Buaireadh mòr nam busaichean – tar-sgrìobhadh

Seo agaibh sgeulachd fìor èibhinn air a h-aithris gu deas le tè òg ’na blas sònraichte Leòdhasach. Thug e gàire nach beag ormsa.

P.S Tha rud no dhà ann nach do thog mi ceart (air dhath buidhe), agus mar sin, ma thogas sibhse iad, bhithinn fada nur comain nan cuireadh sibh fios thugam gus na beàrnan beag seo a lìonadh. 

Tiotal a’ Chlàir – Buaireadh Mòr nam Busaichean
FiosraicheanAnnabel NicIllFhinnein

Geàrr-chunntas – Sgeulachd èibhinn mu bhusaichean na sgìre.

Fad a’ Chlàir (h:m:s) – 00:05:02
Àm Clàraidh – 2004
Cànan – Gàidhlig
Seòrsa – Sgeulachd
Cruinneachadh – BBC

Àireamh a’ Chlàir – 93524
Àireamh an Teip ThùsailMOD 2004 001
Càileachd an FhuaimeMath
Cruth Inneal a’ ChlàirCD

 

“Tha Steòrnabhagh sgrìobhte toiseach a’ bhus agad” ars’ a’ chailleach gu feargach. (Cead o Chreative Commons)

602630371_a892899abd_o

Buaireadh mòr nam busaichean

Briog air a’ cheann-tiotail gu h-àrd airson a dhol dhan chlàr-èisteachd.

Cha robh turas a dh’fhosgladh tu an Gazette, neo a chuireadh tu air Radio nan Gàidheal as t-earrach a chaidh, nach e buaireadh busaichean na Hearadh a bh’ anns na naidheachdan. Sin agadsa competitive tendering dhut.

Nach robh còmhstri air choireigin air a bhith eadar Leòdhasaich is Hearaich bho linn cogadh nan con? ’S ann agam fhìn a tha fios agus faireachdainn air a-sin, is cas agam anns an dà champ.

Bidh m’ athair ag ràdh nach tèid esan ’na Leòdhasach ged a bhiodh e ann an Griais ’s gus an dubh fhiaclan. Is tha mo mhàthair cho Leòdhasach ri fàd mònadh. À uil…tha mise na mo mhulticultural hybrid. Ge be dè a’ Ghàidhlig a th’ air a-sin.

Tha mi a’ cur seachad mo bheatha a’ feuchainn ris an dà thaobh a riarachadh. Rud nach gabh dèanamh. Feumaidh mi a bhith faiceallach nach cleachd mi facail Hearach ann an Griais, agus air mo cheart mhionnan nach can mi facail Leòdhasach ann an Gobhaig! ’S e “tha mi fhìn a’ gabhail “copan boinne”” a dh’fheumas mi a ràdh aig an taigh. Ach deas air a’ Chliseam, ’s e “tha mi fhèin a’ gabhail cupa bainne” a bhios agam. Ged tha càch mar a tha iad, ’s e an Gobhaig as miosa. A bheil fhios agaibh ge dè a bhios aige orm fhìn ’s air mo phiuthar Màiri? Mo thurd agus mo ho

Tha, thachair a’ mhaidse ris an turas mu dheireadh a bha sinne thall anns na Hearadh. Bha mo sheanair na shuain chadal madainn na Sàbaid, a chlab fosgailte agus fhiaclan ann an glainne ri taobh na leapa. Siud Calum, mo bhràthair beag, a-steach dhan rùm, agus stob e fhiaclan sìos a thòin a ghoile. An ath-rud, nochd seanair ann an doras a’ chidsin, ’s e a’ casadaich agus a’ gòmadaich. Abair sealladh na dhrathais ’s na vest. Cha toireadh e càil na do chuimhne ach Gandhi. Seach nach b’ urrainn dha bruidhinn, ghabh mis’ an cothrom seo a ràdh ris:

“I used to be a Hearach, but I’m alright now.”

Chan ann tric nach bi freagairt aigesan.

Co-dhiù, air ais gu buaireadh mòr nam busaichean, ’s mi dol seachad air mo sheanchas mar a bhiodh Ronnie Corbett. Abair gun d’fhuair dràibhearan na Hearadh am moladh a’ ghreiseag ud. Iad cho modhail, dòigheil , foighidneach, a’ togail cridhe luchd-turais agus a’ cuideachadh nan cailleachan. Bidh dràibhearan sgìre Bhac — Murdo Ailein is Calum Gobbs, a’ cumail a-mach gu bheil iadsan a cheart cho modhail. Cha chuala sibhse na rudan a bhios iad ag ràdh nuair a gheibh iad puncture ge-tà.

Bidh facail aca nach dùraigeadh Dwelly a chur dhan Dictionary. Chan fhaigh mi maitheanas gu bràth airson an sgeulachd mu bhusaichean na Hearadh innse. Mas breug thugam i, ’s breug bhuam i.

Bho chionn grunn bhliadhnaichean, thàinig cailleach mhòr Leòdhasach far steamer an Tairbeirt. Chaidh i air bus a bha air a’ chidhe agus Steòrnabhagh sgrìobhte air a thoiseachd. Dh’fhaighnich i dhan dràibhear cuin a ruigeadh am bus Steòrnabhagh. Fhreagair esan gur ann a bha e a’ dol a Ròghadail.

“À uill, tha Steòrnabhagh sgrìobhte toiseach a’ bhus agad,” ars’ ise gu feargach.

“A bhrònag bhochd, tha India sgrìobhte air na tyres, chan eil càil a dhùil agam a dhol an sin.”

Chan eil teagamh nach ann aig an Hearach a bha am facal mu dheireadh an turas ud.

 

 

 

 

One thought on “Buaireadh mòr nam busaichean – tar-sgrìobhadh

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s