SLÀINTE CUIRP

NOTA FIOSRACHAIDH

Tha an earrainn seo air a tarraing à leabhar a dh’fhoillsicheadh ann an 1877 le A Sinclair (A Mac na Ceàrda), ’s a bh’ air a sgrìobhadh le D MacGilleDhuibh, a bha na lighiche à Poll Iù, Taobh Siar Rois. ’S e “Eòlas agus Seòladh do Luchd-Euslainte” a b’ ainm don leabhar.

THA corp an duine ’na obair-innealta, no na innleachd de oibrichean; air a dhèanamh, agus gach ball dheth air a chur ri chèile nas glice, ’s nas iongantaiche, na aon obair no innleachd, a rinn mac an duine riamh; nas grinne air a dhealbh na uaireadair; nas co-fhilltiche na beairt a tha cur air ghluasad soithichean smùide as motha a chaidh riamh air fairge.

Gach ball den chorp mar a tha cridhe, sgamhan, stamag, soithichean fala, fèithean, craiceann, agus àirnean, tha a gnothach, no dhleastanas fhèin air leth aig gach aon dhiubh ri a dhèanamh. An uair a tha gach ball dhiubh seo ann an deagh òrdugh oibre, gu cur an gnìomh an dleastanas fa leth, tha an corp faodar a ràdh ann an cor fallain. Tha cor fallain feumail, chan ann a-mhàin airson comhfhurtachd agus beothalachd cuirp, ach mar an ceudna airson comhfhurtachd agus beothalachd inntinne.

Tha slàinte luachmhor os cionn gach nì air uachdar an t-saoghail, no nì sam bith eile a dh’fhaodar a shealbhachadh. Tha e uime sin ro fheumail gach meadhan a chleachdadh gus slàinte cuirp a ghleidheadh ’s a dhìon.

Bu chòir do gach neach a bhith taingeil air a son, agus ro chùramach mu timcheall, dìcheall a dhèanamh chum gach cunnart agus adhbhar euslainte a sheachnadh.

Ach nach lionmhor iad a tha mi-thaingeil agus neo-chùramach, agus a’ briseadh an slàinte le aineolas, le an dèanadas agus le an amaideachd fhèin.

Is iad na meadhanan sònraichte a tha nar comas gu bhith gleidheadh a’ chuirp ann an slàinte; aire thoirt do bhiadh, glaine, aodach, àile glan, taigh glan, agus cuimse de shaothair chorporra ’s de thàmh.

FACLAN FEUMAIL

  • chum – gus
  • Luchd-Easlainte – invalids, sick people
  • Obair-innealta – a work of art (rudeigin a tha air a dhealbh gu grinn ’s gu h-ealanta; something that is attractive and skilfully made
  • Innleachd – invention
  • Gach ball dheth – every member of it (den chorp)
  • Air a dhealbh – designed
  • Nas co-fhilltiche – more complicated
  • Beairt – machine
  • Air fairge – air cuan
  • tha an corp faodar a ràdh ann an cor fallain – one can say that the body is in a healthy state
  • beothalachd cuirpe – physical vigour
  • beothalachd inntinne – mental vigour
  • os cionn gach nì – nas motha na gach nì – above all else
  • uime sin – mar sin – therefore
  • ro fheumail – glè fheumail – very useful

CEISTEAN

  1. Cuin a dh’fhaodar a ràdh gu bheil an corp ann an cor fallain?
  2. Ma tha aon bhall den chorp air a bhriseadh, am faodar a ràdh gu bheil an corp ann an cor fallain?
  3. Dè tha nas prìseile na rud sam bith air uachdar na talmhainn?
  4. Dè bu chòir do gach neach a dhèanamh gus cunnart agus euslaint a sheachnadh?
  5. Dè as adhbhar do bheil mòran daoine ann an eu-slàinte?
  6. Cò as coireach?
  7. Dè na prìomh rudan sònraichte as urrainn dhuinn a dhèanamh gus an corp a ghleidheadh ann an slàinte?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s