Cunntas air Donnchadh Mòr Làidir 2 (bho TGSI)

Tha sgeulachd eile mu Dhonnchadh Mòr Làidir ri chluinntinn an-seo air làrach Tobar an Dualchais

Abhainn Seile

Le Donnchadh MacMhathain, Cinn Tàile, 25 Màrt 1988

 Bha Donnchadh uair eile a’ dol air turas a-null a Loch Abar a choimhead air piuthar màthar dha a bha pòsta anns an dùthaich sin. Nuair a chaidh e thairis air abhainn Garraidh Nuallach, ghabh e a-null bealach Coire an t-Sagairt agus a-staigh a Loch Abar.

Anmoch feasgar ann an àite glè aonarach thàinig e gu taigh àraidh agus smuainich e gun iarradh e fuireach na h-oidhche ann. Chaidh e staigh dhan taigh agus bha seann chailleach ’na suidhe ri taobh an teine ’ga garadh fhèin. Cha tug  i fàilt’ sam  bith dha Donnchadh agus thuirt i ris a dhol a dh’àite eile airson aite fuirich. Leis an oidhche bhith tighinn dlùth agus an t-àite a bhith cho uaigneach dhiùlt Donnchadh falbh.

Nuair a bha an dithis a’ trod, cò thàinig a-staigh bho bhuachailleachd sprèidh ach nighean na caillich. ‘Se nighean mhòr làidir a bha innte ’s nuair a chuala i dè a bh’air tachairt, thug i làmh air Donnchadh airson a thilgeil a-mach. Leag iad air gleachd agus bha an  nighean cho tapaidh agus gun robh Donnchadb toilichte gu leòr nuair a rinn iad còrdadh agus fhuair e cuireadh fuireach bhuapa.

Nuair a chuir e dheth a bhrògan ’dol a laighe ’sann a dh’aithnich a’ chailleach le meud òrdagan a chuid choise gu feumadh e bhith gur e mac a piuthar a bha aca, is fhuair e an uairsin fàilte gu leòr.

Anns a’ mhadainn dh’èirich a’ nighean airson dol a bhuachailleachd na sprèidh, ach thill i staigh gu cabhagach a dh’innse gu robh meall fèidh air a  thighinn ’nam  measg. Chaidh Donnchadh a-mach agus mharbh e dhà dhe na fèidh ’s dh’fhag e seo aca.

Rinn e nuairsin air tilleadh dhachaidh is nuair a thàinig e air ais gu Abhainn Garraidh Nuallach bha an uairsin mòran uisge innte. Dh’fhaighnich e dhe fear a thachair ris an robh e freagarrach dol a-null air an abhainn aig an àm. Chan fhaca Donnchadh an duine seo riamh roirnhe ach ’s ann a thachair gun e co-dhalta dha mhàthair a bha ann ris an canadh iad Dùghall Dòmhnallach. Thug e chreidsinn air Donnchadh gu robh e sàbhailte gu leòr a dhol a-null agus cha mhòr nach robh Donnchadh air a bhàthadh. Rinn e an gnothaich air an taobh eile a ruigsinn air èiginn, agus cha mhòr nach deach na brògan Gàidhealach a bha air a chasan a spìonadh dheth anns an tuil.

Bliadhnaichean an dèidh seo thachairt, thainig co-dhalta a mhàthair air turas do Achadh nan Giùran. Nuair a bha e nuas o Torr Laoiseach thachair e ri Donnchadh ’s e ‘g iasgach air Abhainn Seile. Dh’fhaighnichd e c’àite robh an taigh aig Alasdair Mac Rath, Achadh nan Giuran agus sheall Donnchadh e dha air an taobh eile an abhainn. Thug e an uairsin air dol a-null ach leis an tuil a bha innte chaill e a chasan, agus mur nach do leum Donnchadh  a-mach ’na chobhair bha e air a bhith air a bhàthadh. ‘Sann an uairsin a  dh’aithnich Donnchadh gur e seo am  fear a chuir ceàrr e aig Garraidh Nuallach. Dh’fhuirich an Dòmhnallach làithean ann a-sin, ach an latha bha e falbh thug athair Dhonnchaidh a bha na dhuine gu math crost’, làmh air leis a’ bhata agus thuirt e ris mar seo:

“Nan robh ’n gille agamsa air a bhàthadh an latha a chuir thu ceàrr e aig Abhainn Garraidh Nuallach, cha bhiodh e beò airson thusa a shàbhaladh à Abhainn Seile, agus cùm cuimhne air sin.”

CEISTEAN

 

  1. Dè an t-slighe a ghabh Donnchadh a-null a Loch Abar?
  2. Dè bha an t-seann chailleach a’ dèanamh nuair a chaidh Donnchadh a-staigh don taigh aice?
  3. Carson nach robh Donnchadh ag iarraidh falbh nuair nach do chuir a’ chailleach fàilte air.
  4. Dè dh’fheuch nighean na caillich ri dèanamh?
  5. Ciamar a dh’aithnich a’ chailleach gun robh iad càirdeach ri Donnchadh?
  6. Dè rinn Donnchadh sa mhadainn mar thaing dhaibh airson fuireach na h-oidhche a thoirt dha?
  7. Carson an deach Donnchadh thairis air an abhainn ged a bha e cunnartach leis an tuil a bh’ innte?
  8. Dè bha Donnchadh a’ dèanamh nuair a thachair co-dhalta a mhàthar ris aig Abhainn Seile?
  9. Ciamar a theab am fear seo a bhith air bhàthadh?
  • Carson a thug athair Dhonnchaidh làmh air a’ cho-dhalta leis a’ bhata nuair a bha e gu bhith falbh dhachaigh?

 

Ma tha ceistean agad leig fios dhomh.

 

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s