrel, in trouble

chaidh na ruighich a shuaineadh – the forearms were knotted (made strong) no is mathaid:- the sleeves were rolled up

an dùirn – their fists/hands

leis na h-aingle – leis na h-ainglean

gainntir – prìosan

’S leoth’ am fonn is Beinn Lì – Ben Lì and the land is theirs

  • bu shuairce – the kindest, the most civil/affable

chaidh an claiginn a spuaiceadh – their skulls (heads) were bruised (i.e beaten)

sàiltean Beinn Lì – the feet of Ben Lì

 

Bhathas ag ràdh anns a’ Bhràighe gur h-i a’ Bhan-Mhorair NicDhòmhnaill a b’adhbhar a’ chùis seo a rèiteach cho sgiobalta agus tha cunntas againn gun do thadhail i fhein agus a’ Bhan-Mhorair Middleton anns a’ Bhràighe mu dhà mhìos an dèidh Blàr a’ Chumhaing. Tha cunntas againn air iad a thadhal san sgoil san Olach Shuas far an robh fàilte romhpa ach chan eil cunntas againn gun tug fear no tè an aghaidh orra air an turas. Bha cuid de luchd-sgrìobhaidh is de luchd-labhairt a’ cumail a-mach nach leigeadh an t-eagal le duine de theaghlach a’ Mhorair tadhal san Bhràighe. Cha b’ann mar sin a bha idir. Bha adhbhar na h-aimhreit seachad, is cha robh a dhìth air muinntir a’ Bhràighe ach sìth is fois is an còraichean dligheach a mhealtainn fo chumhachd an lagha.

 

Ceistean

 

  1. Cò a bha na chuideachadh ann a bhith a’ cur chùisean ceart anns a’ Bhràighe?
  2. Dè thachair mu dhà mhìos an dèidh Blàr a’ Chumhaing?
  3. An robh daoine toilichte am faicinn?
  4. An robh fathannan eile a’ dol mun t-suidheachadh anns a’ Bhràighe?
  5. Dè na breugan a bha cuid de luchd-sgrìobhaidh agus luchd-labhairt a’ sgaoileadh?
  6. Carson a bha e sàbhailte a-nis do na Morairean a bhith a’ tadhal anns a’ Bhràighe?

 

FACLAN FEUMAIL

 

a b’adhbhar a’ chùis seo a rèiteach cho sgiobalta – the reason for this affair to be settled so quickly and smoothly

gun tug fear no tè an aghaidh orrathat any man or woman confronted them

turas – visit

nach leigeadh an t-eagal le duine de theaghlach a’ Mhorair – that fear would not let anyone in the Lord’s family visit the Braes

cha robh a dhìth air muinntir a’ Bhràighe ach… – all the people of the Brae needed was…

http://www.bbc.co.uk/alba/foghlam/larachnambard/poets/mairi_mhor/bardachd/index2.shtml

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s