BEITHRICHEAN BEINN BHEITHIR

B’ e ciad ainm an t-slèibhe làimh ris a bheil luchd-turais do Ghleann Comhann air an cur air tìr, Beinn Ghuilbin, ach a-nis ’s e theirear ris Beinn Bheithir. Fhuair e an t-ainm so o bheithir a bha o chionn fhada a’ gabhail fasgadh sa Choire Liath, lag mòr, a tha ann an aodann an t-slèibhe, agus is beag nach eil dìreach os cionn cidhe Bhail’ a’Chaolais. Bha a’ bheithir seo, a rèir coltais, na culaidh-eagail don dùthaich uile mun cuairt. O bheul a’ Choire bha sealladh aice air a’ cheum a bha a’ dol timcheall bun na beinne, agus nan tugadh am fear-turais aineolach ionnsaigh air imeachd seachad oirre, leumadh i sìos agus reubadh i ’na mhìrean e.

Beinn Bheithir agus an Coire Liath

Beinn Bheithir agus an Coire Liath

Cha robh duine aig an robh a chridhe ionnsaigh a thabhairt oirre, no aon a b’ urrainn innseadh ciamar a dh’fhaodadh cur às dhi, gus an tàinig Teàrlach Sgiobair an rathad. Dh’ acraich e an soitheach aige astar math a-mach on àite sa bheil an cidhe a-nis suidhichte; agus eadar an soitheach agus an cladach rinn e drochaid de bharaillean falamh, ceangailte r’a chèile le ròpan, agus làn de spéicean iarainn. Nuair a bha an drochaid crìochnaichte, las e teine mòr air bòrd an t-soithich, agus chuir e piosan feòla air na h-èibhlean. Cho luath ’s a ràinig fàileadh na feòla loisgte an Coire, theirinn a’ bheithir ’na leumannan a dh’ionnsaigh a’ chladaich, agus à sin dh’fheuch i ri rathad a dhèanamh air na baraillean a-mach chum an t-soithich. Ach chaidh na spéicean ’na corp, agus reub iad i cho dona ’s nach mòr nach robh i marbh mun d’ràinig i ceann a-mach na drochaide. Aig a’ cheart àm bha an soitheach air a tharraing air falbh on drochaid gus an robh bealach mòr eadar i fhéin agus am baraille mu dheireadh. Thar a’ bhealaich seo cha robh de neart air a fhàgail aig a’ bheithir gum b’urrainn i leum thairis air gu ruige clàr-uachdair an t-soithich, agus do bhrìgh nach b’urrainn i tilleadh an rathad a thàinig i, fhuair i bàs d’a leòn far an robh i aig ceann na drochaide.

mapa Lochabar etc

Dh’fhairich an sluagh a bha ’na chòmhnaidh am fagas don bheinn a-nis aig sìth. Ach ma dh’fhairich, bu bheag a bha fios aca mun chunnart ùr anns an robh iad. B’ e adhbhar a’ chunnairt seo cuilean a dh’fhàg an t-seann bheithir ’na déidh anns a’ Choire Liath. Ré ùine dh’fhàs an cuilean ’na làn-bheithir, aig an robh cuain bheithrichean òga, falaichte ann am mulan-coirce aig bun na beinne. An uair a dh’fhairich an tuathanach iad ’na mhulan, chuir e teine ris, an dùil gun cuireadh e mar seo às do na creutairean cunnartach a bh’ann. Bha an sgreadail air a giùlan leis a’ ghaoith suas taobh na beinne, agus cho luath ’s a ràinig i am màthair, sìos leum i gan cuideachadh. Ach bha i fada gun an ruigsinn, agus a dh’aindeoin gach nì a rinn i, loisgeadh iad gu bàs. An uair a chunnaic i seo, shìn i i fhéin air lic làimh ris a’ chladach, agus chùm i air an leac a bhualadh le a h-earball gus an do mharbh si i fhéin. Is e theirear ris an lic fhathast Leac na Beithreach, agus is ann oirre a tha Taigh Beinn Bheithir a-nis a’ seasamh.

FACLAN FEUMAIL

  • Beithir, beithrichean (plural):description of this mythological beast sounds similar to a dragon
  • Teirinn, a’ teàrnadh: a’ cromadh, a’ dol sìos
  • An Coire Liath :圏谷 (Beurla na h-Alba : Corrie ; Beurla eadar-nàiseanta (fraingis: cirque) cirque《地学》〈フランス語〉〔氷河の浸食によってできたお椀型の地形で、通常谷の最上部にあり湖を形成する
  • spéic, spéicean : spike(s)
  • sliabh, slèibhtean: 1.Hillside, slope 2. mountain;1.山の中腹 2.山
  • aig an robh a chridhe : who dared to… –思い切って…
  • éibheall, éibhlean : live coal, ember; 燃えさし
  • a’ tabhairt = a’ toirt
  • thoir/thabhair ionnsaigh air : 1. Attack 襲う 2.しようと試みる
  • nan tugadh … ionnsaigh air – nam feuchadh … ri… – もし…しようと試みたら… if … tried to/made an attempt to ….
  • imeachd : dol, falbh, gabhail, coiseachd
  • reubadh i ’na mhìrean e – she would tear him into shreds : ズダズダに引き裂く
  • clàr-uachdair an t-soithich – the ship’s deck
  • fhuair i bàs d’a leòn – she died from her wounds
  • cuilean: a whelp, a baby dragon!
  • Cuain: a litter (i.e. of puppies, cubs) ;  一腹{ひとはら}の子
  • ’na làn-bheithir – into an adult dragon
  • Mulan-coirce – corn stack

CEISTEAN

  1. Dè an t-ainm a bh’ air Beinn Bheithir roimhe?
  2. Càit an robh a’ bheithir a’ còmhnaidh?
  3. Dè a tha an ìre mhath gu dìreach fon àite san robh a’ bheithir a’ còmhnaidh?
  4. An robh eagal air muinntir na sgìre roimhpe?
  5. Ciamar a bhiodh a’ bheithir a’ faicinn daoine a’ dol seachad?
  6. Innis dhomh ’nad fhaclan fhèin ciamar a chuir Teàrlach Sgiobair às don chiad bheithir. Cuir air dòigh mar seo e:
  1. Innis mun ro-ullachadh a rinn e.
  2. Innis ciamar a tharraing e a’ bheithir thuige.
  3. Innis carson nach b’urrainn a’ bheithir tilleadh far an tàinig i.
  4. Innis dè thug bàs dhi.
  5. An dèidh do Theàrlach Sgiobar cur às don bheithir, an robh muinntir an àite sàbhailte?
  6. Carson nach robh no carson an robh?
  7. Cò a mhothaich gun robh iad ann?
  8. Ciamar a chuir e às dhaibh?
  9. Dè rinn am màthair an dèidh sin?
  10. Càit a bheil Taigh Beinn Bheithir (aig àm na sgeulachd seo)?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s