VOLTAIRE AGUS AN DIÙC DE ROHAN

Voltaire
Cead o Creative Commons

.Le A. M. E.

1

B’e Voltaire aon de sgrìobhadairean mòra na Frainge. Bha e beò anns an ochdamh linn deug. Cha robh seòrsa litreachais ris nach do chuir e a làmh, agus bha e sònraichte seòlta, sgaiteach anns a’ bhardachd ris an canar an t-aoireadh. Chaidh a chliù gu clis air feadh na Roinn-Eòrpa gu lèir ; agus, ged a rugadh e an inbhe car ìosal, bha e air fhàilteachadh le furan leis gach dream a b’ àirde an uaisle agus am mòrachd .

2

Bu leis an tomhas pailt càirdeas agus companas Fhrederic Mhòir Phruisia: agus, air dha tighinn air turas do Lunnainn, shealbhaich e deagh-ghean agus caidreamh gach Ministeir Crùin agus gach sgrìobhadair a b’ainmeile an Sasann. Bha e ’na fhear-cuideachd cridheil, sunndach, geur-fhaclach, agus cha robh doras nach robh fosgailte no bòrd nach robh sgaoilte dha.

3

Cha b’ fhàidhe e a bha as eugmhais urraim ’na dhùthaich fhèin. Bha àrd uaislean agus maithean na Frainge dèidheil air a chomunn, is bha iad gu tric ’ga chuireadh gu an cuirmean agus am fèistean. Is ann air seo a dh’ aithriseadh mo sgeul.

CEISTEAN

  1. Cò ris a bha bàrdachd Voltaire coltach?: Bha e coltach ris a’ bhàrdachd ris an canar an t-aoireadh.
  2. An robh e beairteach nuair a rugadh e?: ?: Cha robh. Rugadh e an inbhe car ìosal
  3. Cò bha ag iarraidh a chuideachd agus carson?:

4

O cheann gu ceann de Pharis, baile an rìomhaidh, cha robh fàrdach a b’fhasanta agus a bu ghreadhnaiche na ’n lùchairt aig an Diùc de Sulli. Bha i air a tathaich a-mhàin le muinntir a bha toirt bàrr air an coimpearan an inbhe, an tàlantan agus an cliù. B’e Voltaire aon dhiubhsan ris am b’ ionmhainn leis an Diùc a bhi conaltradh, agus b’ainneamh a bha e air dhiochuimhneachadh an uair a bhiodh càirdean ’gan cruinneachadh. Bha an Diùc e fhèin àrd am foghlam agus am buadhan inntinn. Air an adhbhar sin, bha dàimh dhlùth agus làidir eadar e agus an sgrìobhadair gleusta, comasach mum bheil mi a’ labhairt.

Oidhche de na h-oidhchean, bha dìnnear eireachdail air a toirt seachad le Sulli. B’i a’ bhliadhna 1725 ; ach chan eil cunntas air a’ mhìos no an latha.* Bha flaithean a’ bhaile ’nan suidhe mun bhòrd, agus, am broilleach ’na cuideachd, bha òganach na h-inntinn fhurachail agus nam briathran subhailceach. Bha a chuid spòrs agus fealla-dhà a’ drillseadh mar dhealanaich air feadh an t-seòmair agus a’ cumail nan aoidhean a’ lachanaich. A thaobh na cuid bu mhotha de na bha an làthair, chan fhasadh iad sgìth idir de bhith ag èisteachd ris. Cha do thachair seo dhaibh uile. Bha an Diùc de Rohan cas, crosta, reasgach, uaibhreach, air bheag suairceis no fosaidh. Bha esan air a lìonadh le eud ri bhi faicinn na h-othail a bh’ air a dèanamh mu Voltaire, mac a’ chumantaich, aig nach robh boinne de fhuil uasail ’na cholainn. Uidh air n-uidh, theirig foighidinn a’ mhorair seo. Cha b’ urrainn dha cumail air fhèin na b’ fhaide.

FACLAN FEUMAIL

Flaithean – nobles, aristocracy of the town

Am broilleach – ann am broilleach na cuideachd – in the centre of the company (of people)

Òganach na h-inntinn fhurachail – a youth of agile mind

Briathran subhailceach – virtous words

A’ drìlseadh mar dhealanaich – shining like lightning

A’ lachanaich – roaring with laughter (うるさくて、大笑い)

Reasgach – impatient, irascible

Crosta – irritable

Uaibhreach – proud, arrogant

Air bheag suairceis no fosaidh – of little civility or concord

6

*Tha mi a’ cleachdadh an ainm ” Voltaire ‘” o’n is ann air as eòlaiche an cumantas de leughadairean. B’ ann goirid an deidh nan tachartas air am bheil mi a’ toirt luaidh a leig am Frangach iomraiteach dheth an t-ainm Arouet agus a ghabh e ” Voltaire ” ’na àite.—

A.M.E.

