Bainnsean ann am Miughalaigh

Tiotal a’ Chlàir – Bainnsean ann am Miughalaigh.

Gheibheadh a h-uile duine ann am Miughalaigh cuireadh gu banais. Bhiodh fìon, uisge-beatha agus biadh gu leòr ann. Bhiodh an rèiteach agus a’ bhanais ann an dachaigh na tè a bha a’ pòsadh. Dh’fheumadh iad a dhol a Bhàgh a’ Chaisteil airson a’ phòsaidh fhèin, oir cha robh sagart ann am Miughalaigh.

Èist ris na boireannaich a’ bruidhinn mu dheidhinn phòsaidhean ann am Miughalaigh.

 

“Cha robh pòsaidhean is bainnsean mar a tha iad an-diugh, Ealasaid.”

Cha robh air an aon dòigh.

“Bhiodh a h-uile duine, tha mi cinnteach, a’ faighinn fiathachadh”

Bhitheadh. A h-uile duine a’ faighinn fiathachadh ’s a’ dol a dh’ionnsaigh nam bainnsean.

“Bhiodh fìon ’s uisge-beatha”

Ò, bhitheadh uisge-beatha ’s a h-uile rud mar a tha iad an-diugh.

“Biadh gu leòr”

Is biadh gu leòr. Fada nas fheàrr na na bainnsean a th’ ann an-diugh.

“Tha mi cinnteach”

Feòil is biadh is a h-uile rud.

“An ann san taigh aig an tè a bha seo?”

Sin agad, sin agad ’sann, ’sann far an dèant’ a’ bhanais.

“Agus dè mu dheidhinn an rèiteach? Bhiodh rèiteach…”

Bhiodh rèiteach a’s an aon rud.

“A’s an aon taigh cuideachd?”

A’s an aon taigh a-rithist. Mar a tha e an-diugh.

“Aidh. Agus, em, dh’fheumadh an sagart tighinn a Mhiughalaigh?”

Chan ann, ’s ann a dh’fheumadh iad fhèin a dhol a Bhàgh a’ Chaisteil airson a’ phòsaidh.

“Cha robh an sagart a’ dol a Mhiughalaigh idir?”

Cha bhiodh e gam pòsadh idir, ach dh’fheumadh iadsan a dhol a Bhàgh a’ Chaisteil airson am pòsadh aca.

“Tha mi tuigsinn.”

Tilleadh a-null a Mhiughalaigh, fhios agad, ’s a’ bhanais a dhèanamh thall.

“o aidh. Ma tha, bheireadh iad a h-aon no trì lathaichean?”

Cha toireadh.

“An dèanadh iad san aon latha e?”

Uill, cha dèanadh iad san aon latha e. Ach dhèanadh iad a’s an dà… dh’fhalbhadh iad an-diugh a Bhàgh a’Chaisteil, ’’s nam biodh an tìd’ ann, phòstadh sa mhadainn iad. Thilleadh iad an latha sin a Mhiughalaigh, ’eil fhios agad.

CEISTEAN

 

  1. Dè na rudan mòra a bha diofraichte eadar bainnsean a bh’ ann agus bainnsean an latha chaidh a chlàradh?

What were the main differences between weddings then and weddings at the time of the recording? (2)

 

  1. Dè a bhiodh aoighean a’faighinn aig bainnsean ann an làithean a dh’fhalbh?

What would guests get at past weddings?

Dè do bheachd?

Please log in using one of these methods to post your comment:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s