Na thuirt MacMhàrtainn mu èisg is maorach timcheall an Eilein Sgitheanaich (à duilleagan Eaglais na h-Alba)

“Tha sgadan gu leòr ri fhaotainn anns na lochan a tha mun cuairt air an eilean Sgitheanach. Tha gach seòrsa èisg eile a’ leantainn an sgadain agus an t-sìl, on mhuc-mhara gus an t-iasg as lugha anns a’ chuan; am fear as motha ag itheadh an fhir as lugha. Dh’ innis na h-iasgairean agus feadhainn eile dhomh gu bheil aon sgadan mòr anns gach sgaoth sgadain, a tha a dhà uiread ri càch. Tha e a’ snìomh air thoiseach air càch agus leanaidh iad e àite sam bith an tèid e. Their na h-iasgairean rìgh an sgadain ris an fhear seo, agus ma thachras dhaibh breith air beò, tilgidh iad a-mach e gu cùramach, oir cha toil le iasg den ainm ud a mharbhadh.

CEISTEAN

  1. Carson a tha gach seòrsa èisg eile a’ leantainn an sgadain?
  2. Dè their na h-iasgairean ris an sgadan as motha?
  3. Carson a their iad sin ris?

Tha iad ag ràdh gu bheil an ceannard fhèin aig gach seòrsa èisg, mòr is beag, agus gu lean càch e daonnan. Is e seo rud a chluinneas tu anns a h-uile àite — ma dh’ èireas iorghaill suas air cladach far a bheilear a’ faotainn sgadain, agus gum bi fuil air a dòrtadh, teichidh an sgadan air falbh agus cha till e a’ bhliadhna sin tuilleadh. Mas breug bhuam seo is breug thugam e; chuala mi an rud agus tha mi ’ga innseadh los gun cnuasaich daoine foghlaimte air rud cho neònach.

CEISTEAN

  1. Dè an rud neònach a tha MacMhàrtainn ag innse dhuinn mun sgadan agus mu dhaoine?

Iorghall = iargall – còmhstri, sabaid, tuasaid

Thèid aig muinntir an eilein seo air an sgadan a ghleidheadh fad ochd mìosan gun ghràinne salainn a chur air, ma ghlanar e nas anmoiche na meadhan an fhoghair. Tha iad an toiseach ’ga chutadh, agus an sin ’ga thiormachadh, agus an sin ’ga chur air ghad agus ’ga chrochadh; anns an earrach tha an sgadan a tha air a ghiollachd anns an dòigh seo cho milis blasda ’s a bha e an latha a thugadh às an fhairge e.

CEISTEAN

  1. A bheil muinntir an eilein (Sgitheanaich) a’ cleachdadh salann gus an sgadan a ghleidheadh?
  2. Dè an dòigh sa bheil iad ga ghleidheadh?
  3. Dè cho fada ’s a mhaireas e mar seo?

ÈISG EILE TIMCHEALL AN EILEAN SGITHEANAICH

Tha truisg gu leòr, is langaichean; rionnaich is adagan is gealagan; bradain agus gach seòrsa èisg eile a gheibhear ann an Alba ri fhaotainn mun cuairt an eilein seo. Tha maorach gu leòr ann cuideachd agus gach seòrsa de dh’ iasg-sligeannach.

SCALPAIGH

Ann an Caolas Scalpaigh air muir-tràigh reothairt cha bhiodh e duilich dhuit fichead sac eich a dh’ eisirean a thogail. Air an tràigh air cladach Bheàrnasdail air an reothairt dh’ fhaodadh tu de choilleagan a chruinneachadh air aon mhuir-tràigh na dhèanadh biadh an latha do thrì fichead duine; bha seo ’na chuideachadh mòr do iomadh teaghlach bochd anns na bliadhnachan loma.

CEISTEAN

  1. Dè seòrsa èisg eile a tha timcheall an Eilein Sgitheanaich?
  2. A bheil am maorach pailt?
  3. Dè an t-àm as fheàrr eisirean a thogail ann an Caolas Sgalpaigh?
  4. Cuin as fheàrr coilleagan a chruinneachadh air cladach Bheàrnasdail?
  5. Dè uiread de choilleagan a gheibheadh tu, agus carson a bha seo cudromach?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s