 

CEISTEAN

 

  1. Cò aig an robh an t-àite còmhnaidh a b’ fhearr ann am Paris?
  2. Carson a bha an Diùc ag iarraidh cuideachd Voltaire aig dìnnearan?
  3. Air an oidhche seo, an robh Voltaire a’ toirt gàire air na h-aoighean eile?
  4. Ciamar?
  5. Cò nach robh a’ gàireachdainn agus carson?

7

“Quel est donc ce jeune homme qui parle si haut?” (Cò e, ma-tà, an duine òg seo a tha cho mòr-labhrach?) dh’ fharraid e gu tàireil, beumnach.

8

“Monseigneur,” fhreagair an t-òganach cho ealamh ri urchair gunna, ” is fear e nach eil a’ slaodadh ainm mhòir às a dhèidh, ach a tha cosnadh meas agus modh don ainm a th’ aige.”

Thàinig na briathran seo a-mach an guth àrd, glan, fallain, a chaidh air feadh an t-seòmair chùirteil, fharsaing mar bhuillean de chlag airgid. Bha an ceòl air feadh na fìdhle. Leum an Diùc de Rohan air a bhonn. Ar leis gun d’ fhuair e oilbheum agus tàmailte. Chan fhuilingeadh e mì-mhodh o bheadagan balaich. Bha chridhe làn pronnaisg agus a ghnùis làn corraich. Thilg e air ais a chathair agus steòc e dh’ ionnsaidh an dorais. Ghairm e a charbad agus dh’ fhalbh e dhachaidh. Car tiotaidh bha sàmhchair mun bhòrd, ach, a rèir coltais, cha robh duine diombach.

FACLAN FEUMAIL

Mòr-labhrach – loud (when talking)

Cho ealamh ri urchair gunna – as readily (quickly) as a gun shot

Ar leis – smaoinich e

Oilbheum agus tàmailt – offence and insult

Beadagan balaich – an impudent/impertinent boy

Bha a chridhe làn pronnaisg – his heart was full of venom/poison (sulphur)

A ghnùis làn corraich – his face full of fury

Steòc e a dh’ionnsaigh an dorais – he stomped (stalked) towards the door

Ghairm e a charbad – he called for his carriage

CEISTEAN

  1. Gu mionaideach, an urrainn dhut innse dè an tàmailt a thug Voltair don Diùc de Rohan?
  2. Ciamar a dh’fhàg an Diùc an seòmar?
  3. An tug sin buaidh air na h-aoighean eile timcheall a’ bhùird?

Chaidh seachdain seachad. Bha Voltaire a-rithist aig dìnnear an lùchairt an Diùc de Sulli. Bha a’ chuideachd àlainn, eireachdail, mar a bha i roimhe. Bha geur-chainnt is bearradaireachd a’ leum agus a’ boillsgeadh mar bhiodagan faobharra, lìomharra. Thàinig seirbhiseach is chuir e cagar an cluais Voltaire gun robh cuideigin toileach ‘fhaicinn gu h-ìosal an staidhir.

” Chan urrainn mi dol a sios,” fhreagair Voltaire; ” ciamar

a dh’ fhaodas mi èirigh on bhòrd? Abair ris an neach a tha gam

fheitheamh gu’m bheil e eu-comasach.”

An ceann mionaid no dhà thill an seirbhiseach. ” Maitheanas,

Monsieur,” deir esan; “tha e air iarraidh orm a ràdh gur ann air gnothach èiginn agus tròcair a tha sibh air bhur n-iarraidh.”

Bu thagradh seo nach gabhadh diùltadh. Leig e sìos a sgian agus a ghramaiche agus dh’ fhalbh e a dh’ fhaicinn dè an gnothach “tròcair” gus an robh e air a shireadh. Bha carbad ciatach ’na sheasamh anns a’ chùirt, agus, ceart làmh ris, carbad-rèidh.

” Am bi Monsieur cho math agus tighinn gu doras a’ charbaid

air sgàth cùis a tha ag iarraidh cabhaige.”

Gun sgàth, gun amharas chaidh Voltaire air aghaidh, agus

iongnadh air a thaobh a’ ghnothaich. Aig doras a’ charbaid ghlac

làmhan a choilear, ’ga ghleidheadh mar ann an spògan iarainn. A-staigh sa charbad bha ri fhaicinn aogasg ghamhlasach, mhì-aoigheil an Diùc de Rohan, agus dèarrsadh uilc ’na shùil. Thug Voltaire fainear, an uair a bha e tuilleadh is anmoch, gun robh ciorram air choireigin air bonn. Thionndaidh an Diùc aghaidh ris a’ charbad-rèidh agus ghlaodh e.

