EOGHANN MacLACHAINN (bhon Fhèillire)

Eoghann MacLachlainn

– Rugadh e ann an Coir’ Uanain an Loch Abar sa bhliadhna 1775. Dh’eug e ann an Obar Dheathain sa bhliadhna 1822. Thugadh a chorp dhachaigh ’s chaidh a thìodhlacadh ’na ùir dhùthchasaich an Àird Ghobhar. Bha a shinnsir rè iomadh linn an seilbh ’s Coir’ Uanain. Thàinig iad an tùs às a’ Mhorbhairne do dh’Àird Ghobhar, ’s chaidh iad an sin do Loch Abar. B’ iar-ogha Eòghann do “Dhòmhnall-Bàn-Bàrd,” co-aoise Shir Eòghann Loch Iall. Bha ‘athair “Dòmhnall Mòr,” ’na dhuine calma, eireachdail, tuigseach, fiosrach, agus ainmeil air son feabhas a Ghàidhlig. Cha robh beairteas aige: ach rinn e chulaidh-mhathais gu sgoil agus foghlam a thoirt dh’ a chloinn. Le dìcheall duineil, dealasach, dh’ullaich Eòghann e fhèin airson na h-Àrdsgoil. Ràinig e Obar Dheathain ’na dheise Ghàidhealaich. Cha b’fhada gus an do thog a thàlantan e gu bhith ’na chulaidh fharmaid agus iongantais san Àrdsgoil; agus gu ìre ainmeil mar chànanaiche. Mar bhàrd bu tearc a leithid; mar sgoilear bha e gun choimeas. Thionndaidh e gu Gàidhlig mòran den “Iliad,” agus chuir e ri chèile an tromlach de dh’ “Fhaclair a’ Chomuinn Ghàidhealaich.” Bha e tairis, caidreach mu a chàirdean, suairce, ceanalta ’na ghiùlan, agus làn deòthais mu onoir a dhùthcha. Cumaidh a dhàin Ghàidhlig, Ghreugais, agus Laidinn, ‘ainm air bhuan-chuimhne, ged a tha uaigh, mar nach airidh, gun chàrn an Cille Mhaodain.

CEISTEAN

 

  1. Cò aig an robh Coir’ Uanain ann an Loch Abar “rè iomadh linn”?
  2. Cò às a thàinig sinnsearan Eòghainn MhicLachlainn?
  3. Dè an sgìre san robh Eòghann air a thìodhlacadh nuair a dh’eug e?
  4. Cò a bh’ ann an “Dòmhnall Bàn Bàrd” a thaobh a chàirdeas ri Eòghann?
  5. Dè a b’ainm do athair Dhòmhnaill Bhàin Bàrd?
  6. Ciamar a dh’ullaich Eòghann e fhèin airson na h-Àrdsgoil?
  7. Dè an t-èideadh a bh’ air nuair a thòisich e innte?
  8. An robh Eòghann “mar fhear san t-sreath” no an robh e ’na shàr-sgoilear?
  9. Dè an cuspair san robh a chuid tàlantan a’ nochdadh?
  10. An robh e na b’ fheàrr mar bhàrd, no mar sgoilear?
  11. Dè a’ phrìomh obair mhòr a choilean e?
  12. San àm a chaidh seo a sgrìobhadh, an robh cuimhneachan ann dha mar a bh’ aig Donnchadh Bàn?
  13. Càit a bheil ’uaigh?

 

FACLAN FEUMAIL

 

Ainmean-àite

 

  • Coir’ Uanain – Coire Uanain = Coruanan
  • Loch Abar = Lochaber
  • Àird Ghobhair = Ardgour
  • A’ Mhorbhairne = Morvern
  • Cille Mhaodain = àite-adhlaic ann an Àird Ghobhair

’na ùir dhùthsachaich – in his native soil/earth

an seilbh ’s… – in possession of

an tùs – an toiseach

iar-ogha – great-grandchild

calma – brave

feabhas a Ghàidhlig – mathas a Ghàidhlig

culaidh-mhathais – deagh oidhirp mhòr, dìcheall

dealasach – enthusiastic

eireachdail – handsome

culaidh-fharmaid – object of envy

thionndaidh e gu Gàidhlig X – he translated X into Gaelic

an tromlach de.. = a’ mhòr-chuid de…

tairis – caoimhneil, gasta – kind, loving

caidreach – sociable

suairce – polite, civil, urbane

ceanalta – kindly, amiable

deòthas – passion

air bhuan-chuimhne – forever remembered

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s