Geàrr-eachdraidh air Raibeart Brus, sàr-rìgh is gaisgeach na h-Alba

Find me on Twitter, on Facebook, or on notnixon.com.
Le cead Creative Commons

Buidheachas do Fhlòrag Nicilleathain, ban-Uibhisteach, a thug cead dhomh a guth a chlàradh agus seo a sgaoileadh do luchd-ionnsachaidh.

Many thanks to Flora Maclean, who gave permission to use this recording. 
http://www.ipadio.com/embed/v1/embed-352×200.swf?phlogId=50080&phonecastId=406004
RAIBEART BRUS – Rugadh e sa bhliadhna 1274, agus dh’eug e sa bhliadhna 1329, agus chaidh a thìodhlacadh ann an Dùn Phàrlain. Ged a b’ e an t-oighre dligheach air crùn na h-Alba e, bha e fhèin agus Balliol ann an càirdeas ri Ìomhair agus a’ fuireach ’na chùirt nuair a chasgradh Uallas; ach chuir iad romhpa iad fhèin a shaoradh bho chuilbheartan Ìomhair. Theich Brus do dh’Albainn; agus air eagal na tòrach, chruidh e an t-each sàil-ri-òrdaig. Ann an Dùn Phrìs chruinnich e a dhìlsean agus maithean na h-Alba, ’s dh’aontaich iad uile leis ach Iain Cuimein. An dèidh don choinneamh sgaoileadh mharbh Brus e an taigh-mhanach nan Greyfriars. Chaidh a chrùnadh gun dàil ann an Sgàin. Dà uair chuir arm Ìomhair an ruaig air, agus b’fheudar dha a chuid daoine leigeil fo sgaoil, agus teicheadh don Ghàidhealtachd air dhithis chàirdean. Thugadh a bhanrigh ’na prìosanach do Lunnainn; mharbhadh a thriùir bhràithrean, ’s bha dùil nach bu bheò e fhèin; ach thog e cheann, chruinnich e fheachd, ’s chuir e an t-arm Sasannach ri faobhar a’ chlaidheimh. Aig Allt a’ Bhonnaich sa bhliadhna 1314, thug Brus buille-bhàis do Shasainn, agus an latha sin dhaingnicheadh saorsa na h-Alba. Thug e an liodairt dheireannach dh’ a nàimhdean aig Ryland sa bhliadhna 1323. Dh’aidich Ìomhair saorsa agus còraichean na h-Alba sa bhliadhna 1329.

CEISTEAN

  1. Càit an robh Brus agus Balliol nuair a chaidh Uallas a chasgradh?
  2. Carson a theich Brus do dh’Alba?
  3. Dè a dh’aontaich dìlsean agus maithean na h-Alba le Brus?
  4. Cò nach do dh’aontaich le Brus, agus dè rinn Brus air sgàth sin?
  5. An do bhuannaich Brus an aghaidh Ìomhair air a’ chiad uair?
  6. Cò thug cobhair do Bhrus sa Ghàidhealtachd?
  7. Dè thachair dha dlùth-chàirdean Bhrus?
  8. Dè thachair aig Allt a’ Bhonnaich sa bhliadhna 1314?
  9. An robh blàran eile aig Brus ri chur an dèidh sin?
  10. Cuin a dh’aidich Ìomhair Shasainn gun robh Alba a-nis ’na rìoghachd shaor bho a riaghladh-san?

FACLAN FEUMAIL

an t-oighre dligheach – the rightful heir

Ìomhair = Rìgh Eideard II air Sasainn

Nuair a chasgradh Uallas – nuair a chaidh Uallas a mhurt (san dòigh a b’oillteile aig an àm)

cuilbheartan Ìomhair – an fhoill is gnìomhan carach aig Eideard II

An dèidh don choinneamh sgaoileadh – after the meeting had dispersed

air dhithis chàirdean – air aoigheachd dithis chàirdean

thog e cheann – nochd e

chuir e X ri faobhar a’ chlaidheimh – he put X to the sword (literally, to the blade/edge of the sword)

dhaingnicheadh ~ – ~ was consolidated/confirmed (literally: fortified *daingneach – fortress)

an liodairt dheireannach – the final beating *mar sin, bhuannaich e blàr eile

còraichean na h-Alba – the rights of Scotland

sàil-ri-òrdag – i.e. He put horseshoes on his horse the wrong way round

maithean na h-Alba – Scottish nobles

Advertisements

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s