Fiosraiche: Dòmhnall Friseal
Bliadhna breith – 1908 Bliadhna bàis – 1972 Siorrachd – Ros is Cromba Paraiste – Geàrrloch Baile/Àite – Geàrrloch Fiosrachadh beatha – 1908-1972 Rugadh agus thogadh e ann an Geàrrloch. B’ e bùidsear agus croitear a bh’ ann. |
Fad a’ Chlàir (h:m:s) – 00:07:14 Àm Clàraidh – 1971 Cànan – Gàidhlig Seòrsa – Sgeulachd Cruinneachadh – Sgoil Eòlais na h-AlbaÀireamh a’ Chlàir – 64051 Àireamh an Teip Thùsail – SA1971.254 Àireamh a’ Chlàir Thùsail – SA1971.254.A1 Càileachd an Fhuaime – Math Cruth Inneal a’ Chlàir – R2R |
O làrach tobar an dualchais, èist an seo.
Bha gàidsear à Mealabhaig, fear dom b’ ainm Uilleam Mòr, air a shlighe gus coinneachadh ri gàidsearan eile nuair a thòisich trì gearran ga leantainn. Ghabh e eagal, ach an dèidh treis mhothaich e gun robh madadh-ruadh a’ cur ruaig orra. Nuair a chunnaic na gàidsearan eile gun robh gearran a’ leantainn Uilleam, thug iad an casan leotha. Mar sin, cha deach dragh sam bith a chur air na balaich a bha a’ dèanamh uisge-beatha na Callainn.
Tar-sgrìobhadh
‘S e Uilleam Mòr, an gàidsear, duine mór, tapaidh a chaith a bheatha ri gàidsearachd a dh’innis an stòiridh seo dhomhsa.
Agus, ’s ann mar seo a dh’innis e dhomh mar a thachair:
Bha e ’na dhuin’ òg an uairsin timcheall bliadhna no dhà air fhichead, agus, bha e fuireach ann am Mealabhaig. Fhuair e teachdaireachd gun robh aid a’ dèanamh uisge-beatha a’s a’ Chamas Mhór, faisg air an Uaghaidh, agus bha aig Uilleam ri dhol tarsaing am monadh o Mealabhaig gu ruig’ an Camas Mór, gum biodh e aig a’ Chamas Mhór mum bristeadh an latha, ’s gun coinnicheadh e ann a-sin, ceathrar no còignear de ghàidsearan eile, agus gun cuairticheadh aid am bothan anns an robh luchd dèanamh an uisge-bheatha, agus gum biodh iad air an glacadh ann mar sin aca nuair a bha aid a’ dèanamh deoch na Callainn.
Dh’fhàg Uilleam Mealabhaig mu dheich uairean as t-oidhch’, oidhche bhrèagha ghealaich. Agus cha robh …Bha i anabarrach ciùin agus suathagan beag reothaidh ann. Cha deach e fada bhon a’ bhaile nuair a mhothaich e gun robh trì gearran ’ga leantainn.
Nise, cha robh iomra’ ro mhaith mun gheàrr, a thaobh buidseachd. Bha daonntan ann am beachd nan gàidheal gun robh cleamhnas no co-cheangal air choireigin eadar na gearran agus na bana-bhuidsean, agus gum faodadh boireannach a bhith ann an cruth geàrr agus nach.. ged a loisgeadh duine oirre le gunna nach sgathadh sin oirre, ach gun cuireadh, dh’fhaodadh airgead cleas sia sgillinn, airgead no tasdan, nan cuireadh e sin a’s a’ ghunna gun sgathadh sin oirre ’s gum faiceadh e a-rèist gum biodh am boireannach crùbach às dèidh sin – gum faodadh gum biodh i air leth-chas. Ach, co-dhiù, bha na gearran a’ leantainn Uilleam agus cha robh seo a’ taitneadh idir ri Uilleam.
Nise nam b’ e gille lapach a bhiodh ann an Uilleam, bha e air tilleadh dhachaigh, ach chùm e air agus bha e fhèin ag aideachdainn gun robh eagal gu leòr air, ach chùm e air. Co-dhiù cha deach e astar fada nuair a chunnaic e gun robh madadh-ruadh a’ leantainn nan gearran agus ’s e sin a b’adhbhar dha na gearran a bhith a’ teannadh air Uilleam – bha iad a’ teannadh air falbh bhon mhadadh-ruadh.
Nuair a mhothaich e sin, dh’fhàg an t-eagal e is chùm e air. Ach, nuair a chunnaic na gàidsearan eile e a’ tighinn, agus trì gearran ’ga leantainn, cha do thaitinn sin riuthasan, agus smuainich aid gun robh an duin’ a bha seo air a bhràthachdainn leis na gearran, agus nach robh nì maith sam bith a’ dol a thighinn a bhith cumail còmhradh ris.
Cha d’fhuirich aid cianail fada am bun a’ Chamas Mhóir. Rinn aid air na taighean agus fhuair na balaich a bha sa bhothan, fhuair aid uisge-beatha na Callainn deas glé fhurasta ’s cha deach dragh sam bith orra, co-dhiù le dè thachair.
Geàrrloch – Gairloch
Poll Iù – Poll Ewe Sannda Mhór – Big Sands Mealabhaig – Melvaig An Uamhghaidh (uaghaidh) – Cove An Camas Mór – Camus Mor Inbhir Àsdail – Inverasdal An t-Allt Beithe – Allt Beith |
Notes on Wester Ross Dialect forms
a’s – anns aid – iad ag aideachdainn – ag aideachadh as t-oidhche – san /air an oidhche madadh-ruadh – sionnach geàrr – maigheach cha do thaitinn sin riuthasan – cha do chòrd sin riuthasan daonntan – daonnan smuainich – smaoinich air a bhrathachdainn le – gotten the better of by… sgath air – thoir buaidh air (affect) a’ taitneadh ri – a’ còrdadh ri suathagan beag reothaidh – a touch of frost |
[…] ← Na gàidsearan a ghabh eagal ro ghearran (Tobar an Dualchais) 7 An Dùbhlachd 2014 Leughadh Fiosrachaidh, Seall agus Èist, Tar-sgrìobhaidhean An Camas Mòr, An Uaghaidh, An Uamhghaidh, deoch na Callainn, gàidsearan, gearran, Geàrrloch, madadh-ruadh, Mealabhaig, uisge-beatha Sgrìobh beachd […]