Taibhse ag innse mu ulaidh

*ulaidh – ionmhas, treasure

(Naidheachd à Beinn na Fadhla)

Bha mo mhàthair poile, nuair a bha i òg, ga cosnadh an Uisgebhagh* agus tha e coltach gun robh anabarr ann a shin de chèilidh ’s de stòireannan, de sgeulachdan ’s de dh’òrain, ’s de sheann rudan. Chuala mi i ag innse mar a chual’ i iad, feadhainn a bhiodh air chèilidh: boireannach a dh’eug. Phòs an gill’ aice glè bheag a dh’ùine mun do dh’eug a mhàthair. Bha iad a’ còmhnaidh ann an àit’ iomallach, agus thug e a bhean òg dhachaigh, gun teagamh, dhan t-seann dachaigh agus an ceann ùine àraid bha pàist’ aca. Theann a bhean ri dhol bhuaithe, a’ call a tuar, agus cha robh i idir, idir cho inntinneach ’s a bha i sa chiad dol a-mach. Bhiodh an duin’ aice a’ ràdh an-còmhnaidh – bhiodh e a’ falbh gu obair ’s cha tigeadh e dhachaigh gu feasgar, agus ’s dòcha gum biodh an oidhch’ air dorchnachadh nuair a thigeadh e – a’ ràdh rithe gun robh i a’ dol bhuaithe.

“Bheil thu ’faireachdainn bochd?”

“O chan eil,” chanadh ise. “Chan eil.”

Agus thug e mu dheireadh thall an aghaidh gu cruaidh oirre. Thuirt e:

“Bheir mi ugad an dotair,” ars’ esan, “ga do choimhead. Tha bochdainn ort a tha thu ’cleith ormsa. Chan eil thu dèanamh ceart.”

Chan eil bochdainn idir orm,” ars’ ise, “cha chreid thu e.”

Nach eil fhios gun creid,” ars’ esan, “rud sam bith a tha ’dèanamh lochd or’sa gun creid mis’ e. Innis dhomh air ball.”

“Tha mi ’faicinn do mhàthar,” ars’ ise, “mu dhol fodha na grèineadh,” ars’ ise, “chuile h-oidhche.”

“O, bhoireannaich gun nàire,” ars’ esan. “Cha robh,” ars’ esan, “boireannach riamh san àite seo a b’ fheàrr teist na mo mhàthair ’na beò, ’s a bheil thusa ’dol a ràdha rium-s’,” ars’ esan, “gu bheil i ’tighinn ’na marbh.”

Nach tuirt mi riut,” ars’ ise, “nach creideadh tu mi? Ach seall,” ars’ ise, “cha sheas mise ris a seo. Seall a’ rud a nì sinn. Fan thusa ’n ath-oidhch’. Thig dhachaigh tràth ’s bi ann a sheo dlùth do dhol fodha na grèineadh. Thèid mise thaigh mo mhàthar is m’ athar ’s bheir mi leam am pàiste. Cuir thusa seachad oidhche seo,” ars ise. “Ma tha mise ceart,” ars’ ise, “fuilingidh mi ’nuairsin an dìteadh.”

….ri leantainn….. 続き。。。

Faclan

  • Poile – greis
  • Ga cosnadh – air a fastadh (ag obair) – was employed
  • Uisgebhagh* – air taobh an ear Bheinn na Fadhla
  • Anabarr – corralach (pailteas) – cus -excess, superfluidity
  • Boireannach a dh’eug – boireannach a bhàsaich
  • Glè bheag a dh’ ùine – glè bheag de dh’ùine
  • An ceann ùine àraid – an dèidh greis
  • Theann ….. ri – Thòisich ….. air…
  • Tuar – snuadh – dath an aodainn – complexion
  • A’ dol bhuaithe – a’ fàs bochd
  • Thug e an aghaidh gu cruaidh oirre – dh’innis e dhi gu làidir – he confronted her
  • Ugad – thugad
  • Cleith – falach
  • Nach eil fhios gun creid – Of course I’ll believe you
  • Lochd – cron
  • Air ball – air an spot – immediately
  • Chuile h-oidhche – a h-uile oidhche
  • A b’ fheàrr teist – most respectable
  • Na beò – in her lifetime, nuair a bha i beò
  • Cha sheas mise ris a-seo – Chan fhuiling mi seo – I won’t put up with this/I can’t endure this
  • Dlùth do – faisg air (àm)
  • An dìteadh – a’ choire – an achmhasan – the blame, rebuke, condemnation

An còrr den naidheachd …

Seo mar a bhà. Dh’fhalbh i màireach. Chaidh i dhachaigh. Nuair a thàinig ciaradh an fheasgair cha robh e idir cho tapaidh san inntinn ’s a bha e an-dè. Bha corraich an-dè air chionn gu robh e ’smaoineachadh gur e masladh a bha i a’ cur air a mhàthair. Agus nuair a bha a’ ghrian gu ciaradh, a’ dol fodha, dh’fhàs e glè lapach na inntinn.

“Nach mi bhios duilich a-nis,” bha e ag ràdha ris fhèin, “ma bha mo bhean ceart agus cho garg ’s a thionndaidh mi na h-aghaidh air taobh mo mhàthar.”

Chunnaig(c) e mhàthair a’ tighinn a-staigh. Bhruidhinn e sa mhionaid rithe.

“’S bochd,” ars ise, “nach do bhruidhinn do bhean. ’S i th’ air an tòrr fhulang,” ars ise, “gam fhaicinn-sa chuile feasgar a’ ruighinn doras ceann shuas an taigh’,” a(r)s ise. “Feuch,” as ise, “’s gheibh thu sloc fon àird-bhuinn ’s gheibh thu croga(n) de bhuinn airgid ann a bha mise a’ cur mu seach cho dìcheallach leis a chuile dòigh as am b’ urra dhomh. Bheir às e,” ars’ ise, “’s bidh e chum feum dhuibh. Chan fhaic thusa no do bhean mise tuilleadh.”

SA 1968/48/A4.

Faclan

 

Ciaradh an fheasgair – dorchnachadh, dol fodha na grèine

Tapaidh – calma, brave

Corraich – fearg, tàmailt

Masladh – tàmailt, eas-onair

gu ciaradh = gus ciaradh = gus a bhith a’ ciaradh = about to get dark

lapach – fann – lag

garg – feargach – m.e. cho garg ris an leòmhann – as fierce as a lìon

air taobh mo mhàthar – on my mother’s side

sa mhionaid – san spot, sa bhad

’S i air an tòrr fhulang – agus tha i air mòran fhulang – she has suffered a lot

A’ ruighinn (dualchainnt nan Eilean Siar) – a’ ruigsinn

Sloc – toll tana, leathann

Fon àird-bhuinn – under the ground floor àird = làr, ìre, level; buinn (bonn: tuiseal ginideach) – bun, làr ìosal, grunndCroga de bhuinn-airgid – crogan de bhuinn-airgid – crogan = sileagan:jar; buinn-airgid – sgillinnean – coins buinn (bonn: iolra sgillinn, tastan, coin)A’ cur mu seach – a’ sàbhaladh (airgead) –:putting asideBidh e chum feum dhuibh – bidh e feumail dhuibh

CEISTEAN

  1. Ciamar a bha an duine a’ faireachdainn an dèidh dha bhean ga fhàgail na aonar?
  2. Cuin a chunnaic e a mhàthair?
  3. Carson a bha a mhàthair ga nochdadh do a bhean?
  4. Dè bha i ag iarraidh a shealltainn dhaibh?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s