A’ dèanamh uisge-beatha (an latha an-diugh)

Am proiseas

A. Ceangail na ceuman sa phròiseas ris na dealbhan 1 – 6.

  • ABACHADH
  • MASGADH
  • TARRAING
  • BRACHADH
  • BOTALACHADH
  • TÒIRNEACHADH

 B. A-nis, ceangail an tuairisgeul de gach pròiseas ris an dealbh cheart.

Nuair a tha an gràn tioram air a bhruthadh, thathar a’ dòrtadh uisge meadh-bhlàth air a’ ghràn ’s air an eòrna. An dèidh greis, tha stalc an eòrna a’ dol do lionn shiùcarach agus canar brailis ri sin.

Tha an caochan air a theasachadh gus a bheil an t-alcol a’ dol ’na thoit, ach gu bheil an t-uisge ’na lionn fhathast. Tha an t-alcool an uairsin air a chruinneachadh ann an soitheach eile. Nithear seo a-rithist gus “uisge-beatha ùr” no “spiorad” fhaighinn.

Tha an gràn air a bhogadh ann an uisge agus air a sgaoileadh airson mu thimcheall 3 seachdainean gus an tig toiseach-fàs air an t-sìol. Tha an sìol an uairsin air a theasachadh ’s air a thiormachadh.

Thathar a’ cur uisge ris an spiorad ’s ga fhàgail ann an togsaidean fiodha as àbhaist a bhith dèanta à darach geal loisgte. Tha an t-uisge-beatha air fhàgail airson mu 3 gu 4 bliadhna, no suas ri 10 no 15 bliadhna.

Nuair a bhios e deiseil, thèid an t-uisge-beatha a ghleidheadh ann am botalan glainne nach eil a’ toirt buaidh air blas an uisge-bheatha.

Tha a’ bhrailis air a cur ri tanca, agus cuirear beirm ann. Tha a’ bheirm ag atharrachadh an t-siùcair ’na dhibhe (alcool). An dèidh corra latha gheibhear lionn à sin sa bheil mu 10% de dh’alcol agus canar leann goirt no caochan ris.

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s