Mu Luibhean (à duilleagan Eaglais na h-Alba)

Bho chionn ghoirid, bha sinn a’ seanchas ri balach a bha a’ glanadh buntàta ann an achadh agus chuir e iongantas oirnn nach b’ aithne dha ach glè bheag de ainmean nan luibhean a bha e a’ toirt às. Bha e ’gan tilgeadh fon aon ainm salchar; cha robh ainm aige air aon às an fhichead de na luibhean a bha ag amas air.

  • A’ glanadh buntàta ann an achadh – weeding the potato field
  • ’gan tilgeadh fon aon ainm salchar – calling them all “salchar” (filth)
  • A bha ag amas air – that he encountered

B’ aithne dha fliodh fliodh is

barr a’ bhrisgein brisgean is

feanntag feanntag ach b’e sin uile e. Saoilidh sinn gu bheil rudeigin ceàrr an seo agus gum bu chòir do bhùird-sgoile an aire a thionndadh air, oir tha e coltach gu bheil clann na Gàidhealtachd a’ call eòlais air luibhean is flùraichean is oibrichean eile a’ chruthachaidh, eòlas a bha aig na daoine a thàinig romhpa.

Nach eil e a’ dìteadh obair nan sgoiltean ma gheibh thu balach an dèidh an sgoil fhàgail (agus sin balach tùrail gu nàdurra) do nach aithne a shùilean a chleachdadh agus aig nach eil an t-eòlas as lugha air na nithean a tha e a’ faicinn ’s a’ làimhseachadh gach latha, na feòir a tha fàs air na raointean, na flùraichean a tha cinntinn anns na machraidhean, agus gach luibh ris am bheil gnothach aig an tuathanach, olc no maith?

  • A’ dìteadh obair nan sgoiltean – condemning the work of the schools *a bad reflection on the schools’ teaching
  • Tùrail – intelligent
  • Raointean – fields
  • Cinntinn = fàs
  • Machair – low-lying, fertile land

A dh’ aindeoin gach adhartas a thàinig air muinntir na Gàidhealtachd ’nan crannchur agus ’nan ionnsachadh, tha iad a’ dol air ais ’nan cainnt, agus ’s e aon de na còmharran air sin gu bheil ainmean nan luibhean cumanta a’ dol air chall. Gheibhear iad bho sheann daoine an siud ’s an seo, ach chan aithne don òigridh iad, agus chan e sin a-mhàin ach their iad gu dalma nach eil ainm Gàidhlig orra. Tha ainm Gàidhlig orra, ach mar a thachair do leabhar an lagha ann an Iudah, leig gineal fhiar na h-ainmean sin air chall.

  • ’nan crannchur – in their lot, fortune
  • Their iad gu dalma – they obstinately say/state..
  • Gineal fiar – a perverse generation

CEISTEAN

  1. Dè a tha a’ cur dragh air an sgrìobhadair a thaobh a’ bhalaich ris an robh iad a’ bruidhinn?
  2. Cò as coireach do seo ’na bharail-san?
  3. Dè seòrsa duine a th’ anns an sgrìobhadair, ’nad bharail-sa?

Cluas liath. Beurla: colts foot.

cluasliath1cluasliath2cluasliath5cluasliath6cluasliath3cluasliath4

Seo aon de na ciad fhlùraichean a chìthear anns an earrach, a’ fàs air bruachan is taobh dhìgean, buidhe mar an t-òr.

Beàrnan-brìde. Beurla: dandelion.

Luibheanbearnanbride2

Theagamh gun tugadh dha an t-ainm a chionn gu bheil uiread dhiubh ri fhaicinn air latha fhèill-Brìde.

Fuile-thalmhainn. Beurla: buttercup.

fuile-thalmhainn

Tha mòran dhaoine am beachd gu bheil e math do chrodh fuile-thalmhainn a bhith anns an fheur agus gun cuir e dath math air an ìm, ach ’s e an fhìrinn nach toil le crodh e idir; cha chuir iad an teanga air, oir tha seòrsa de phuinnsean ann a loisgeas am beul.

Glùineach. Beurla: knotgrass.

gluineach

Seo fìor dhroch luibh nach toil leis an tuathanach idir. Tha mòran sheòrsachan dhi ann, glùineach bheag, glùineach dhearg, glùineach mhòr, glùineach dhubh.

Coin-fheur. Beurla: crested dog’s tail.

coinfheur

Is e seo luibh a tha anabarrach duilich a chumail sìos ann an talamh-treabhaidh mur bheil e air a ghlanadh gu math. Tha i làn alt agus ma dh’fhàgar an crioman as lugha anns an talamh fàsaidh i a-rithist. Chan eil dòigh air a fògradh ach a’ chliath a chumail oirre gun sgur.

Dèideag. Beurla: ribwort plantain.

deideag

Theirear ann an cuid den Ghàidhealtachd Bodach Dubh no Lus nan Saighdearan rithe.

Glaodhran. Beurla: yellow rattle.

glaodhran

Theirear Bodach nan Claigeann rithe cuideachd.

Carran. Beurla: spurrey.

carran

Gheibhear an luibh dhona seo anns an fhochann ann an talamh aotrom a tha ann an droch cridhe. Glè thric ma bhios earrach fuar ann tachdaidh an carran am fochann.

Earr-thalmhainn. Beurla: yarrow.

earr-thalmhainn

Theirear rithe cuideachd Lus na Fala is Lus Chasgadh na Fala.

Lus nan Leac. Beurla : eyebright.

lusnanleac

Tha leigheas anns an lus seo airson shùilean goirt, agus theirear glan-ruis is Soillseachd nan Sùl rithe.

Cluaran. Beurla: thistle.

an cluaran deilgneachcluarandeilgeach

an cluaran òir cluaranoir

cluaranleana an cluaran lèana

Tha mòran sheòrsachan chluaran no dhìogan ann,—an cluaran òir, an cluaran uisge, an cluaran biorach, an cluaran deilgneach, an cluaran beag. Is e an cluaran deilgneach suaicheantas na h-Alba.

Buaghallan(-buidhe). Beurla: ragwort.

buaghallan-buidhe

Fàsaidh an luibh ghrànda seo ann an talamh a tha aotrom is tioram ma tha e air a leigeil a-mach o fheur agus air fheurach bliadhna an dèidh bliadhna le crodh no eich. Cha chùm iadsan sìos e oir cha chuir iad am beul air. Is e an aon dòigh air a chumail sìos caoraich a chur air anns an earrach agus ann an toiseach an t-samhraidh; ithidh iadsan na duilleagan òga aige, agus mar sin cumaidh iad sìos e. Ma bheir thu an aire chì thu nach ‘eil buaghuallan uair sam bith ri fhaicinn air talamh air am bheil stoc chaorach. Is fheàrr a spìonadh às a bhun seach an speal a ghabhail dha.

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s