Earrann à Sgeulachdan Ghleann Eilcheag (TGSI) – Iain Breac

Bha sia mic aig an Urramach Fearchar MacRath, ministear Chinn t-Sàile a chaochail ’sa bhliadhna sia ceud deug agus trì fichead ’s a dhà. ’Se Iain Breac an t-ainm air a mhac a b’òige a bha aige agus airson mòran bhliadhnachan bha tac aig dhe Achadh nan Gargain an Gleann Eilcheag. ‘Se tuathanach dìcheallach a bh’ann agus leis a’ seo bha e gu math beairteach. Bha Coinneach Iarla Sìophortach a’ saoilsinn mòran dhe agus bhiodh Iain Breac uaireannan a’ toirt cobhair dha na maoir aige a’ suidheachdainn daoine anns na tuathanasan.

FACLAN FEUMAIL

  • Urramach – Reverend
  • Tac – farm steading, a ‘tack’ farm steading lease
  • Na maoir –the factors
  • A’ saoilsinn mòran dheth – had a high opinion of him
  • Coinneach Iarla Sìophortach – Kenneth the Earl of Seaforth
  • A’ suidheachdainn – a’ suidheachadh

CEISTEAN

  1. Cia mheud mac a bha aig an Urramach Fearchar MacRath?
  2. Cuin a chaochail e?
  3. Dè an t-ainm a bh’ air a mhac a b’ òige?
  4. Ciamar a bha a mhac a’ dèanamh beò-shlàinte?

An uair a bha seo bha e air an leabaidh is e gu math tinn agus thàinig an Sìophortach leis na maoir aige dhan dùthaich ag atharrachdainn cuid de na gabhalaichean aig na tuathanaich. Char cuid dhe na maoir aig an t-Sìophortach a chèilidh air Iain Breac ann an Achadh nan Gargain far an robh e air a leabaidh ’s bha iad ag innse dha Iain mar a char cuid dhiubh a shuidheachdainn agus gun robh mòran atharrachdainn air a dhèanamh measg nan tuathanasan.

FACLAN FEUMAIL

  • Ag atharrachdainn – ag atharrachadh: ag atharrachadh dhaoine às an fhearann – removing people from the land
  • Na gabhalaichean – the leases (na cùmhnantan gabhail)
  • Char = chaidh
  • Tuathanach – farmer
  • Tuathanas – farm

CEIST

  1. Ciamar a fhuair Iain Breac fios gun robh an Sìophortach a’ cur dhaoine far an fhearann?

Fear dhe na daoine a chaidh chur as an tuathanas aige, ’se Coinneach mac dha Taral MacAoidh dhe na Leitir a bh’anns an tuathanas airson iomadh linn. Nuair a chuala an duine a bh’air an leabaidh seo, dh’èirich e às an leabaidh, tinn ’s gun robh e, ’s dh’fhalbh e null Màm Atadail às dèidh an Iarla a bha air a rathad air ais gu Caisteal Bhrathain. Rug e air aig àite ris an canadh iad Allt Cam. Bha Sìophort anns an t-seòmar aige far an robh e a’ fuireach ann an sin nuair a thàinig Iain staigh far an robh e. Thuirt e ris an Iarla Sìophortach gun robh e uabhasach tro-chèile gun deach Coinneach MacAoidh chur dhe na Leitir suas gu Gleann Seile agus thuirt eris gun robh an teaghlach a bha seo anns an aon tuathanas air a’ Leitir airson seachd agus fichead ginealan, gun aon bhristeadh, agus mur b’e gun deach an cur às gum biodh e dualach gum biodh MacAoidh air dà thaobh Allt na Leitreach gu La an t-Sìorraidheachd. Thug Sìophort èisteachd dha agus fhuair Coinneach a’ Leitir air ais.

CEISTEAN

  1. Cò bh’ anns an fhear a chaidh fhuadach?
  2. Carson a dh’fhalbh Iain Breac a-null Màm Atadail?
  3. Càit an d’ fhuair e cothrom bruidhinn ris an Iarla?
  4. Cò às an deach Coinneach a chur agus gu dè an t-àite?
  5. Carson a bha Iain Breac cho tro-chèile gun deach a chur dhen fhearann san Leitir?
  6. An do dh’èist Sìophort ris, agus dè rinn e?

FACLAN FEUMAIL

Air a rathad air ais – air a shlighe air ais (on his way back)

Rug e air – he caught up with him

Uabhasach tro-chèile – terriblly upset

Gun aon bhristeadh – without one break (in the line of descendents)

Gu Là an t-Sìorraidheachd – until he died

Sloinneas an sgeulaiche e fhèin air ais bho taobh a sheanmhathair air ais do na Clann ‘ic Aoidh a tha seo.

FACLAN FEUMAIL

  • Sloinneas – sloinnear : sloinneas an sgeulaiche e fhèin air ais – the storyteller can trace his own name back…

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s