Seumas MacGriogair, D.D. (Bhon Fhèillire)

Seumas MacGriogair

SEUMAS MACGRIOGAIR, D.D. – Rugadh an Gàidheal seo aig Taobh Loch Èireann faisg air Coimrigh an siorrachd Pheairt, sa bhliadhna 1762. Ged nach robh a phàrantan saoibhir rinn iad luim air deagh sgoil a thoirt dha: fhuair e ionnsachadh ministeir. An dèidh dha barantas-teagaisg fhaotainn, ghabh e ri gairm bho a luchd-dùthcha ann an Alba Nuadh. Am measg an t-sluaigh sgapte sin shaoithrich e fad a bheatha. B’ esan a’ chiad mhinistear Gàidhealach a chaidh a-null don dùthaich ud. Eadar Albainn Nuadh, ’s Ceap Breatann, ’s Eilean Phrionns’ Edward, bha an raon farsaing, fiadhaich gu leòir: ged is mòr an-diugh baile Phictou cha robh san àm ud ann ach dà thaigh.

Dh’fhuiling e iomadh cruaidh-chàs agus uireasbhaidh a’ saoithreachadh am measg nan Gàidheal, ach bu bheag a thaing air a shon bho chuid dhiubh. Bu Bhaisteach e. Rinn Àrdsgoil Ghlaschu ollamh dh’ e. An deireadh a làithean sgrìobh e mòran laoidhean: ach a thaobh gun do rinn e roinn dhiubh air fonn òrain “Dhonnchaidh Bhàin,” thug e oilbheum gun adhbhar do chuid den choitheanal – ’s thàinig triallanach mun cuairt a thog tuaireap agus bristeadh nam measg, nì a bha ’na dhuilgheadas dhàsan am feasgar a làithean. Chaochail e air a’ chiad latha den Mhàrt sa bhliadhna 1830 ’na thrì fichead bliadhna ’s a deich a dh’aois, ’s e bhith dà fhichead bliadhna ’s sia ’na mhinistear ann am Pictou.

CEISTEAN

  1. Càit an do rugadh Seumas MacGriogair?
  2. Cuin a rugadh e?
  3. An robh a phàrantan beairteach?
  4. An d’ fhuair e foghlam math?
  5. Dè an dreuchd san d’ fhuair e oideachadh?
  6. An do shoirbhich leis a bhith na mhinistear?
  7. Carson a chaidh e a dh’Albainn Nuadh?
  8. An robh ministearan às a’ Ghàidhealtachd ann an Albainn Nuadh roimhe-san?
  9. Dè aidmheil a chreideimh-san?
  10. An robh beatha Sheumais MhicGriogair gun dragh nuair a bha e ann an Albainn Nuaidh?
  11. Carson nach robh (no a bha) e gun dragh?
  12. An tugadh urram sam bith dha?
  13. Carson a ghabh cuid den choitheanal tàmailt dha?
  14. Dè eile a dh’adhbhraich còmhstri?
  15. Dè an t-àm de a bheatha a bha seo?
  16. Dè cho fada ’s a bha e ’na mhinistear ann an Ceap Breatann?

EACARSAICHEAN

 

Cuir na faclan a leanas còmhla ris na faclan as coltaiche a thaobh seagha san teacsa.

Mar eisimpleir a. Beairteach Saoibhir

  1. Beairteach
  2. Cuid dhiubh
  3. Iarrtas
  4. Teisteanas
  5. Gu mì-reusanta
  6. Na sheann aois (x2)
  7. Rinn e obair mhòr
  8. Foghlam
  9. Tàmailt
  10. Dìth
  11. Àmhghar
  12. Air an sgaoileadh
  13. Cha robh iad idir ’na chomain.
  14. Rinn iad seòl/dòigh air
  • Dè na faclan eile a chuireadh tu orra seo sa Ghàidhlig:
  • Saoibhir
  • Tuaireap
  • Briseadh
  • Triallanach

*triall, a’ triall = a’ siubhal; a’ gabhail turas etc.

An dèidh dhut faclan Gàidhlig eile a chur orra, sgrìobh ceithir seantansan agus na faclan sin nan cois.

  • Ciamar a tha dh’e air a litreachadh an-diugh? Cuir Beurla air.
  • Dè ur beachd air beatha Sheumais MhicGriogair? An robh e na dhuine dìcheallach?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s