” Voila, a-nis ‘fheara !”

FACLAN FEUMAIL

Geur-chainnt is bearradaireachd – sarcasm and satire

A’ leum agus a’ boillsgeadh – leaping and gleaming (shining)

Mar bhiodagan faobharra, lìomharra – like sharp, polished daggers

..gun robh cuideigin toileach fhaicinn – gun robh cuideigin ag iarraidh fhaicinn

Maitheanas – forgive me (ご迷惑かけてすみません)

Eu-comasach – impossible

Air gnothach èiginn is tròcair – on urgent and compassionate business

Bu thagradh seo – b’ e tagradh a bha seo – this was a plea

Nach gabhadh diùltadh – that could not be refused

Gus an robh e air a shireadh – that he was being asked for

CEISTEAN

  1. Ciamar a chaidh Voltaire a mhealladh gus am bòrd dìnnearach fhàgail?
  2. An robh Voltaire teagmhach mun ghnothach nuair a thàinig e a-mach às an lùchairt?
  3. Cuin a thuig Voltaire gun robh “ciorram air choireigin” air bhonn?

Bu ghann a bha am facal às a bheul na dh’ fhosgail doras a’

charbaid-rèidh agus a-mach leum triùir shlaightirean làidir, colgarra, cuip eich an dòrn gach fir. Thuig Voltaire de a bha feitheamh—a’ghiollachd bu shuaraiche agus a bu nàraiche a ghabhadh toirt do dhuine. Gun fhacal a ràdh no mionaid a chur seachad, theann na h-umpaidhean ri an obair mhì-chneasta. Rug iad air an òganach agus sgiùrs iad e gus an robh e a’ glaodhach leis a’ phian. Cha robh aig gin den triùir tuilleadh iochd no fathamais ris na bhiodh aca ri posta daraich. Mu dheireadh labhair Rohan. ” Nì sin an gnothach,” thuirt e; agus gu grad tharraing na carbaid air falbh cho luath ’s a bheireadh casan nan each iad.

FACLAN FEUMAIL

bu ghann a bha – hardly had …

slaightir – thug

colgarra – fierce

cuip eich – a horse’s whipe

a’ ghiollachd a bu shuaraiche – the worst treatment

umpaidh – blockhead

sgiùrs iad e – they whipped him

cha robh aig gin den triùir tuilleadh iochd no fathamais ris na bhiodh aca ri posta daraich – the three of them had no more pity or concern than they would have for a stump of oak

nì sin an gnothach – that will do – それでいいです

  1. Dè rinneadh air Voltaire?
  2. Carson a rinneadh sin air?
  3. Nad bharail fhèin, an e peanasachadh ceart a bha seo?
  4. Carson?

Faodar a thuigsinn an suidheachadh san robh an crìonglach.

Bha aodach air a shràcadh, na baltan-fighte a bha mu dhùirn agus mu a bhroilleach air an spìonadh dheth agus air an tilgeadh fo na casan, fhalt craobhach, cama-lùbach air amaladh am measg a chèile mar nach deachaidh cìr riamh ann. A suas an staidhir ghabh e agus bhuail e a-rithist a-staigh do sheòmar na cuirm. Ma bha fhallaing air a cur tuathal, b’ fhaoin sin seach am bruaidlean a bha ’na inntinn. Bha a h-uile neach duilich, làn mì-thlachd agus dèistinn; ach cha robh aon a thairg cuideachadh gu aicheamhail a thoirt a-mach.

Monsieur de Sulli, nach eil a leithid seo de mhasladh do aon ded chuid aoighean ionann ri tàrcuis a dheanamh ort fhèin?” dh’fharraid Voltaire.

” Gun teagamh, tha an aon seadh; ach——-”

Chuir Sulli car ’na ghuailne, agus an còrr cha tuirt e.

