Donnchadh Mòr Làidir (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI) – Earrannan mu dheireadh

Nis, ged a bha Donnchadh Mòr tapaidh ann an strì, bha rud ciùin is coibhneil ann cuideachd. Aig aon am bha banarach aig athair Dhonnchaidh, a-muigh aig àirigh air cùl a’ Chaorain Mhòir. Dh’fhàs a’ bhanarach a bha seo tinn le fiabhras agus dh’fheumadh i bhith air a toirt a-nuas gu strath airson coimhead às a dèidh. Thog Donnchadh Mòr i agus ghiùlain e i ’na bhreacan ’s thug e i gu àite far am faigheadh i frithealadh ceart agus an ceann tìde fhuair i thairis air an tinneas. Às dèidh seo rinn i an duanag a leanas dha Donnchadh:

‘S e nighean Iain Ruaidh

A rug a’ bhuaidh

Cha b’ iad na fuar Mhic

Ghreannanach,

‘S e fear mo ghaoil

Am macan caomh

A rinn ’sa’ Chaoran:

Eallach dhiom.

Bha iomadh strì mhòr eadar Donnchadh agus an fheadhainn a bhiodh a’ tighinn a thogail nan creach. ‘Sann anns an dòigh seo bha e air a chantainn gun tug e an aghaidh air Rob Ruaidh Griogalach, shuas aig  Cluainidh. Bha Rob Ruaidh a’ tilleadh air ais à Gallaibh le creach a bha e air a thogail.

Chaidh e fhèin is Donnchadh a-mach air a chèile, ’s mu dheireadh tharraing iad na claidhimh is leag iad air sabaid. Às dèidh strì mhòr chaidh Rob a leòn agus cha do thachair sin dha tric roimhe.

FACLAN FEUMAIL

Banarach – dairy maid, milkmaid

macan – little son (an seo, mar fhacal beadraidh, here, as a term of endearment)

CEISTEAN

  • A bharrachd air a neart, dè eile a bha ann an aorabh Dhonnchaidh? *aorabh = character, personality
  • Carson a dh’fheumadh a’ bhanarach a bhith air a toirt a-nuas gu strath?
  • An do dh’fhàs i nas fheàrr?
  • Carson a rinn a’ bhanarach duanag do Dhonnchadh?
  • An urrainn dhut an duanag a sgrìobh a’ bhanarach a thuigsinn? Mar eisimpleir, cò th’ ann an nighean Iain Ruaidh, agus dè a’ bhuaidh a rug nighean Iain Ruaidh? Cò th’ anns na fuar Mhic Ghreannanach?
  • Cò bh’ ann an Rob Ruaidh Griogalach? (Innis dhomh ainm-san sa Bheurla)
  • Cò bhuannaich an strì eadar Donnchadh agus Rob Ruaidh?
  • Carson a tha an t-ùghdar ag ràdh nach do thachair sin dha Rob tric roimhe?

Dh’fhàs Donnchadh Mòr glè ainmeil airson faighinn air ais crodh a bhiodh air a ghoid bhuaithe fhèin neo bho a nàbaidhean. Anns a’ bhliadhna seachd ceud deug ’s a dhà dheug thàinig baid dhe na daoine aig Loch Iall a-staigh dhan dùthaich, a thogail creach. Air an ceann bha Alasdair Camshron, mac dhe Fear  Achadh nan Sabhal Dòmhnall Camshron, mac dhan a’ ghobha, agus Mac ‘ill Eòghain às an t-Sròin. Thàinig iad sin le meall dhaoine eile nuas slios Loch Aillse, ’s thog iad crodh dheth Iain MacMhathain à Feàrnaig agus Iain MacMhathain Achadh Da Torolain. Nuair a chaidh falbh leis a’ chrodh, dh’fhalbh fir Loch Aillse às an dèidh. Nuair a bha iad a’ dol seachad air Gleann Seile fhuair iad Donnchadh Mòr agus a chuid dhaoine airson a thighinn còmhla riutha agus lean iad na creachadairean sìos gu crìochan Loch Iall far an d’fhuair iad greim orra, agus thug iad an crodh air ais dhiubh às dèidh strì.

Chaidh Donnchadh Mòr an greim ann am Mac ‘ill Eòghain agus rinn e an gnothaich air is cheangail e e. Chaidh Donnchadh Mac Mhathain an greim ann an Alasdair Mòr Camshron is rinn e an aon rud air. Chaidh Eònachan Dubh, bràthair dha Donnchadh Mòr. an greim ann an Dòmhnall Camshron, mac a’ ghobha, agus theab an Camshronach an gnothach a dhèanamh airsan. Ach fhuair Eònachan sìos e agus fhuair e cobhair bho na daoine eile airson a cheangal. Chaidh na h-Abraich a thoirt air ais agus an glasadh suas ann an Gleann Eilg far an robh iad airson treis gus gun d’fhuair Loch Iall air an saoradh iad.

Nuair a thill iad a Loch Abar dh’innis iad moran bhreugan mu dheidhinn na thug e dhe daoine airson an ceangal suas. Sgrìobh Loch Iall agus e a ‘ gearan air a’seo gun t-Sìophor­tach agus chuir e fios air ais nach robh ach aon duine mu choinneamh gach duine aige fhèin, agus ma bha e air a shon gum faodadh iad an aon rud fheuchainn a rithist.

Às dèidh an tairgse-còmhraig seo chaidh na daoine aig Sìophort a-bhàn gu caisteal Achadh na Caraidh agus shìn an dà thaobh air gleachd. Rinn fir Chinn t-Sàile is Loch Aillse an gnothaich agus cha do chòrd seo idir ri Loch Iall. Chaidh Loch Iall an uairsin a-mach air Dòmhnall MacRath, Torr Laoisich, agus ghabh e uimhir a dh’fhearg ’s gun deach e air ais chun a’ chaisteil  air àrainn  armachd airson losgadh air na Sàilich. Bha Dòmhnall MacRath airson seasamh aige ach bha Donnchadh Mòr na bu ghlice, agus thog iad às, air ais gu Cinn t-Sàile.

CEISTEAN

  • Dè airson a dh’fhàs Donnchadh Mòr ainmeil?
  • Cò às a thàinig na fir a ghoid crodh dhen dithis Iain MacMhathain seo?
  • Dè theirear ri daoine às an sgìre sin?
  • Càit an d’ fhuair fir Loch Aillse agus Donnchadh Mòr greim air na creachadairean?
  • Cò rinn an gnothaich air cò?
  • Cò a dh’fheumadh cobhair airson an gnothaich a dhèanamh air a’ cho-stritheach aige?
  • Càit an robh na creachadairean air an glasadh suas, agus dè cho fada?
  • An do dh’innis na creachadairean nuair a thill iad a Loch Abar dè thachair dhaibh an da-rìribh?
  • Cò aig an robh na creachadairean ag obair, agus cò aig an robh Donnchadh Mòr agus a chuid dhaoine?
  • Carson an do chuir iad fir Chinn t-Sàile agus fir Loch Iall a shabaid ri chèile a-rithist?
  • Cò bhuannaich?
  • Cò nach robh toilichte?
  • Dè thachair aig an deireadh?
Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s