CLEAS CLOINNE: Am Madadh Ruadh / A’ Chearc-ghuir agus na h-Iseanan

 O Oideas na Cloinne

Le cead o Creative Commons
A’ Chearc-ghuir agus a h-iseanan!

“Am Madadh Ruadh,” no “A’ Chearc-ghuir agus na h-Iseanan.”

Anns a’ chluich seo sònraichear dithis bhalach no dithis chaileagan

làidir, aon “Am Madadh Ruadh ” agus an t-aon eile “A

Chearc.” Cuirear  “na h-eiseanan ” ’nan sreath, aon an dèidh

aoin. Beiridh iad an sin air a chèile agus an neach as fhaisge

oirre air a’ chirc —an ceann-snaoid.

  • A’ chearc-ghuir : cearc a tha a’ gur air uighean
  • An ceann-snaoid* : an ceannard, the leader *snòd = fishing line, snaod (dialectal)

An uair a bhios iad uile deas, tòisichidh còmhradh air an t-seòl seo eadar “Am Madadh ” agus “A’ Chearc ” :

A’ Chearc : Ciod a tha bhuat, a mhadaidh ruaidh,

‘S gu bheil thu ’n diugh cho moch air chuairt.”

Am Madadh : ‘S e fear de d’ iseanan a tha bhuam,

‘S chan fhaigh mi e shìos no shuas.

  • air an t-seòl seo : air an dòigh seo
  • an uair : nuair
  • deas : deiseil, ullamh
  • ciod : dè
  • ciod a tha bhuat : dè a tha thu ag iarraidh
  • a tha bhuam : a tha mi ag iarraidh

A’ Chearc (agus i mar gum biodh i a’ comharrachadh a-mach àite air choireigin le a cois) : “An do shiubhail thu a’ chùil ud?”

Am Madadh : “Shiubhail mi sin agus cha d’ fhuair.”

a’ comharrachadh a-mach : marking out

a’ chùil ud – an oisean sin, yon corner

an do shiubhail thu .. : did you search ….

cha d’fhuair : cha do lorg mi : I didn’t find anything

Ruithidh am ” madadh ” mar sin air gach aon anns an t-sreath

agus tillidh e a-rithist ris a’ chirc.

Am Madadh : ” Chan ‘eil m’ isean-sa r’a fhaotainn.”

A’ Chearc : ” An do shiubhail thu cearcall mor an t-saoghail.”

Cuiridh seo fearg air an t-sionnach agus their e :

” An t-isean beag sin air an iomall

Is ann air a tha mo mhiann ” : agus le sin feuchaidh e ri breith air an neach a tha air earball na sreatha.

  • r’a fhaotainn : to be found
  • cearcall mòr an t-saoghail : the equator
  • air an iomall : on the edge
  • is ann air a tha mo mhiann : I want it
  • air earball* na sreatha : at the end of the line *tail

Tòisichidh an sin an iomairt, an t-sreath ’ga luasgadh

a-nunn agus a-nall, agus a’ chearc fad an t-siubhail a’ feuchainn

ri i fhèin a chumail eadar am madadh agus na-h-iseanan. Ma thèid

aig an t-sionnach air beantainn ri aon air bith, ach a’ chearc a-mhàin, feumaidh an neach sin an t-sreath fhàgail. Tha a leithid

de iomairt anns a’ chleas seo agus gum faigh a’ chlann mòran

toileachais agus luthais ann.

  • An iomairt : the playing, frolicing
  • ’ga luasgadh a-nunn agus a-nall : weaving hither and thither
  • Ma thèid aig an t-sionnach air : if the fox manages to…
  • Beantainn ri: touch
  • Aon air bith : aon sam bith : one of them
  • Luthais : lùth : strength, pith, energy

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s