Faclan Feumail

An crìonglach –victim, penalised person, one made to pay the penalty

Baltan-fighte – chan eil mi cinnteach cò ris a bhiodh iad seo coltach, ach ’s dòcha mar “bhileagan flùir” air muilchinn lèine no air colair lèine. (like flower petals on the sleeve or collar of a shirt)

Air an spìonadh dheth – plucked/torn off

Falt craobhach, cama-lùbach – wavy, curly hair

Ma bha fhallaing air a chur tuathal – if his robe had been messed up めちゃくちゃ

B’ fhaoin sin seach am bruaidlean a bha na inntinn – that was nothing compared to the mess his mind was in

Làn mì-thlachd agus dèistinn – full of displeasure and disgust

Gu aicheamhail a thoirt a-mach – to exact retribution (revenge)

Dh’fharraid Voltair – dh’fhaighnich Voltaire

Nach eil a leithid seo de mhasladh – isn’t an affront of this sort

Ionann ri tàr-chùis a dhèanamh ort fhèin – the same as making a mockery of yourself

An aon seadh – in a way

Chuir X car na ghuailne – X turned his shoulder (head) away

CEISTEAN

  1. Dè seòrsa staid san robh Voltaire an dèidh a chuipidh?
  2. Dè bha daoine eile a’ faireachdainn nuair a chunnaic iad e?
  3. Dè bha Voltaire ag iarraidh orrasan agus air an Diùc de Sulli?

A-mach ghabh Voltaire, cuthach feirge ’na chridhe, agus e

a’ bòideachadh, as a làimh fèin, dìoghaltas a dhèanamh air a nàmhaid.

An dèidh mòran smaointeachaidh chuir e roimhe dà nì a dheanamh – Beurla Shasannach agus cleasachd claidheimh ionnsachadh. Chaidh e a chòmhnaidh air an dùthaich rè shè mìosan, agus, anns an ùine sin, rinn e e fhèin coilionta san dà mheur sin. Thill e don bhaile, agus chuir e cuireadh gus an Diùc de Rohan gu a choinneachadh an còmhraig, mar a thigeadh do dhà dhuin-uasal a rachadh thar a chèile. Bha an cuireadh an cainnt cho tàireil, spìdeil is a b’urrainn e a thaghadh a-chum an Diùc a bhrosnachadh gu tighinn air aghaidh. Gheall Rohan seasamh aice, ged a bha an ceum sin an aghaidh a thoil. Gheall e tighinn air aghaidh, mar a thuirt mi; ach, gun dàil dh’ fhalbh e is dh’ aidich e gach cùis d’a mhnaoi.

FACLAN FEUMAIL

Cleasachd claidheimh – swordplay

Rinn e e fhèin coilionta san dà mheur sin – he trained himself in those two disciplines

Gu a choinneachadh an còmhraig – to meet him in a duel/in combat

Mar a thigeadh do dhà dhuin’-uasal a rachadh thar a chèile – as befitting two noblemen who had fallen out with one another

Tàireil, spìdeil – insulting, contemptuous

a-chum an Diùc a bhrosnachadh gu tighinn air aghaidh – in order to incite the Duke to come and face him

CEISTEAN

  1. Ciamar a bha Voltaire a’ faireachdainn nuair a dh’fhàg e an lùchairt?
  2. Dè bha Voltaire ag ionnsachadh fad sia mìosan agus càit?
  3. Dè bha fa-near dha na rudan sin ionnsachadh?
  4. Ciamar a dh’fheuch Voltaire ris an Diùc a bhioradh gus tighinn a-mach agus coinneamh a thoirt dha?

 

B’ e deireadh a’ ghnothaich nach deach claidheamh a

thomhas, agus fhuair Rohan às gun pheanas. Thuit e, gun teagamh,

an cliù agus am mùirn; ach tha cuid den bharail nach bu mhòr a bh’aige ri chall anns na rathaidean sin. A thaobh Voltaire, fhuaireadh a chur às an rathad gu sàmhach, glan le Lettre de Cachet, agus don Bhastille chaidh a chur — cha b’e sin a’ chiad uair. Chaidh a ghleidheadh an gainntir rè shè mìosan — an neo-chiontach a’ fulang an àite a’ chiontaich — agus b’ann an uair a leigeadh ma sgaoil e a thàinig e air aoigheachd do Shasann.

FACLAN FEUMAIL

Nach deach claidheamh a thomhas – that no sword was pointed (drawn)

Thuit e an cliù agus mùirn –he fell in esteem and affection

Nach bu mhòr a bh’ aige ri chall anns na rathaidean sin – that he didn’t have much to lose in that regard (esteem and affection)

Fhuaireadh a chur às an rathad gu sàmhach, glan – the Duke managed to put him out of the way quietly and cleanly

Gainntir – jail (prìosan)

An Neo-chiontach – the innocent

An àite a’ chiontaich – in place of the guilty

CEISTEAN

  1. A bheil thu eòlach air na modhan a bha ann a bhith a’ cur cuireadh gu duine gus an coinneachadh ann an còmhraig?
  2. Ciamar a fhuair air an Diùc de Rohan gun còmhrag a dhèanamh?
  3. Dè thachair do Voltaire?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s