Cunntas air Donnchadh Mòr Làidir 3 (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI)

Le Donnchadh MacMhathain, Cinn Tàile, 25 Màrt 1988

  1. Bha nise Donnchadh Mòr aig àm dhe bheatha gu robh e an treun a neart, agus bha an t-ainm aige air a dhol fada ’s farsaing, is gun do chuir Uilleam Iarla Sìophort teachdaireachd e a thighinn air a bheulaibh gu Caisteal Bhrathainn gus gu faiceadh e fhein dè cho tapaidh ’s a bha e.

Nuair a ràinig Donnchadh an caisteal bha e air a chur a-staigh ann an seòmar às an tugadh a h-uile criomag àirneis. An uairsin, thàinig an t-Iarla a-staigh dhan t-seòmar le claidheamh ’na làimh, is dh’èigh e ri Donnchadh a dhèanamh air a shon fhèin neo gun cailleadh e a cheann.

Cha robh sìon anns an t-seòmar air am beireadh Donnchadh airson e fhèin a shàbhaladh, ach thachair dha cù­seilg leis an Iarla a bhith ’na laighe air an làr, agus rug Donnchadh air a chasan deiridh is bhuail e an t-Iarla, sgailc mhath leis a’ chù, is leag e e. Agus fhuair e an uairsin a’ chlaidheamh a thoirt far an Iarla.

Chunnaic an t-Iarla an uairsin cho tapaidh ’s a bha Donnchadh ’san dòigh a ghabh e airson e fhèin a ghleidheadh is rinn e caiptean-freiceadan dhe ann  an Cinn t-Sàile. Bha aig an àm sin mòran crodh ’gan call is feadhainn a’ tighinn à Gleanna Garadh is Loch Abar a thogail creach.

FACLAN FEUMAIL 1

  • An treun a neart – ann an treun a neart (bha e air tighinn gu ìre); 最高の状態になってきました
  • Uilleam Iarla Sìophort – William the Earl of Seaforth (ceann-feadhna Chlann MhicCoinnich)
  • Caisteal Bhrathainn – Brahan Castle (Tha Caisteal Bhrathainn faisg air Inbhir Pheofharain, Ros an Ear agus bha e na dhaingneachd do na h-Iarlan Sìophortach, ach chaidh a sgrios ann an 1953).
  • Tapaidh = làidir
  • Às an tugadh a h-uile criomag àirneis – out of which was taken every bit of furniture
  • A dhèanamh air a shon fhèin –a dhìon e fhèin (gus e fhèin a dhìon)
  • Neo = no
  • Air am beireadh Donnchadh – air an gabhadh Donnchadh greim – that Duncan could catch hold of
  • Thachair dha….a bhith…. – ….happened to be….
  • Rug Donnchadh air a chasan deiridh – Duncan caught hold of its hind legs
  • Leag e e – he knocked him (an t-Iarla) over
  • Caiptean-freiceadan – a Watch captain, militia captain
  • a thogail creach – to rob and plunder (ここはウシを盗むこと)
  • bha…mòran crodh ’gan call – much cattle was being lost

CEISTEAN (1)

  1. Carson a chuir an t-Iarla Sìophort brath gu Donnchadh e a thighinn air a bheulaibh?
  2. Dè bha anns an t-seòmar a bha Donnchadh air a chur a-staigh?
  3. Carson a b’ fheudar le Donnchadh e fhèin a dhìon?
  4. Dè rinn Donnchadh airson e fhèin a dhìon?
  5. Dè a b’ adhbhar gun robh an t-Iarla a’ toirt ionnsaigh air Donnchadh?
  6. Dè am prìomh obair a bhiodh aig Donnchadh ’na dhreuchd ùr?
  1. Bha Donnchadh latha a’ coiseachd seachad air tuathanas Ach nan Gart ’s thàinig e gu àite ann a’sin ris an abair iad an Claman. Bha baid de dhaoine ann a’sin ’s iad a’ togail garradh cloich(e). Nuair a thàinig Donnchadh a-nuas far an robh iad, bha iad an dèidh clach mhòr a lasachdainn a-mach às càrn agus bha iad a’ deasbad ri chèile an dèanadh sianar dhiubh an gnothach air a’ chlach a ghiùlan a-null chun a Shlaod Donnchadh a bhreacan dheth a ghuaillean is thog e a’ chlach ’na uchd agus choisich e leatha agus leag e i ’na clach-oisinn airson cachaileith a bha iad a’ fàgail anns a’ gharradh. Tha i ann a’ sin gus an latha an-diugh, agus tha e air a chantainn gu bheil suas ri leth tunna de chuideam innte.

CEISTEAN (2)

  1. Càit an robh Donnchadh a’ coiseachd nuair a thachair e air grunnan dhaoine?
  2. Dè bha na daoine a’ dèanamh?
  3. Dè bha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn nuair a thàinig Donnchadh a-nuas far an robh iad?
  4. Dè cho trom ’s a tha a’ chlach-oisinn, a rèir beul-aithris?

FACLAN FEUMAIL 2

baid de dhaoine = baidean/baideal de dhaoine – buidheann de dhaoine (a group)

garradh cloich(e) – balla cloiche = a stone wall

bha iad an dèidh clach mhòr a lasachdainn a-mach às càrn – they had just loosened a large stone out of a cairn

càrn = tòrr mòr de chlachan beaga

thog e a’ chlach na uchd – the picked up/lifted the stone in his arms

clach-oisinn – corner stone

cachaileth – entrance

BEAGAN GRÀMAIR

  1. Beir (air rudeigin) – Take hold of/catch something ものを捕まえる(握りしめる)

Cuir an cànan agad fhèin orra seo:

  1. Cha robh sìon anns an t-seòmar air am beireadh Donnchadh
  2. Rug Donnchadh air a chasan deiridh –
  1. Lasaich, a’ …….

Bha iad an dèidh clach mhòr a lasachdainn – seo an gnìomhair ainmearach ann an Gàidhlig Loch Abair airson ………………….

  1. Thog e a’ chlach ’na uchd

Cuir an cànan agad fhèin orra seo:

  1. (Màthair ri leanabh): “Thig nam uchd, a ghràidh.”
  2. (cruth-tìre) bha uchd air uchdain casa cho fad ’s a chitheadh sùil
  3. (meataforach) nochd bogha-froise an uchd nan speur
  4. (sna beanntan) A’ togail uchd –
  5. Air uchd a’ chuain –
  6. Coimpiutair-uchd –
  7. Is beag a bheir an anail don uchd –
  8. (meataforach) shil e deòir nuair a bha a mhaighstir ri uchd bàis
  9. (ann an cogadh) uchd-bualaidh a’ bhlàir
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s