A’ Phìob Mhòr ann an Caisteal Dhùn Bheagain

Leugh an earrann seo mu dheidhinn pìoban mòra ainmeil a bha aig Clann Mhic Cruimein ann an Caisteal Dhunbheagain san Eilean Sgitheanach.

Tha dà phìob mhòr anns a’ chaisteal a bhuineadh do na pìobairean measail a bha ann an Dùn Bheagain. Tha aon dhiubh sin ris an canar “a’ phìob bhreac,” a chaidh a dhèanamh mar thìodhlac do Phàdraig Mòr Mac Cruimein. Bha a’ phìob bhreac air chall fad sia fichead bliadhna gus an d’ fhuaras i ann an ciste dharaich anns a’ chaisteal.

’S i an dàrna pìob an tè ris an canadh muinntir “An Òinseach.” Chan eil innte ach dà dhos. ’S i sin a’ phìob a bha air a cluich mar phìob an teaghlaich fad cheudan bliadhna le Cloinn Mhic Cruimein anns a’ chaisteal. Tha diofar mòr air dòigh no dhà eadar ceòl na h-Òinsich agus pìoban an fhicheadamh linn. Tha e fada nas taise. Tha e pailte cho fuaimneach ach gidheadh chan eil e cho cruaidh sgreadach ri cuid de shiùnnsairean a chluinnear a-nis. Tha sin ag èirigh bho chumadh na ribheid.

 

EACARSAICH

Cuir abairtean Gàidhlig eile le ciall coltach air na h-abairtean le loidhne fodhpa.

  • Tha dà phìob mhòr …a bhuineadh do na pìobairean measail a bha ann an Dunbheagain.
  • Tha e pailte cho fuaimneach….
  • Tha sin ag èirigh bho chumadh na ribheid.

FACLAN FEUMAIL

Tìodhlac – a gift

Pailt – plenty, but used here with a different meaning

Sgreadach – shrieking, squalling

Gidheadh – nevertheless

Siùnnsair = seannsair, feadan – chanter

Ribheid = reef

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s