Buaireadh mòr nam busaichean – tar-sgrìobhadh

Seo agaibh sgeulachd fìor èibhinn air a h-aithris gu deas le tè òg ’na blas sònraichte Leòdhasach. Thug e gàire nach beag ormsa. P.S Tha rud no dhà ann nach do thog mi ceart (air dhath buidhe), agus mar sin, ma thogas sibhse iad, bhithinn fada nur comain nan cuireadh sibh fios thugam gus na beàrnan beag… Read More Buaireadh mòr nam busaichean – tar-sgrìobhadh

Donnchadh Mòr Làidir (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI) – Earrannan mu dheireadh

Nis, ged a bha Donnchadh Mòr tapaidh ann an strì, bha rud ciùin is coibhneil ann cuideachd. Aig aon am bha banarach aig athair Dhonnchaidh, a-muigh aig àirigh air cùl a’ Chaorain Mhòir. Dh’fhàs a’ bhanarach a bha seo tinn le fiabhras agus dh’fheumadh i bhith air a toirt a-nuas gu strath airson coimhead às… Read More Donnchadh Mòr Làidir (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI) – Earrannan mu dheireadh

Cunntas air Donnchadh Mòr Làidir 3 (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI)

Le Donnchadh MacMhathain, Cinn Tàile, 25 Màrt 1988 Bha nise Donnchadh Mòr aig àm dhe bheatha gu robh e an treun a neart, agus bha an t-ainm aige air a dhol fada ’s farsaing, is gun do chuir Uilleam Iarla Sìophort teachdaireachd e a thighinn air a bheulaibh gu Caisteal Bhrathainn gus gu faiceadh e… Read More Cunntas air Donnchadh Mòr Làidir 3 (Sgeulachdan Ghleann Eilcheag, TGSI)

Earrann à Sgeulachdan Ghleann Eilcheag (TGSI) – Iain Breac

Bha sia mic aig an Urramach Fearchar MacRath, ministear Chinn t-Sàile a chaochail ’sa bhliadhna sia ceud deug agus trì fichead ’s a dhà. ’Se Iain Breac an t-ainm air a mhac a b’òige a bha aige agus airson mòran bhliadhnachan bha tac aig dhe Achadh nan Gargain an Gleann Eilcheag. ‘Se tuathanach dìcheallach a… Read More Earrann à Sgeulachdan Ghleann Eilcheag (TGSI) – Iain Breac

AM FIGHEADAIR CROTACH (Loch Raonasa, Eilean Arainn)

http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/play/8949;jsessionid=3D34466F52A5F16911AED1DDCBCA50FF Bho chionn fada nan cian bha figheadair beag, crotach a’ còmhnaidh an Loch Raonasa. Latha agus e a’dol don bheinn a bhuain rainich, thainig e gu h-obann air buidheann shìbhrich agus iad mu theinn a’ damhsadh ann an lagan uaine, grianach, uaigneach. Làn neònachais laigh e sìos aig cùl garaidh-balla a chum ’s gum… Read More AM FIGHEADAIR CROTACH (Loch Raonasa, Eilean Arainn)